Na Cànanan Ceilteach

Ged a thathar a' smaoineachadh gun tàinig na cànanan Ceilteach bhon aon freumh cumanta, tha na faclan a' coimhead tur eadar-dhealaichte uaireanan, air sgàth 's gun do dh'atharraicheadh na litreachan, gu h-àraid aig toiseach nam faclan, gus an do leasaicheadh dà phrìomh gheug, 's e sin Geodeleg, a tha a' toirt a-steach Gàidhlig, Gaelige is Gàidhlig Mhannin agus Brythoneg a tha a' toirt a-steach Cuimris a bharrachd air cànanan bhon Bhreatainn Bhig agus bhon Chorn. Cluinnear luaidh air "P" agus "Q" Ceilteach cuideachd, air sgàth 's gu bheil mòran fhaclan cumanta anns na cànanan Goedeleg a tha a' tòiseachadh le "c", fhad 's a tha an aon faclan a' tòiseachadh le "p" anns na cànanan Brythoneg. Mar eisimpleir, cleachdar "ceann" anns a' Ghàidhlig agus "pen" anns a' Chuimris.

 

Gàidhlig

Cuimris

ceann pen
còig pump
ceithir pedwar
pwy
Caisg Pasg
ceannard pennaeth
clann plant

Ach, tha eisimpleirean eile ann, far a bheil litir mar "s" anns a' Ghàidhlig ag atharrachadh ann an dòighean sònraichte nach eil cho soilleir gu sùil neo-ealanta.

 

Gàidhlig

Cuimris

s <

>h

salann halen
sealg hela
seileach helyg
samhail hafal
samhradh haf
seabhag hebog
sean hen
seòl hwyl
seasg hesg

s<

>ch

sgeul chwedl
sia chwech

sl<

>ll

sluagh llu

s<

> -

smear mwyar
snathad nodwydd
snàmh nofio
snìomh nyddu

s<

>ff

sruth ffrwd

Seo liosta eile de fhaclan le fuaim a tha coltach ri chèile. Ach bithibh faiceallach. 'S dòcha gun taìnig iad bhon aon freumh, ach cha do chum iad ris an aon ciall.

 

Gàidhlig

Cuimris

Gàidhlig

Cuimris

abhainn afon àireamh rhif
anail anadl aon un
abar aber
bàrd bardd bàrdachd barddoniaeth
beag bach bodhar byddar
buachaille bugail
caibe ceib cailc calch
calltainn collen caoin cwyn
carbad cerbyd cèir cwyr
ceud cant cineal cenedl
claidheamh cleddyf cliath clwyd
cluas clust cluasag clustog
cluinn clyw cnoc cnwc
coileach ceiliog coinneal cannwyll
corp corff creidsinn credu
crom crwm crois croes
cruinn crwn cruit crwth
ci cuibhrionn cyfran
deagh da dobhar cù dwrgi
domhainn dwfn doras drws
dorn dwrn draigheann draen
droch drwg dubh du
duine dyn
falt gwallt fann gwan
fear gwr fearn gwern
feart gwyrth feur gwair
fion gwin fìor gwir
fleadh gwledd fliuch gwlyb
fraoch grug fuar oer
fuidheall gweddill
gabhail gafael gabhar gafr
Gàidhlig Gaeleg gairm garm
garbh garw gàrradh gardd
gèadh gwydd gobha gof
geug cainc glan glân
glùn glin gràn grawn
gruaidh grudd guidhe gweddi
iarann haearn inne ewin
innis ynys iutharn uffern
labhairt llafar lag llac
làmh llaw làn llawn
làr llawr leabhar llyfr
lann llan leisg llesg
lèir llwyr leum llamu
linne llyn loisg llosgi
lom llwm long llong
luchd llwyth
marbh marw mairbh meirw
meann myn miol cù milgi
modh modd mol moli
mòr mawr muc moch
muir môr
òrd ordd
plaosg plisgyn poll pwll
priòmh prif
ràc rhac rainneach rhedyn
ràmh rhwyf ruadh rhudd
ruith rhedeg saor saer
sgadan ysgadyn sicir sicr
sgamhan ysgyfaint suain hun
tana tenau teann tyn
taigh ty tighearnas teyrnas
tìr tir toll twll
torc twrch troigh troed
tulg twlc tùrr twr

'S dòcha gu bheil e nas inntinneiche a bhith a' dèanamh coimeas eadar seann fhaclan a tha a' fuireach anns a' chànan sna làithean an-diugh ged a tha iad a' tighinn bho sheann chleachdaidhean nach cluinnear a-nis. Mar eisimpleir, cleachdar "llofrudd" airson "murtair" anns a' Chuimris, ged a tha am facal "rhudd" neo "ruadh" air fàs gu math seann fhasanta. Tha am facal fhèin a' ciallachadh "llaw" neo làmh ruadh, agus mar sin, bha am facal glè fhreagarrach airson murtair aig àm nuair a chleadhadh sgian.

Tha e inntinneach cuideachd, gu bheil na faclan a chleachdar airson dhathan air atharrachadh anns na cànanan Ceilteach air fad. Tha e coltach nach robh ach còig ainmean airson na dathan mus ràinig na Romanaich Breatainn, agus mar sin, cha do rinneadh eadar-dhealaichte sam bith eadar gorm is uaine, mar a chanas sinne an-diugh. Air sgath' s sin, tha amharas ann mu dheidhinn dath nan duilleagan, mar eisimpleir, agus cleachdar "glaswellt" anns a' Chuimris fhathast, a nochdadh anns a' Ghàidhlig mar "gormfheur".