LEABAG BHREAC

Pleuronectes platessa - Rødspette - Plie, Carrelet – Goldbutt

 

 

 

 

Ann an 1980 thàinig lagh a-steach a thaobh am meud as lugha dhen lèabag bhreac am b’ urrainn dhaibh a’ glacadh.  ‘S e am meud 28 ciadameatairean.  Tron na 90s bha na h-àireamhan as motha airson leabag bhreac a’ glacadh agus bha sin an adhbhar airson an stoc a’ dol sìos gu ìre fo ìre a tha sàbhailte a thaobh gintinn.

 

Mar tòrr èisg eile ann an teaghlach còmhnard tha an dà shùilean air an aon taobh, air an taobh ceart.  Tha e sèimh agus donn le tòrr pìosan dearg a tha gu math fa leth aca air an taobh uarach agus tha e geal air an taobh eile.

 

‘S e an t-àm airson gintinn eadar deireadh an Geamhradh agus toiseach an Earrann aig domhain 20 agus 50 meatairean.  Bidh gach boireannaich a’ dèanamh 500,000 uighean tron an àm seo.  Bidh iad a’ ruigsinn ìre inbheach eadar còig ‘s seachd bliadhna a dh’ aois nuair a bhios iad eadar 33 agus 43 ciadameatairean a dh’ fhad. 

 

Bidh iad ag ithe baoiteagan agus na feadhainn as motha ag ithe èisg eile.

 

Tha iad cumanta anns na mara timcheall air Breatainn gu h-àraidh anns an Cuan Tuath.  Bidh iad timcheall an oirthir eadar 10 agus 50 meatairean ach dh’ fhaodadh e a’ dol cho domhainn ri 250.  Bidh na feadhainn as òga a’ fuireach nas fhaisge air an tìr.

 

Tha e nas fheàrr ma ithe thu an t-iasg cho luath s’ urrainn dhut as dèidh a’ glacadh airson am blas as fheàrr fhaighinn.  Tha tòrr beòthag B12,A agus D ann.

 

 


DÒIGH COCAIREACHD

LEABAG BHREAC A’ LIONADH LE CAISE CREAMH AGUS LUIBH

 

 

Airson ceithir daoine

 

Na rudan a tha feum air:       4 sgoran de leabag bhreac 
300ml de uisge
Salann agus peabar
100g de caise creamh agus luibh
25g de ìm

                                                25g de flùr

20ml de taois tomato

 

An dòigh coicearachd:

 

1.      Cur na sgoran, salann agus peabar ann am pana a bhith slaop airson còig mionaidean.

2.      Sìolaidh a’ cumail an lionn.

3.      Rol an sgoir timcheall air pìos dhen chaise fhad sa tha iad teth.

4.      Leagh an ìm, cur an flùr ris agus cocair.  Cur an lionn agus taois tomato ann airson sabhs a dhèanamh.

5.      Dean còta air na sgoran leis an sabhs.