IASG DRIOMANACH

Red mullet

MULLUS SURMULETUS

Ged a tha an aon seòrsa ainm aca ri muileid ach anns dòigh anns an bheil iad a’ còcaireachd. 

Tha an grùthan aig an t-iasg a’ faicinn mar grinneas le tòrr dhuine gu h-àraidh le daoine timcheall an sgìre meadhan-thìreach. 

B’ urrainn na h-èisg driomanach a’ fàs suas gu dà fhichead ciadameatairean ach tha e nas cumanta airson iad a bhith timcheall air fichead.  Bidh e air a lorg timcheall Breatann agus cuideachd cho fada ri falbh ri Florida agus an Caribbean.

Tha an t-àm gintinn eadar an Cèitean agus an t-Iuchar agus nuair a tha na feadhainn beaga air a bhreith bidh iad a’ fuireach faisg air bàrr na mara gus a bheil iad deiseil airson a’ dol nas domhainn.  Nuair a tha iad nan inbhich bidh iad a’ fuireach aig bonn na mara anns na caoran beaga anns na mara faisg air an oirthir tron na mìosan samhradh.

Chan eil fiaclain air an peirceall uasal agus tha an earball mar forc.  Tha dà ite air agus bidh an dath ag atharrachadh a thaobh diofar suidheachaidhean mar eisimpleir an t-àm dhen latha, staid agus dochann ach mar as àbhaist tha e pinc no dearg le tri no ceithir stiogan buidhe a’ dol air fhad na taobhan.  ‘S e brù geal no soilleir a th ‘aca.  ‘S e an dath as fheàrr airson an t-iasg a bhith a thaobh blas a tha pinc le stiogan òr agus dubh air an ite. 

Tha am blas aig an iasg driomanach caran mar maorach agus ‘s e sin air sgath ‘s gu bheil sin am prìomh bhiadh aig an t-iasg còmhla ri boiteagan.  Tha e nas fheàrr ma tha an t-iasg seo air coicearachd cho luath sa b’ urrainn dhuibh airson am blas as fheàrr.  Math a thaobh pròtain, fosfor, aidhiodain agus iarann.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

DÒIGH COCAIREACHD

IASG DRIOMANACH AIR A DHÈANAMH ANN AM FÌON GEAL

 

Bradan Carinish

 

Na rudan a tha feum air:       1 iasg driomanach

                                                1 uinnean air a ghearradh suas

                                                180ml de fìon geal

                                                15ml de binigear fìon

                                                 Flùr

                                                 Liomaid no orains

                                                 Pairseil

                                                 Meannt ùr

                                                 Creamh

                                                 Ola

                                                           

An dòigh coicearachd:

 

1.      Cur dà phìos meannt agus aon pìos beag de creamh ann gach iasg driomanach.

2.      Rol iad ann am flùr agus frighig iad gu faiceallach ann an ola.  Sìolaidh iad agus cur iad ann an truinnsear.

3.      Airson an sabhs, frighig an uinnean ann an ola, nuair a tha e faisg air donn cur am fìon geal ann agus am binigear.  Slaop an sabhs airson 15 mionaidean.

4.      Fàg e gus a bheil e fuar.  Cur e thairis air na h-èisg le beagan pairseil agus sliseag no dhà de liomaid no orains.  B’ urrainn dhut am biadh seo ag ithe teth cuideachd.