Air a sheinn le Maggie
Harrison à Bhirdsinia
Latha dhomh 's mi 'm Beinn a' Cheathaich
Sèist:
Air fair al ill eò, ro bhi hò,
Hoireann is ho, horo hi o a
bhi,
Ri horo a bha hò thug ò ro.
Ruagail 'nan caorach is 'gam faighinn
'S ann agam fhìn a bha an t-sealgair
Faicinn do bhàta dol seachad
Mach bho dhùthaich Mhic 'Ill Eathain
Steach gu Ciosamul an aighear
Far am faighte cuirm ri ghabhail
Ag òl fionn o oidhch' gu latha
Is e oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig a th' ann an Maggie. Chaidh an t-òran a chlàradh air an 7mh An t-Samhainn 2005. Tha i ga sheinn mar òran luaidh mar a chuala i bho Chairistiona Primrose e. Thathas ga sheinn gu ma nas slaodaiche mar òran mara cuideachd mar a rinn an còmhlan "Sound Of Mull" air an CD "Gaelic Folk Songs" (2003, Glaschu: Lismor Recordings). Mar as trice bidh rann a ceithir a' dol: "'Nuair chaidh bàta Clann Nill seachad ". Ann am Beurla tha iad ag ràdh "Kismul Galley" ris an òran aoibhneach seo.
Air a sheinn le Andreas
Wolff à Berlin
Gaol ise gaol i
Sèist:
Eo hao
o hao o
Hao ri ri o hu o
Ro ho i o hi o
Gaol air Anna ni' n Nill
Mi dualach mi donn
Mi mar chuthaig an coill'
Mi ma smeòrach an craoibh
Mi gu biorshuileach binn
Mi torrach mi trom
Chan ann le balach mo throm
Ach leis an lasgaire dhonn
Mac fir Bhaile nan Long
Leis an èireadh na suinn
Gaol ise gaol i
Gaol air Anna ni 'n Nill
Is e òran luaidh a th' ann cuideachd. Chaidh e chlàradh air an 10mh An t-Samhainn 2005 aig Sabhal Mòr Ostaig. Is ann bho Chairistiona Primrose agus bhon a' chlàradh aig Floraidh NicNèill a dh'ionnsaich mi e (2003, Òrain Floraidh, Meadhan Lodainn: Temple Records).
Turas Nèill a Mhiughalaigh
(Is) Och mar tha mi, is mi nam aonar
Dol throimh na caolais far robh mi eòlach:
Cho moch 's a dh'fhalbh mi gun bhiadh, gun ùrnaigh -
'S e thug mo thùr asam sùgh an eòrna.
A-null aig Sanntraigh bha 'ghaoth an ceann oirnn:
Gun do leum an crann a-mach à broinn na bròige.
Mur a biodh Sgeir Lìthinnis gu robh mi millte;
Ged a fhuair mi innte bha m' inntinn brònach.
Bha Eòghain Stiùbhart e fhèin fo churam...
Gu robh e 'n dùil gur e bh' unnam bòcan,
'S mi cho dùrachdach air mo ghlùinean
'S mi gabhail m' ùrnaigh, 's ann dhomh bu chòir e.
Bha Iain Caimbeul na dhuine làidir:
Cha robh e sgràthail [sgàthail], bu bheag a chòir ris.
'S e thuirt e: "Stiùiribh i null ga h-ionnsaigh,
'S e th' ann ball-bùrta rinn Mac an Tòisich."
Nuair a thug iad mi null a Shanntraigh,
Bha mi cho fann 's gum bu ghann bu bheò mi:
Na daoine ciatach a bh' ann thug biadh dhomh -
Nar fhaiceadh Dia iad am pian no 'n dòrainn.
Tha na Caimbeulaich orm-sa 'n diombadh:
Chan eil sin leam-sa na ghnothach neònach.
Mòran euchdan ac' innt' le chèile:
Mam pàidh mi 'n èirig gu dè nì m' eòrna?
Nuair a thig a' samhradh thèid mi gu Galldachd
A thoirt na calldachd a ceann gach ròpa:
Ged a b' ann sa Ghearmailt a gheibhinn-s' airgead,
Cha lig mi 'm meanbh-chrodh air falbh le Dòmhnall.
Tha mac Iain Mhìcheil na ghille sìobhalt':
'S math cho dìleas 's a bha e dhomh-sa.
'S ann a gheibh sinn bàta nì feum na h-àite:
A chaoidh cha phàigh thu bonn fàrdainn dhomh-sa.
Tha an t-òran mu dhèidhinn Niall Mòr MacNèill 'Ic Iain Bhàin à Miughalaigh. Sheòl e dhachaidh na aonar agus smùid mhòr air gun chomas a bhith aige bàta a stiùireadh. Gu fòrtanach ruig e Sgeir Lìthinnis faisg air Sanntraigh far an do lorgadh e agus chuireadh a-null a Shanntraigh e.
Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le Ailean MacGhilleathain, no "An t-Sagart Beag na Spàinne" a bha na shagart air Barraigh eadar 1837 agus 1840. Chuireadh na faclan ann am beul an duine air a bheil an t-òran, rud cumanta sa Ghàidhlig. Chaidh e chlàradh le Ealasaid Sinclair à Miughalaigh (SSS SA 1960/97 B4). (Bho: BUXTON, Ben. (1995). Mingulay. Dùn Èideann: Birlinn. td. 187, 188)