AIR AIS

Na Planaidean

Meirciùraidh, Bhìonas, Talamh, Màrt, Iùpadair, Satharn, Uranas, Neiptiùn agus Pluto

Click air gach planaid fodha airson dealbh nas motha!

 

 

Chithear os cionn na naoi planaidean ann an “Siostam na Grèine”.  Tha còig dhiubh fada nas lugha na na ceithir planaidean mòra, i.e. tha Meirciùraidh (4,878km a dh’fhaid), Bhìonas (12,103km a dh’fhaid), an Talamh (12,756km a dh’fhaid), Màrt (6,786km a dh’fhaid) – an fheadhainn as fhaisge air a’ ghrèin, agus Pluto (2,300km a dh’fhaid) – a tha na planaid as fhaide air falbh bhon ghrèin nam planaidean beaga, agus na ceithir planaidean leis an canar Iùpadair (142,984km a dh’fhaid), Satharn (120,536km a dh’fhaid), Uranas (51,118km a dh’fhaid) agus Neptiùn (49,528km a dh’fhaid) nam planaidean mòra.

 

Airson meud nam planaidean a shealltainn nas soilleire, tha mi air an graf seo a chruthachadh a chithear fodha

 


Tha an àireamhachd seo a’ sealltainn gu bheil Meirciùraidh, Màrt agus Pluto nas lugha na an Talamh, agus gu bheil Iùpadair, Satharn, Uranas agus Neiptiùn nas motha na an Talamh, agus gu bheil Bhìonas mu thimcheall air an aon mheudachd. 

 


Thathar a ràdh ma chuireas tu ris an astar aig a’ phlanaid bhon ghrèin le 1.6, an uairsin ‘s e deagh meudachadh a th’ ann airson gealladh far am faighear an ath phlanaid, agus seo dealbh a’ sealltainn meudachd bhon ghrèin airson gach planaid, a’ tòiseachadh leis a’ phlanaid as fhaide bhon ghrèin, Pluto.  Chithear an eadar-dhealachadh eadar an Talamh agus na planaidean nas fhaide air falbh.

 


Tha astar a’ toirt buaidh mhòr air teothachd nam planaidean, air sàillibh gu bheil iad uile feumach air teas bhon ghrèin.  Tha mi air graf eile a chruthachadh fodha a tha a’ sealltainn teothachd mheadhanach de na planaidean:

 


 

Chithear fodha bòrd a tha mi air cruthachadh a sheallas tu teothachd na grèine agus nam planaidean, anns an adhar, air a’ bonn agus aig deas-mheadhan na planaid, far a bheil ‘?’ a’ ciallachadh mì-chinnt agus ‘-‘ a’ ciallachadh nach eil an àireamh freagarrach, mar eisimpleir nuair nach eil adhar ri fhaighinn air a’ phlanaid:

 

Ceum (Celcius)

Anns an adhar

Air a’ bhonn

Aig deas-mheadhan

 

A’ Ghrian

2,000,000°C

(Corona)

5,500°C

(Chromosphere)

15,000,000°C

(Core)

 

Meirciùraidh

-

Eadar 430°C agus -170°C

?

Bhìonas

?

Suas ri 480°C

?

An Talamh

?

Eadar 58°C agus -88°C

4000°C

Màrt

?

Mu -40°C

?

Iùpadair

-120°C

-

30,000°C

Satharn

-180°C

-

15,000°C

Uranas

-210°C

-

7,000°C

Neiptiùn

-235°C

-

?

Pluto

-

-220°C

?

 

Chithear gu bheil an teothachd gu math freagarrach air an Talamh an coimeas ris na planaidean eile aig a’ bhonn.

 

 

Cò tha làidir ‘s a tha tarraing na grèine, nam planaidean agus na gealaiche?

 

Chithear bhon dealbh fodha gu bheil coimeas ann eadar meudachd agus tarraing:


 


Mu dheireadh, tha mi a’ dol a choimhead air co tha tiugh ‘s a tha na planaidean:

(How dense are the planets?)


 

 

 


Meirciùraidh

 

 

‘S e a’ phlanaid as fhaisg air a’ ghrèin a th’ ann am Meirciùraidh, a’ dol timcheall air a’ ghrèin aig mu 58,000,000km air falbh bhuaithe.  Tha e a’ gluasad aig astar nas luaithe na planaid sam bith eile ann an Siostam na Grèine air sàillibh gu bheil e cho faisg oirre, ‘s e sin mu 48km gach diog, agus a’ gabhail mu 88 làithean a bhith a’ dol mu thimcheall air a' ghrèin.  Tha meirciùraidh glè bheag agus clachach.  Tha bonn (mullach) na planaid seo air a bhith air a bhualadh le stuth mar Meteoraitean.  Tha sgùrran aig a’ phlanaid a chaidh an cruthachadh a rèir luchd-saidheans nuair a dh’fhàs deas-mheadhan (core) na planaid na b’fhuaire agus dh’adhbhraich seo an deas-mheadhan a bhith nas lugha.  Smaoineachar gun do thachair seo mu cheithir billean bliadhna air ais.  Tha e a’ toirt 59 làithean airson Meirciùraidh a dhol mun chuairt air fhèin.  Tha teothachd anabarrachd aig Meirciùraidh a tha a’ dol eadar 430°C air a thaobh theth agus -170 air a thaobh fhuar.  Tha seo air sgàth ‘s gu bheil e a’ cuairteachadh gu slaodach.  Chan eil gealach aig Meirciùraidh.

Mercury

 

Tha Meirciùraidh a' faighinn a h-ainm bhon dia Romanach airson malairt agus 's e teachdaire nan diathan a bh' ann, an coimeas ris an dia Grèigeach "Hermes".  Chaidh urram a thoirt dha aig deas-ghnàth "Mercuralia", fèis a tha a' gabhail àite anns a' Chèitean le luchd-mhalairt. 

 

Bhìonas

 

 

‘S e planaid chlachach eile a th’ ann an Bhìonas, agus ‘s e an darna phlanaid bhon ghrèin a th’ innte.  Tha rud gu math annasach ann mu dheidhinn Bhìonas, ‘s e a th’ ann gu bheil i a’ cuairteachadh oirre fhèin bun os cionn, agus air sgàth an t-suidheachaidh annasach sin, bidh i a’ toirt 243 làithean-Talmhainn airson gach latha aice fhèin.  Tha Bhìonas dìreach rud beag nas lugha na an Talamh, mu thimcheall an aon mheudachd, agus tha i dèanta leis an aon stuth.  ‘S e an sealladh as soilleire anns na speuran a th’ ann an Bhìonas às dèidh na Grèine agus na Gealaich.  Tha gaothan glè làidir aig Bhìonas a tha ag adhbharachadh na sgòthan aice a chuairteachadh gach ceithir làithean.  Tha an àrainneachd glè chunnartach air sàillibh gu bheil teothachd gu math àrd, tha na sgòthan gu math searbh agus tha cuideam nan speuran còrr is ceithir fichead ‘s a deich turas nas truime na an Talamh.  A dh’aindheoin sin, tha luchd-saidheans air innealan-rannsachaidh a thoirt do mhullach na planaid airson dealbhan a thogail.  Tha a mullach tioram agus dustach.  Tha an talamh seo làn de thuill, beanntan, beanntan-teine agus feartan eile.  Chan eil gealach aig Bhìonas.

  Venus

 

Tha Bhìonas a' faighinn ainm bhon bhan-dhia Romanach airson fàsmhorachd.  Tha i ceangailte ris a' bhan-dhia Grèigeach "Aphrodite".  Tha tòrr feartan aice, deagh fhortan, buannachd agus boireanntach nam measg.

 

An Talamh

 

 

'S e an treas "clach bhon ghrèin" a tha air an Talamh, an saoghal againn fhèin.  'S e a' phlanaid as motha a th' ann a-mach às na còig planaidean beaga, pìos beag nas motha na Bhìonas agus mu dhà thuras nas motha na Meirciùraidh.  Tha suidheachadh na Talmhainn math dha-rìribh airson beatha a chumail, air sàillibh gu bheil teothachd na Talmhainn meadhanach, mu 20 ceum Celcius.  Fiù 's aig na polan far am faighear teothachd a tha sìos ri mu -88 ceum Celcius, agus na fàsaichean far an tèid teothachd suas ri 58 ceum Celcius, gheibhear beatha.  Tha fichead 's a deich a-mach às a' cheud bonn na Talmhainn mar thalamh agus trì fichead 's a deich a-mach às a' cheud mar uisge.  'S e Stùth-Uisge, no Haidhdroidean a tha na phrìomh susbaint anns an adhar, agus tha CO² a' dìonadh na Talmhainn bho na gathan cunnartach a tha a' tighinn bhon ghrèin.  Tha na lusan agus craobhan a' cleachdadh CO² agus a' toirt mar stùth-sgudail Ocsaidean a tha riatanach airson beatha a chumail.  Tha aon ghealach aig an Talamh ris an canar "a' Ghealach".

 

Màrt

 

 

'S e an ceathramh planaid air no "A' Phlanaid Dhearg" a th' ann am Màrt.  Tha Màrt fada nas lugha na an Talamh, ach nas motha na Meirciùraidh agus Pluto.  Ma choimheadas tu air na speuran nuair a tha e dorch uaireannan chì thu Màrt mar rionnag bheag dearg - an diofar eadar planaidean agus reultan sna speuran ’s e a th’ ann nach eil na planaidean a’ toirt a-mach gathan agus mar sin chan fhaicear ach solas a tha a’ fanail mar a tha e gun a bhith a’ gluasad mar gum biodh.  Thathar an dùil gum bi mac-an-duine air Màrt latha no coireigin anns an àm a tha romhainn.