SGADAN

Clupea harengus - Sild - Hareng – erring


 

 

Tha an stoc air argnachadh air sgath ‘s gun do tàinig dòighean ùr a-steach airson glacadh anns na 60s agus bhon a seo bha e air argnachadh anns na 70s.  Thàinig òrdugh dìon a-steach airson an stoc ga shàbhaladh. 

 

Tha an corp gorm dorcha no uaine le airgead air a bhrù.  ‘S e earball mar forc air le dìreach da ite.  Tha beul mhòr air le fiaclan beag, lag.

 

Tha e neònach airson sgadan a bhith nas fhaide na 30 ciadameatairean ach b’ urrainn dhaibh a’ fàs gu 43.  Tha an graf seo a’ sealltainn an diofar eadar fad agus cuideam. 

 

 

Bidh thu a’ faighinn sgadan tana tron geamhraidh agus sgadan reamhar tron an t-samhradh.

 

Tha e air a lorg air an da taobh dhen Cuan Siar ach na h-àiteachan nas motha ann an Cuan Tuath agus am Baltic.   Tha iad a’ lorg eadar 2 agus ceithir ceud meatairean bhon bàrr na mara.  Bidh na feadhainn boireann a’ dèanamh eadar 20,000 agus 40,000 uighean.   Mar as trice bidh iad a’ ruigsinn aois inbhich timcheall air tri bliadhna a dh’aois.  Bidh na feadhainn inbheach ag ithe planctan.  Bidh iad a’ dol ann caoran mòr anns na mara faisg air an oirthir.  Bidh iad a’ snàmh nas fhaisge air bàrr na mara tron an oidhche agus nuair a tha e nas soilleire bidh iad a’ dol nas domhainn.    

 

 

‘S e gnìomhachas taomboileach a th’ ann ach tha sèasan ann airson gach àite.

 

àite

sèasan

Sealltainn

An Cèitean gu An t-Sultain

Ceann Phàdraig

An Cèitean gu An Lùnasdal

Yorkshire

An Lùnasdal gu An Dàmhair

East Anglia

An Dàmhair gu An Dùbhlachd

Milford Haven

An Dùbhlachd gu An Gearran

Eilean Mhanainn

An t-Ògmhios gu An Dàmhair

Cluaidh

Fad am bliadhna

 

 

 Chaidh an àireamh a bha air a ghlacadh sìos as dèidh an darna cogadh ach a-nis tha e a’ dol suas a-rithist  


 

Bliadhna

Tonnaichean(mìltean)

£ millean

1938

276

1·9

1948

270

5·4

1951

169

3·7

1960

111

2·5

1966

115

2·9

1967

102

2·7

1968

95

2·6

1969

124

3·3

1970

145

4·7

 

 

Tha an t-iasg seo a dhèanamh ann tòrr dòighean mar kippers, roll mops m.s.a.a.  ‘S e fàileadh gu math làidir a’ tighinn bhuam agus tha iad gu math olach.  ‘S e sin an aon iasg geal a tha atharrachadh a thaobh co-mhisgeachd ceimigeach  a thaobh an sèasan.  As dèidh mealgachadh tha dìreach aon a-mach sa cheud saill ann an sgadan aig dìreach roimh mealgachadh tha e barrachd air fichead a-mach sa cheud.  

 


Seann-fhacail: 'Sgadan geàrr gun mhealg gun iuchair, 's mairg brù an tèid e'

                          'Druim an sgadain, tàrr a' bhradain, 's cùl-cinn a' bhric-dhuibh'

                          'Cho marbh ri sgadan'

                          'Chan ioghnadh boladh an sgadain a bhith den t-soitheach sam bi e'

                'A lìon beagan is beagan, mar a dh'ith an cat an sgadan'

 

DÒIGH COCAIREACHD

 

 

 

 

 

Gritheidean
Sgadan ùr
Min-choirce
Salann
Ola-còcaireachd

 

 

 

 

 

 

 

 

Dòigh-deasachaidh

 

1

Dòigh-deasachaidh

Sgoilt an sgadan is sad às na cinn.
Thoir an cnàmh às.
Nigh an sgadan is clap e gus a thiormachadh.

 

 

 

 

 

2

Dòigh-deasachaidh

Cuir salann air taobh a’ chraicinn.
Tùm e ann am min-choirce gus am bi e air a chòmhdachadh.
Dèan an taobh eile san aon dòigh.

 

 

 

 

 

3

Dòigh-deasachaidh

Fraighig e ann an ola theth airson timcheall air 5 mionaidean air gach taobh.

Fritheal e le buntàta bruich is bainne. Cha bhitear a’ cleachdadh sgian no forc idir!

 

 

 

 

 

 

 

SGEULACHD

 

Tha an sgeulachd seo air a h-ath-sgrìobhadh bhon sgeulachd len aon ainm a chaidh fhoillseachadh ann an Leabhraichean leughaidh Blackie leis a' Chomunn Ghàidhealach. Bu chòir dhith bhith freagarrach do sgoilearan anns a' chiad agus an dara bliadhna san àrd-sgoil.

"Am faca tu a-riamh sgadan beò? 'S e iasg glè bhòidheach a th' ann, gu h-àraidh nuair a thig e beò às a' mhuir.
Tha e làidir sùbailte agus tha gach lann a' deàrrsadh le iomadh dath àlainn. Ach 's e iasg glè neònach na nàdair agus na dhòighean a th' anns an sgadan.
Chan eil e idir coltach ris an trosg no èisg eile na mara. Chan eil math dhut a dhol ga iasgach le biadh air dubhan oir cha toigh leis biadh mar sin idir.
Tha e rudeigin coltach ris a' bhreac 's ris a' bhradan agus cha toigh leis ach seòrsa de shìol èisg ris an canar "an sìol dubh" no "sìol an sgadain".
Ciamar a-rèist a bhithear a' glacadh an sgadain mura bheil dubhan gu feum? Bidh le lìon.
Tha na mogail mòr gu leòr 's gun tèid ceann an sgadain tromhpa ach cha tèid a chorp. An uair a bhios e a' feuchainn ri snàmh tron mhogal, tha snàth an lìn a' dol do na giallan aige agus tha e air a ghlacadh.
Mar as trice, 's ann air an oidhche a bhithear ag iasgach an sgadain. Is ann an uair sin is àbhaist dha a bhith a' gluasad agus a' tighinn gu uachdar na mara a chluich.
Nam faiceadh tu tòrr sgadain a' cluich, shaoileadh tu gun robh am muir air ghoil agus chitheadh tu iad a' leum às an uisge.
Tha mòran dhaoine air feadh an t-saoghail dèidheil air an sgadan mar bhiadh oir is e aon de na h-èisg as motha anns a bheil beathachadh agus as blasta a thig às a mhuir.
'S ann air sgàth sin a tha e cho daor ri cheannach. Agus 's ann air an adhbhar sin a tha tòrr nàimhdean aige a bharrachd air an iasgair.
Faighnich sin dhan ròn, dhan bhioraich no dhan t-sùlaire agus innsidh iad an fhìrinn dhut.
Tha an sgadan eadar seachd òirlich (18cm) agus dà òirleach dheug (30cm) de dh'fhaid. Tha a dhruim gorm agus a mhionach agus a thaobhan air dath an airgid.
Anns a' gheamhradh agus aig toiseach an earraich, bidh an sgadan a' fàgail iuchraichean (uighean) ann an gainmhich ghlain.
Mu dheireadh an earraich no aig tòiseach an t-samhraidh bidh na h-iuchraichean seo a' tighinn beò. Tha còrr agus trichead mìle de na h-iuchraichean seo ann an aon sgadan. Chan eil iasg anns a' mhuir cho sìolmhor ris an sgadan."