An Grom – Bàta
Chogaidh ‘Sgriosadair’, An Nèibhidh Pholanach
Seo an ‘Grom’,
b’ e bàta chogaidh ‘sgriosadair’ no ‘destroyer’ bhon Nèibhidh Phòlainneach a
bh’ ann agus chaidh e sìos le mo sheanair (Adam Kowalewski) air bhòrd ann an
1940. Cha deach e a mharbhadh, ach
chaill e mòran charaidean aige, agus chaidh e a ghortachadh. Seo an sgeulachd air cùlaibh a’ bhàta
chogaidh seo agus pìosan a tha mi fhìn agus mo theaghlach a’ cuimhneachadh mu
dheidhinn na thuirt mo sheanair mus do chaochail e ann an 2001.
An
Grom (An Nèibhidh Pòlainneach)

‘Grom’ - a’ ciallachadh ‘tàirneanach’ anns
a’ chànan Polanais
Bha iad ann am
fjord ann an Nirribhidh (Narvik) tron darna cogadh agus bha na Breatannaich
agus na Pòlainnich a’ sabaid an aghaidh nan Gearmailteach nuair a bha am bàta
aca anns a’ fiord. Bha am fuaim
uabhasach, gunnaichean a’ dèanamh sgrios air feadh na h-àite. Bha mo sheanair na sheasamh ri taobh a’
charaid as fheàrr aige nuair a thàinig canon a-staigh. Thàinig e a-staigh far an do sheas a charaid
- dìreach mionaidean ro-làimh. Chaidh a
charaid a mharbhadh agus nuair a dhùisg mo sheanair bha e anns an uisge
fhuar. Bha am bàta a’ dol fodha agus
bha ola mun chuairt air. Bha na
gunnaichean fhathast a’ dol, agus tòrr seòladairean air am marbhadh.
Bha mo sheanair
fichead ’s a seachd bliadhna a dh’aois nuair a thòisich an dàrna cogadh. Ged a rugadh e ann an Siberia, san Ruis, ’s
e teaghlach Pòlainneach a bh’ annta, agus chaidh e a thogadh ann an Gdynia,
faisg air Gdańsk air costa a
tuath na Pòlainn.
Bha mo sheanair an
sàs air a’ chiad sabaid eadar bàta air taobh nan allies agus bàta-u
Gearmailteach. Thachair an sabaid deich
mìle nas fhaide deas na Uibhist a Deas.
As deoghaidh dha na h-Eileanan Siar fhàgail, rinn iad airson Nirribhidh
far an deach am bàta fodha. Chaidh
leth-cheud ’s a còignear fodha leis a’ bhàta ann an 1940.
Thuirt mo
sheanair gun robh a charaid air a mharbhadh agus gun do thuit esan anns an
uisge. Chunnaic e a charaidean a’ toirt
soraidh leis tro na h-uinneagan fhad ‘s a chaidh iad fodha. Cha tuirt mo sheanair mu dheidhinn sin gus leth-cheud
bliadhna as a dheoghaidh.
Eachdraidh a’ bhàta
chogaidh ‘Grom’
As deoghaidh dha dà bhàta clas Wicher a thogail, bha an KMW a’ sireadh pròiseact
eile airson dà bhàta sgriosadair (destroyers).
Chaidh a’ chiad reic san Dàmhair ann an 1933, ach cha do chum taobh nam
Fraingeach ris na bha na Pòlainnich ag iarraidh. Chaidh darna reic a thaisbeanadh anns a’ Chèitean 1934, ach an
turas seo airson gàradh (yard) Suanais.
Ged a bha tòrr pròiseactan inntinneach a’ tachairt, cha robh iad
freagarrach airson an KMW, agus mu dheireadh thall, chaidh an òrdugh a-staigh
gu John Samuel White, Sasannach bho Cowes.
Aig an àm a chaidh an dà bhàta
sgriosadair seo an togail, b’ e an fheadhainn as motha anns a’ chuan
Bhaltach. Chaidh an taghadh aontachadh
ann an 1939 gun dèanadh iad dà bhàta den t-seòrsa ‘Grom’.
Chaidh Grom a chur anns a’ mhuir air
an fhicheadamh latha den Iuchair 1936 mar ORP Grom. Bha e fo smachd Cpt. Stanislaw Hryniewiecki. As deoghaidh tuilleadh deuchainnean, ràinig an
Grom Gydnia air an t-siathamh latha deug den Chèitean 1937. Ghabh e pàirt anns an taisbeanadh mara
airson a’ chiad turas air an naodhamh latha air fhichead den Ògmhios ann an
1937. San Lùnastal den aon bhliadhna
ud, sheòl e còmhla ris an dà bhàta eile, Burza agus Wicher gu Tallinn agus Riga. Air an darna latha air fhichead den Lùnastal
1938, chaidh Grom le a piuthar, Błyskawica gu Copenhagen airson tadhal
air Nèibhidh na h-Òlaind. Air an
ochdamh latha air fhichead den Ghearran 1939, chaidh e gu tìr far an do chaill
e dà bhithis (screws). Chaidh Commander
ùr a stèidheachadh anns an Ògmhios 1939, Cpt. Aleksander Hulewicz.
Air an deicheamh latha air fhichead
den Lùnastal 1939, chaidh Grom, Błyskawica agus Burza bho Gdynia gu
Leith fo “Operation Peking”. Chunnaic
na bàtaichean-u na bàtaichean sgriosadair seo dà thuras fhad ’s a sheòl iad
airson Sasainn. Ràinig iad Sasainn air
a’ chiad latha den t-Sultain 1939.
Chaidh iad an gluasad gu Rosyth dà latha as a dheoghaidh, far an
d’fhuair e àireamh H-71. Air an
t-seachdamh latha den t-Sultain, rinn an trì bàta sgriosadair seo (Grom, Błyskawica agus Burza) sabaid an
aghaidh bàta-u (U-27) deich mìle bho Uibhist a Deas aig leth uair as deoghaidh
a dhà san fheasgair. Rinn am bàta-u
‘counter-attack’ orra, ach cha robh iad soirbheachail. Chaidh Grom agus Błyskawica an uairsin gu Pembroke far
an do rinn iad sabaid eile air bàta-u agus an uairsin, san t-Sultain chaidh
Grom dhan Chaolas Shasannach airson a dhìonadh. Air an ochdamh latha air fhichead den Dàmhair, rinn Grom agus Błyskawica sabaid eile air bàta-u, ach
cha robh iad soirbheachail. Chaidh Grom
gu Harwich as deoghaidh sin, far an robh e a’ cumail sùil air a’ Chuan a
Tuath. Chaidh e gu Chatham airson
beagan càrachadh san Faoilteach 1940, agus sheòl e còmhla ris a’ bhàta
Shasannach “Suffolk” as deoghaidh dha a’ sabaid leis a’ Luftwaffe.
Air an darna latha air fhichead den
Ghiblean 1940, sheòl Grom gu Nirribhidh, far an robh e ag obair ann an Narvík. Bha e a’ bombadh àiteachan Gearmailteach ann
an Rombaken Fjord, far an robh iad a’ gluasad meatail Suanais bho Ulea gu
Narvík air trèana. Chaidh Grom a
bhualadh air an treasamh latha den Chèitean, ach chuir e às dhà trì àiteachan Gearmailteach. An ath latha aig ochd uairean ’s a’
mhadainn, thàinig dà bhomadairean Gearmailteach He-111 agus fear eile as an
deoghaidh. Leig am bomadair mu
dheireadh sia bombaichean agus bhuail dà dhiubh. Chaidh Grom fodha le 55 air am marbhadh.
|
|
The Grom class destroyers |
|
Name |
Thunderbolt |
|
Builder |
Samuel
White, Cowes; |
|
Displacement |
2010 t,
2144 t full load |
|
Dimensions |
114 x
11.26 x 3.45 m |
|
Machinery |
2-shaft
geared turbines, 54 000 shp = 39 (42) kts; |
|
Armament |
7 x 120
mm (1xI,3xII), 4 x 40 mm (2xII), 8 MG (4xII), from
1940: 7 x 120 mm (1xI,3xII), 1 x 102 mm, |
|
Armour |
none |
|
Complement |
192 (12 +
180) |

History of Narvík
Narvik is a Northern Norwegian town with a population of 19.000. It is located at
the head of Vestfjorden/Ofotfjorden, close to the Swedish border. Narvik celebrates it’s centenary in 2002. It
was founded when the Swedish iron-ore company LKAB was looking for a
transhipment harbour for the iron-ore excavated in Kiruna’s mines. A railway
was built from Kiruna to Narvik to carry the iron-ore to an ice-free harbour.
The early name of the town was Victoriahamn, but was later changed to Narvik
which was the name of a local bay. The
first ever iron-ore ship to dock in Narvik was the SS “Uppland”. It loaded
approx. 3000 tons of iron-ore in January 1903. Today 13-14 million tons of
iron-ore is shipped out from Narvik annually. The average size of these ships
is 80 000 to 100 000 dwt. The port is
also equipped with a deep water quay, a 40-ton gantry container crane and
on-dock rail. A container route over Narvik, combining sea and rail, was
recently established. The annual throughput averages approx. 3000
container. Narvik is also known for
the battles that took place here during World War II. German forces invaded
Narvik on the 9th April 1940. Narvik was important to the Germans because of
the iron-ore which they used in the weapon industry. In the days following
April 9th British Naval ships sailed into the fjord and fierce sea battles were
carried out in the harbour and in nearby fjords. This resulted in 40 vessels
being sunk both in the port basin and in the fjords. Among them were 2
Norwegian armoured cruisers, 2 British and 10 German destroyers, giving a
serious blow to Hitler’s Naval force.
On May 28th 1940 the Allied Forces (Norwegians, British, French and Polish)
forced the Germans out of Narvik, driving them, with their backs against the
wall, up the mountains towards the Swedish border. This is known as the first
Allied victory over Nazi-Germany during World War II. Unfortunately, events in France in May 1940 caused the Allied
Headquarters to withdraw their troops from Narvik, giving the Germans space to
re-enter and this time occupy Narvik. Narvik remained occupied till the end of the
war.

Narvík - Rombaken Fjord
