NA TRIOBLAIDEAN A THAOBH TROSG
‘S e iasgach aon de na
gnìomhachasan as motha ann an Alba a’ gabhail a-steach barrachd air 28,000
obair. Tha an gnìomhachas seo a’
gabhail a-steach £3 millean gach bliadhna.
Tha a’ chiad trioblaid gu bheil
an stoc dhen trosg a’ ruith a-mach agus mura h-eil rudan ri dhèanamh mu
dheidhinn cha bhi trosg air fhàgail anns na mara timcheall Breatann an ath
bhliadhna. Aig an àm seo tha 38,000
tunna anns na mara ach tha feum aig barrachd na 150,000 airson an stoc a bhith
aig ìre shàbhailte agus làidir gu leòr airson a’ cumail beò. Tha barrachd air
leth phàirt dhen stoc air a ghlacadh gach bliadhna agus ‘s e seo an ìre as iasaile
airson stoc troisg airson ceud bliadhna.
Chaidh an coire a chur air tòrr diofar rudan. An rud a tha ‘s dòcha as fhasa a bhith a’
dèanamh ceart a tha gu bheil trosg beag a’ glacadh anns na lìontan agus tha ro
bheag airson reic. Bhon a seo tha iad
a’ cur air ais dhan mhuir ach uaireigin tha iad marbh neo mura h-eil rinn sin
cron orra. Thàinig lagh a-steach a
thaobh am meud dhe na tuil anns na lìontan, bha feum aca a bhith nas motha
airson na feadhainn beaga a’ faighinn air falbh. Chan eil mi buileach cinnteach dè cho làidir ‘sa tha an lagh seo
neo ma tha e ag obair ach tha fhios agam gun robh sin ‘s docha an rud as fheàrr
a rinn anns a’ chiad àite.
Thathar
ag ràdh gun do thàinig na trioblaid leis teicneolas ùr. Bhon an latha nuair a bha daoine dìreach a’
dol a –mach le beagan àireamh de chliabhan dhan latha an-diugh far a bheil tòrr
innealan agus rudan ann airson gar cuideachadh. Thàinig a-steach rudan a tha a’ dèanamh nas fhasa airson èisg a’
lorg agus a tha sealltainn far a bheil iad.
‘S e gnìomhachas mòr a th’ ann le tòrr co-fharpais eadar na bàtaichean
gu h-àraidh na feadhainn bho thall-thairis.
Tha
feum air rudan a bhith a dhèanamh nam biodh gnìomhachas ann ach tha e coltach
nach eil na h-iasgairean ag aontachadh leis na h-àireamhan a tha an riaghaltas
a’ cleachdadh. Nam beachdsa tha ìre
dhen trosg a’ dol suas le 75%, tha sin air sgath ‘s gu bheil iad a’ glacadh
agus a’ cur dhan tìr. Bha na ìrean briodadh glè mhath ann an 1999 agus 2000 cuideachd agus chan
eil iad a’ tuigsinn ciamar nach eil an gnìomhachas ceart gu leòr.
‘S
e sealladh diofraichte aig muinntir an riaghaltas agus aig buidheannan a tha
dìon am mara. Tha iadsan ag ràdh gum
biodh e doirbh airson cumail a’ toirt bathair dha na daoine mura h-eil e ann
agus air sgath ‘s gu bheil muinntir a’ Bhreatainn ag ithe 170,000 tunna dhen
trosg gach bliadhna bidh mìorbhail ann ma b’ urrainn dha sin a chumail a’ dol.
Bha
toirmisg ann mar tha eadar Meadhann an Gearainn gu
deireadh an Giblean 2001, b’e seo an ùine gintinn aig trosg agus bha e deagh
cothrom airson barrachd a dhèanamh ach cha do rinn e gu leòr. Bha `pàirt dhen trioblaid gun robh an toirmisg
dìreach air trosg ach tha trosg a’ glacadh anns na lìontan còmhla ri adag agus
iasg geal. B’ e seo an glèidhteachas as
cruaidhe bhon Common Fisheries Policy bhon an t-àm a thoisich e ann an 1989. Thèid toirmisg fa leth a-steach anns an t-àm
ri teachd ach mar tha chuir iad laghan ann mu dheidhinn am meud dhen tuil a tha
anns na lìontan agus tha iad a’ dèanamh plana airson an còig bliadhna sa
tighinn. Tha na h-iasgairean ag ràdh
nach dean sin gu leòr idir agus ma dean e ‘s docha bidh na trosg agus èisg eile
a’ mair beò ach cha bhi an gnìomhachas iasgach.
Ma
tha toirmisg a’ dol a thachairt bhiodh tòrr buaidhean aige air tòrr raointean
diofraichte. Bhiodh an ìre gun obair a’
dol suas agus bhiodh sin a’ cosg tòrr airgead dhen dùthcha mar a rinn e mar
tha. Bha sgeama ann beagan
bliadhnaichean air ais a bha a’ toirt airgead dha na h-iasgairean a bha deònach
airgead fhaighinn airson a’ fuireach a-staigh agus a’ fàgail iasgach. Fhuair 11% dhen mhuir-chabhlach Albannaich
barrachd air £25 millean airson sin a dhèanamh agus nam biodh sin a’ tachairt
a-rithist bhiodh an suim tòrr nas àirde.
A-mach
sa fichead sa h-aon beathaichean malairteach a th’ anns a mhuir tha ochd deug
fo ìre sàbhailte a thaobh mairsinn. ‘S
urrainn dhaibh ag ràdh gu bheil an Cuan ann an droch staid agus gun bheil feum
air tòrr rudan a bhith dhèanamh agus le barrachd air 28,000 duine an sàs ann.