LEABAG
Solea
solea

B’ urrainn an t-ainm leabag a bhith a chur
air iasg sam bith a tha nam fleogan.
Tha iad a’ snàmh air aon taobh agus tha na sùilean aca air an taobh
uarach. ‘S e liomaid agus Dover na
feadhainn as cumanta. Tha am meud as
àbhaistiche airson an t-iasg timcheall air dà phunnd agus eadar fichead sa
deich agus dà fhichead ciadameatairean air fad.
Tha an t-àm gintinn anns an Earrach anns na
mara timcheall Sasainn a deas no anns an Cuan Tuath anns an t-samhradh. Bidh gach boireannach a’ dèanamh mu ceud
mìle uighean anns na mara eu-domhainn.
Nuair a tha na feadhainn beaga aig 12 ciadameatairean air fad bidh iad
a’ gluasad gu bonn na mara. Bidh iad a’
ruigsinn aois inbhich eadar tri agus còig bliadhnaichean nuair am biodh iad
eadar fichead sa còig agus fichead ciadameatairean sa deich.
Tha an t-iasg seo a’ lorg anns na mara
Breatannaich ach tha e nas cumanta air na mara sa deas. Mar as àbhaist bidh iad a’ fuireach anns na
mara eu-domhainn far am bi iad a’ cealachadh san gainmheach tron an latha agus
a’ tighinn a-mach air an oidhche airson a’ biadhtachadh. Mar tòrr dhe na h-èisg eile bi iad ag ithe
boiteagan agus beathaichean eile gun chnàimh-droma.
Mar tòrr dhe na èisg eile tha diofar ann
airson a bhith còcaireachd, bruich, frighig, slaop ach tha e nas fheàrr ma fàg
thu còcaireachd an t-iasg airson beagan làithean as dèidh glacadh air sgath ‘s
gum biodh e ro theann.
Airson
ceithir daoine
Na
rudan a tha feum air: 4 x 350-450g de leabag
liomaid
15g
ìm air a leagh
Salann
agus peabar dubh
Airson an ìm lemongrass: 1 cas de lemongrass
Rùsg
de leth aol
10ml
de sùgh aol
1
ciadameatairean stoc geinsear ùr
pairseil
100g
de ìm le salann
15ml
de sabhs èisg
An dòigh coicearachd:
1. Dean an ìm san chiad àite. Cur a h-uile rud san ‘food processor.’ Coimeasgaich gus a bheil e tlàth, cur e ann meadhan pìos
clingfilm agus dean e ann an rol ceithir ciadameatairean teann agus cur e san
fuaradair.
2. Nuair a tha an ìm fuar, teas an grìosaich. Gèarr dheth na h-itean agus na h-earballan le siosar. Cur ìm air gach taobh agus beagan salann agus peabar. Cocair gach iasg air treidhe bèicearachd airson ceithir no còig mionaidean.
3. Faigh a-mach an ìm lemongrass agus gèarr e ann an cearcaill agus cur iad air bàrr gach iasg.