Bìoball airson Cuimrigh - Beibl i Gymru
Rugadh
William Morgan ann an Ty Mawr, Penmachno, taigh a tha an-diugh ann an seibh
an Urrais Nàiseanta, agus mar sin, fosgailte dhan mhòr-shluagh.
Nuair a bha e na bhalach, fhuair e foghlam ann an taigh Sir John
Wynn ann an Gwydir, mus deach e dhan oilthigh ann an Cambridge, nuair a
bha e mu fhichead bliadhna a dh'aois. Fhad's a bha e anns an oilthigh,
eadar 1565-71, dh' ionnsaich e Eabhra, cuspair a bha gu math feumail
nuair a thòisich e air an obair eadar-theangachaidh. Tha am Bìoball
Eabhrach aige air maireachdainn gus an latha an-diugh, leis na notaichean
anns an làmhsgrìobhadh aige fhèin aig oir nan duilleag.
Nuair a dh'fhalbh e Cambridge, bha esan na bhiocair,
an toiseach ann an Llanbadarn Fawr, faisg air Aberystwyth agus an uair
sin ann an Trallwng. Ràinig e Llanrhaedr ym Mochant ann an Siorrachd
Dinbych ann an 1578, agus 's ann an seo a thòisich e air an obair
a thug cliù dha.
Nuair a bha am Bìoball deiseil ann an 1587,
chaidh Willaim Morgan fhèin gu Lunnainn, agus 's ann an seo a dh'fhuirich
e airson bliadhna gu lèir, fhad 's a bha na foillsichearan ga chlò-bhualadh
air sgàth 's nach robh facal Cuimris aca. Thàinig am Bìoball
a-mach ann an 1588, 's e air a mholadh airson na Cuimris soilleir a bh'
ann, rud nach robh aig Salesbury anns an Tiomnadh Nuadh aige a thàinig
a-mach ann an 1567.
Sgrìobh Ieuan Tew à Cydweli rann a
bha a' cur failte air a' Bhìoball ùr aig Willaim Morgan,
's esan ag ràdh gu bheil am Bìoball Cuimris mar a' ghrian
a' toirt solais dhuinn.
"Y Beibl faith yn ein hiaith ni
Yw'r haul yn rhoi' i oleuni"