TUATHANAS ÈISG

 

‘S e bradan an iasg  a tha an gnìomhachas as motha air a dhèanamh air na tuathanasan èisg agus thoisich iad ann an Nirribhidh anns na 1960an.  Bhon an t-àm seo dh’fhàs iad gu mòr agus sgaoil iad air feadh an t-saoghal.  Thàinig iad gu Alba ann na 1970an air tìr-mòr na Gaidhealtachd an toiseach.   Tha tòrr diofar sheòrsaichean iasg ri fhaighinn air tuathanas èisg mar eisimpleir, breac, trosg agus leòbag leathann.  Fad na t-sìde ged tà tha daoine a’ coimhead airson iasg ùr a leasachadh.  Tha iad a’ fàs aig ìre glè luath agus tha tòrr airgid air a dhèanamh bhuapa.  Ann an 1997 bha 99,197 tonnaichean de bhradan air a dhèanamh bho thuathanasan le £184 millean de luach.  Dh’ fhàs sin gu 110,000 tonnaichean ann an 1998 le mu £200 millean de luach. 

 

Bidh na tuathanasan seo air a steidheachadh anns na lochan mara agus anns na bàghannan.

‘S e dòigh gu math teannaichte airson na h-èisg a bhith fàs agus bidh tòrr èisg a’ fàs ann aon cèidse beag.   

 

Tha tòrr trioblaidean ann a thaobh a’ fàs bradan ann an dòigh seo air sgath ‘s gu bheil galaran ag èirigh agus tha daoine a’ dol an aghaidh na tuathanasan ag ràdh gu bheil iad a’ dèanamh cron dhan àrainneachd.  Tha tinneas ann a tha gu math cunnartach, ‘s e sin ISA Infectious Salmon Anaemia no Cion-Fala Gabhaltach a’ Bhradain.  Ma faigh fear de na h-èisg anns na tuathanasan èisg seo, bhiodh e cumanta airson a h-uile fear a bhith a chur às air sgath ‘s gum biodh e a’ sgaoileadh ann an aon seòrsa dòigh ri an galar ronnach.  Air sgath ‘s gu bheil na h-èisg cho dlùth san cèidsean, bidh iad a’ faighinn na tinneasan bho chèile glè fhurasda.  ‘S e mialan mara (sea lice) am fear as miosa airson sgaoileadh.  B’ urrainn dhaibh a’ dol dha na bradain fiadh cuideachd.  Tha tòrr dhaoine cuideachd dhen bheachd gu bheil na rudan a tha a’ dol a-steach dhan uisge airson tinneasan a sgur agus na ceimigeachan eile a’ dèanamh cron dhan mhuir agus dha na h-èisg nàdarra agus fiadh.  Anns na tuathanasan èisg bidh algach puinnseanach (Toxic Algal Blooms) a’ fàs agus tha iad a’ dèanamh cron dhan àrainneachd.     

 

Thathar ag ràdh nach eil na bradain a tha a’ tighinn a-mach san tuathanasan cho blasda sa tha na feadhainn fiadh.  Chan eil iad cho mhòr cuideachd agus ‘s e sin air sgath ‘s nach eil iad a’ snàmh cho tric agus bhon a seo chan eil iad a’ fàs dhan aon meud.  

 

Ged a bheil tòrr dhaoine an aghaidh tuathanasan èisg tha iad a’ dèanamh tòrr rudan math airson a’ Ghaidhealtachd cuideachd.  Chaidh tòrr obrach ann leis an gnìomhachas seo agus tha iad a’ cruthachadh tòrr airgid airson an eaconamaidh.  Mar tòrr èisg tha stoc de bhradain a’ ruith a-mach agus gun na tuathanasan cha bhi cho mhòr de bhradain ann.  ‘S e iasg glè phoibleach a th’ ann agus air sgath ‘s gu bheil e cho cumanta tha am prìs a’ tuiteam tòrr.  Chan eil mise buileach cinnteach mu dheidhinn na tuathanasan èisg ach tha mi dhen bheachd le beagan leasachaidh air na rudan a tha iad a’ dèanamh dona dhan àrainneachd bidh iad glè chudromach anns an àm ri teachd airson an eaconamaidh, obair agus stoc bhradain a’ cumail a dhol.