| 'S e seallaidhean brèagha a th'againn an seo gu dearbh, ach
ciamar a tha mi a' faighinn a-steach an seo. Tha mi ag iarraidh a bhith
a'cluich còmhla ris na caoraich eile. |
Feumaidh mi obair a dhèanamh a-nis. Tha dealbhan nan oileanach
deiseil ach caìte a bheil dealbhan Meusaidh ? Tha mi' n dòchas
gu bheil iad sàbhailte an seo. |
Tha mi a' fàs seachd searbh sgìth de Accutype. Tha mi
air a bhith an seo airson seachdain ach tha mi air Ire 1 fhathast. Agus
tha an coimpiutair seo cho mi-mhodhail cuideachd. |
Tha sin fada nas fheàrr. 'S e deagh spòrs a th'agam an
seo. Cha robh fios agam gun robh mi cho math air na drumaichean. 'S dòcha
gu bheil iad a' lorg talant ùr. |
Abair aodach spaìdeil! Seo Caoimhin a' dannsadh. Tha mi ag iarraidh
deoch bainne bhon bhàr, mas e do thoil e. |