SMOCADH ÈISG
‘S e smocadh èisg aon de na
rudan as sine airson biadh a ghrèidh agus tha e air a chleachdadh le tòrr
chultaran diofraichte air feadh an t-saoghal.
Faodaidh tu feòil a’ smocadh a bharrachd air èisg. Tha daoine a’ dèanamh smocadh airson adhbharan
eile ach grèidh mar inneach agus blas.
Thàinig an smuain de smocadh bho tòrr bliadhnaichean air ais nuair a bha
daoine ag iarraidh biadh a chumail airson an geamhraidh agus cha b’ urrainn dha
na h-èisg a bhith a’ giùlan fada. Bha
a’ chiad seòrsa Red Herring agus Salt Cod agus bha iad air a smocadh airson tri
seachdainean.
Tha dà cheum air smocadh, a’
sàladh agus ag ullachadh agus a’ smocadh.
Tha feadhainn de dhaoine ag iarraidh blas nas fheàrr agus bi iad a’ cur
rudan ann còmhla ris an èisg. ‘S ann
aig a ‘ chiad cheum am b’ urrainn do dhaoine herbs, sabhsachadh agus fìon a
chur a-staigh. Feumaidh an iasg a bhith
math aig an tòiseachadh airson am bathar smocadh a bhith blasda. Bidh na h-èisg a chur anns na
h-uamhan-chreadha far am bi na teintean a’ dol fad an latha agus bidh an adhar
smùcanach a’ tioramachadh an iasg. Tha
an adhar smùcanach a’ grèidh an iasg agus a’ toirt blas measach nach eil
furasda ri mìneachadh ach furasda ri aithneachadh. Tha an cùrsa gu lèir a’ gabhail latha no dà agus bidh gach
uamhan-chreadha a’ dèanamh blas beagan eadar-dhealaichte. Tha tòrr rudan eile a tha a’ dèanamh diofar
dhan bathar mu dheireadh mar eisimpleir gaoth, teasach, an t-uisge agus a’
ghrian. Ann an 1939 ann an Obar
Dheathain dh’ fhosgail an Stèisean Rannsachaidh Torry a bha a’ chiad
uamh-chredha a bha innleachdach.
Thoisich sin èisg a bhith dèanamh ann an aon dòigh le blas
seasmhach. Le sin b’ urrainn do dhaoine
barrachd èisg a dhèanamh ann an aon àm le inbhe nas àirde.
Tha dà dhòigh diofraichte
ann, smocadh teth agus smocadh fuar.
Ann an dòigh smocadh teth, tha am bocsa-smocadh os cionn na teine agus
tha an dòigh seo airson ciopairean, breac bheag agus ealain. Mar as àbhaist tha na h-èisg air a smocadh
fuar tron an oidhche agus a’ smocadh teth anns a’ mhadainn.
B’ urrainn dhaibh smocadh
fuar a dhèanamh far a bheil balla ann eadar an teine agus am bocsa-smocadh agus
nach bi an teasach a’ dol seachd air 30c.
‘S e sin an dòigh a tha bradan agus breac air a dhèanamh mar as àbhaist.
‘S e an iasg smocaite as
cumanta a tha sin ag ithe a tha ciopairean.
Rinn John Woodger a’ chiad fear ann an 1843 ann an Northumberland as
dèidh tòrr rannsachadh a dhèanamh.