TROSG

Gadus morhua - Torsk - Morue, Cabillaud - Dorsch, Kabeljau

 

 

COD

‘S e trosg aon de na èisg as cumanta san t-saoghal.  Tha tòrr diofar seòrsa trosg air a lorg ann an tuath dhen Chuan Sèimh agus ann an Cuan Siar fad ma bliadhna.  Tha tòrr bhuidheann diofraichte ann an Cuan Sèimh ach dà prìomh-cuanach agus neo-cuanach. Tha tòrr trioblaidean aig an àm seo a thaobh an stoc dhen trosg a’ dol sìos gu math luath agus tha toirmisg a’ tighinn a-steach.  ‘S toil leis na trosg a bhith nas fhaisge air an oirthir aig doimhne eadar 20 agus 200 meatairean ach b’ urrainn dhuibh feadhainn a’ lorg cho domhainn ri 600 meatairean.  Aig àm am mealgachadh bidh na trosg a’ dol ann an caoran.  Tha e àbhaisteach airson na trosg a bhith a’ fuireach fada air falbh bho na h-àiteachan far a bheil mealgachadh a’ tachairt eadar Am Faoilleach agus An Giblean.

Anns na chiad deich seachdain dhen bheatha trosg bidh e a’ fàs dà fhichead tursan nas motha agus a’ ruigsinn meud mu dà ciadameatair.  Bidh iad a’ gluasad do bhonn am mara far am bi iad a’ cumail a fhàs aig ìre glè luath.  Ruigeadh iad aois inbheach aig timcheall ceithir bliadhna ach airson as chuid as motha tha iad air a ghlacadh mu dìreach bliadhna dh’ aois.  

Tha e air a mholadh agus ann an lagh gun fheum an trosg a’ fàs gu 35 ciadameatairean ach dh’ fhaodadh e a’ fàs gu 150 ciadameatairean agus eadar 5 agus 14 punnd agus dh’ fhaodadh e a’ fàs gu 100 punnd.  Bhon an dealbh chi sibh gu bheil còig ith air agus gu bheil loidhne geal sònraichte a’ dol bhon giùran dhan earball.  Tha an druim uaine neo donn soilleir le brù nas soilleire ‘s docha geal.

 

‘S e sealgairean ath’ ann an trosg agus bidh iad ag ithe tòrr èisg eile mar easgann-gainmhich, iasg geal, adag fiu ‘s trosg beaga.

Tha e cumanta a bhith a’ reic mar fileadan gun cnàimhean agus gun craiceann.  Chan eil tòrr blas ann an trosg agus chan eil cus cnìmhean ann cuideachd.  Ni daoine bathair eile le trosg a’ cleachdadh an grùthan mar òla grùthan trosg.  Chan eil tòrr saill anns an iasg ach tha e math airson aidhiodain agus beòthag B.  Tha tòrr olaichean ann a tha aig beothag A agus D agus tòrr pròtain.  Tha feòil teann, cleiteach agus sùghmhor agus b’ urrainn dhuibh an t-iasg a’ còcaireachd bruich, frighig, slaop neo grisgean.

 

DÒIGH COCAIREACHD

TROSG MHEADHANACH AIR A’ BHRUICH

Mediterranean Baked Cod

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Airson ceithir daoine

 

Na rudan a tha feum air:       1½ punnd sgor trosg

                                                1 crogan tomato ann an dòigh Eadailteach

                                                1 spàin bùird de chapairean gun sùgh no 12-16 dearc-ola uaine no dubh

                                                1-2 spàin bùird de chaise Parmesan ann pìosan beaga 

 

An dòigh coicearachd:

 

  1. Faigh an àmhainn gu 375F.
  2. Nigh agus slìob an trosg tioram.
  3. Cur na sgoran air truinnsear a’ cur na h-earballan fon corp.
  4. Cur na tomatoes thairis air an trosg agus sgaoil na capairean no dearc-ola air mullach sin agus crìoch le caise parmesan.
  5. Cur an t-iasg san àmhainn gun lud airson eadar fichead agus fichead ‘s còig mionaidean.