An Ceann-cinnidh
Cha mhòr nach b' e athair a bh' ann an ceann-cinnidh dhan chlann-cinnidh aige. Nuair a chaochail a' bhean no an duine aig cuideigin bhiodh iad a' bruidhinn ris a' cheann-cinnidh agus bhiodh esan a' coimhead airson bean no duine ùr. Bha seo gu math cudthromach air sgàth is gun robh obair anns gach teaghlach a b' urrainn dha boireannach no fireannach a dhèanamh a-mhàin. Cuideachd bhiodh ùidh aig a' cheann-cinnidh gum biodh clann gam breith.
Bha siostam soisealta ann cuideachd: Nuair a chaidh bò a chall bhiodh an ceann-feadhna a thoirt tè ùir dhan an teaghlach ud. Bhiodh e a' coimhead an dèidh daoine aosta nach b' urrainn a' coimhead as an dèidh fhèin. (BUXTON, Ben. (1995). td. 51)
Is iomadh feum a bhathar a dèanamh
dhe na poitean thrì-casan.
Nach
math a dheasaicheadh iad bangaid
do
Mhacnèi ll sa chaisteal, mu am
faodadh prionnsaichean an t-saoghail
suidhe mu na bùird aca fhèin.
[Tùs:http://www.barraheritage.com/object.htm ]
Thathas
ag ràdh gun deach seo èibheadh bhon
tùr aig Caisteal Cìosamul nuair chuir
MacNèill
crìoch air a' bhiadh aige.
Cleachdaidhean air Miughalaigh
Thathas a' cumail a-mach nach do dh'fhalbh Clann MhicNèill Mhiughalaigh a riamh ag iasgach fhad 's a bha an ceann-cinnidh air an eilean. Bha an t-eagal orra gun cuireadh e am màl suas nuair am faiceadh e an uiread de dh'èisg a bhathas a' glacadh. (Martainn Martainn a rèir: BUXTON, Ben. (1995). Mingulay. Dùn Èideann: Birlinn, td. 51)
Tha Alasdair MhicIlleMhìcheil ag ràdh nach eil fìrinn sam bith ann an sin gu h-àirigh o chionn 's gum b' abhaist an ceann-feadhna a bhith a' fuireach air Miughalaigh airson mios air gach taobh là Lammas (1mh An Lunasdal). (san aon àite)
A rèir Martainn Martainn bha deas-ghnàth ann nuair a bha aoidhean aca ann an Miughalaigh gum biodh dìreach aon neach a' fuireach còmhla ri aon teaghlach. Bha seo a' ciallachadh nach b' urrainn dha dithis pòsta a' fuireach còmhla. Bha iad fiù 's a' toirt air a' cheann-cinnidh agus a bhean a' fuireach ann an dà thaigh eadar-dhealaichte. (a rèir: BUXTON, Ben. (1995). td. 52)
Tha Alasdair MhicIlleMhìcheil a' cumail a-mach gun robh muinntir Mhiughalaigh a' paigheadh am màl aca le eòin ris a' cheann-feadhna. B' e "fachaich" a bhathas ag ràdh ris na h-eòin ud. (san aon àite)