An Lagh - Cyfraith Hywel Dda
Anns a' bhliadhna 930AD, thàinig prionnsan
na Cuimrigh cruinn còmhla ann an Whitland, neo Hendy Gwyn ar Dâf,
mar a chanas sinn an-diugh. Cha d'rinneadh lagh às ùr aig
an àm seo, ach sgrìobhadh sìos na cleachdaidhean laghal
a bha air leasachadh tro na linntinn. Chuireadh cudthrom air rèite
an àite peanais, airson sìth a chumail air feadh na dùthcha.
Mar eisimpleir, nuair a mharbhadh duine, cha robh còir aig an teaghlach
aige a bhith a' toirt dìoghaltas air a' mhurtair, ach bha iad a'
faighinn airgid, a-reìr inbhe an ìobairteachd. Tha e cudthromach
gun do sgrìobhadh na laghan sìos anns a' Chuimris bho thùs,
ged a tha an leth-bhreac na bu shìne a tha ri fhaighinn an-dràsta,
anns an Laideann.