leabag leathann

Hippoglossus hippoglossus-Kveite -Flétan de l'Atlantique-Heilbutt

 

‘S e seo an t-iasg as motha anns an teaghlach èisg còmhnard.  Mar as àbhaist tha an t-iasg seo a’ lorg eadar 25 agus 100 punnd ach b’ urrainn dha a’ fàs gu leth tunna agus 3 meatair.  Lorg sibh leabag leathann ann an Cuan Siar agus Cuan Sèimh.  Tha na feadhainn beaga air a lorg ri taobh an oirthir ach na feadhainn inbheach anns na mara domhainn eadar 300-2000 meatairean.  Tha iad a’ glacadh le lìonan grunnd.

 

Tha coltas caran neònach air na h-èisg còmhnard air sgath ‘s gu bheil e cumanta ma tha na dà sùilean aca air aon taobh.  Air am fear seo tha iad air an aon taobh a tha glas agus tha an taobh eile geal.

Tha cus daoine ag iasgach air an son agus bhon a seo tha iad a’ feuchainn ri leabag leathann a dhèanamh ann an tuathanas ach chan eil e a’ tachairt mar tha.  Thàinig laghan a-steach cuideachd airson an trioblaid seo a càradh.  Tha feum ann airson am meud as beaga a bhith 28 ciadameatairean agus tha lagh eile a thaobh na tollan anns na lìonan a bhith nas motha airson na feadhainn beaga nach eil mòr gu leòr a’ faighinn air falbh gun cron.   Òrdugh gu math cruadih a thàinig a-steach a bha nach b’ urrainn dhaibh iasgach eadar 20th Dùbhlachd agus 31st dhen Mhàirt airson leabag leathann. 

‘S e adhbhar eile airson an t-iasg seo a bhith ann an cunnart a tha gu bheil e a’ fàs aig astar gu math slaodadh agus tha e anmoch dhen bheatha mus a bheil iad aig aois inbheach far am b’ urrainn dha mealgachadh a dhèanamh.

Thathar ag ràdh gu bheil sin aon de na h-èisg as fheàrr airson còcaireachd air sgath ‘s nach eil tòrr ola agus chan eil cus blas ann.  Tha feòil bog, geal, blasda agus cleiteach air.  Feumaidh tu cumail sùil nach do thiormachadh e nuair a tha thu ga chòcaireachd.  Tha na dòighean nas fheàrr airson am feòil seo a’ còcaireachd bruich, frighig agus slaop.  Mar èisg eile tha tòrr rudan math ann a thaobh shlàinte mar beothag D, pròtain agus selenium

 

 

 

 

 

 

 

 

DÒIGH COCAIREACHD

LEABAG LEATHANN LE PAPILLOTE

 

 

 

Airson dithis.

 

Na rudan a tha feum air:       2 dà spàin bùird de ìm

                                                ½ spàin tì de creamh ann pìosan beaga

                                                ¼ spàin tì oregano

                                                2 spàin bùird de pairseil air a ghearradh suas

                                                2 12 x 10 uidh duilleag de foil

                                                2 uidh tiugh leabag leathann

                                                Salann agus peabar

                                                2 spàin bùird de fìon geal

                                                1 mearag bheag ann pìosan beaga

                                                1 currain ann pìosan beaga

 

An dòigh coicearachd:

 

1.      Ann am bobhla, sgabaistich ri chèile ìm, creamh, oregano agus pairseil.

2.      Cur an t-iasg air an aon taobh de foil a’ fàgail rùm gu leòr airson papillote, pòcaid, a dhèanamh.

3.      Cur salann peabar agus fìon air agus an mearag bheag air aon taobh agus an currain air taobh eile.  Sgaoil am measgachadh ìm thairis air an t-iasg.

4.      Lùib am foil thairis agus dean da pòcaid a’ cur dealgan-fhiacal ann airson dèanamh cinnteach gu bheil e seulach.

5.      Fuin airson deich mionaidean agus fosgail iad gu math faiceallach.