BALAICH AN IASGAICH
Oran le Dòmhnall Moireasdan (Dòmhnall 'an Moireasdan),
Bràgar, Leòdhas agus Duluth. Chaochail e ann an Duluth ann an 1951.
Tha 'n t-òran seo a' toirt dealbh air na cruadalan a bha an lùib an iasgaich
agus cuideachd air dòigh-beatha aig an àm. Mura biodh an t-iasgach math
dh'fheumte a dhol ann am fiachan agus eadhon preasain a' phòsaidh a thoirt
a-mach "air dhàil".
Sèist: Fàilte gu fearann air
balaich an iasgaich
Iomradh is tarraing is gearradh a' bhiathaidh,
Coma leam leabaidh no cadal no biadh
Gum faigh mi mo lìon an òrdugh.
~
Bàtaichean Gallach a' gearradh an t-siabain,
Biotadh gu caladh an aghaidh sruth lìonaidh,
Bàtaichean biorach aig Nisich is Siaraich
Fada mun iar air Rònaigh.
~
Tha 'n geamhradh cho fada 's an gaillean cho cruaidh,
Droch shìde le cabhadh, clach-mheallain is fuachd,
Cha mhòr tha chur-seachad aig balaich 'an Ruaidh
Ach cèilidh is bualadh eòrna.
~
Thig an Fhèill Phàraig mum pàigh sinn na fiachan
Ri dorghach nam biorach air slios an Taoibh Siair;
Tha prìs air an langainn an Sasainn am bliadhna
'S gheibh mi mo lìon an òrdugh.
~
Bidh riasladh is màladh air ràmh agus cliabh
Gun iaradh no tàmh eadar àiteach is lìon;
Thug Cailean a làmh dhomh nam pàigheadh an t-iasg
Gu faodainn Cairistiona phòsadh.
~
'S i leabaidh as fheàrr leam na gàbhadh nan tonn
Tha plaide mo mhàthar 's mo làmh fo mo cheann,
Nas fheàrr na bhith lapadh ri fasgadh nan crann
Ag èisteachd ri srann nan ròpan.
~
Siud agaibh na balaich nach gearain air cruadal,
Sìnt' air a' bhalaist gun pheallaig mun uachdar;
Còignear no seisear 's an lethcheann air cluasaig,
Ulpagan cruaidhe Cheòsan.
~
Nuair thig sinn à Gallaibh 's a thogar am bàrr,
Bheir bùth Sheumais Chaluim dhuinn preasain air dhàil;
Bidh dùil 'am bho Chailean ri feannag no dhà,
'S bheir m' athair a' phàirc is bò dhuinn.
~
Nam faighinn Càiristiona chan iarrainn a-chaoidh
Ach bothan beag riabhach is sìoman mu dhruim
Sabhal is bàthach is stàbhag bò-laoigh,
Gearran beag donn is òisgean.
Grinn, donn, sgiobalta
Grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air
an ùrlar,
grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air an ùrlar,
grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air an ùrlar,
cha robh giobag idir ann cho sgiobalt' ris an t-seanmhair.
Càite am bi na maraichean an oidhche a bhios
an gèile ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an gèile ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an gèile ann
dannsa le na caileagan an taighean-sgoile Lerwick.
Càite am bi na maraichean an oidhche a bhios
an sian ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an sian ann,
càite am bi na maraichean an oidhche a bhios an sian ann
dannsa le na caileagan an taighean-geala Ghrianaig.
Càite an tèid na maraichean an oidhche a
bhios am bùrn ann,
càite an tèid na maraichean an oidhche a bhios am bùrn ann,
càite an tèid na maraichean an oidhche a bhios am bùrn ann
a dh'iasgach na h-adagan a-mach à Port nan Giùrain.
Bàta mòr na litrichean a-nochd a' tighinn à
Eirinn,
bàta mòr na litrichean a-nochd a' tighinn à Eirinn,
bàta mòr na litrichean a-nochd a' tighinn à Eirinn,
litir bho mo chaileag is gu cinnteach thèid a leughadh.
Null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad
Eirinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Eirinn,
null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Eirinn,
null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun tèid sinn.