An Eaglais Cheilteach

Tha e coltach gur e leasachadh na h-eaglais Ceiltiche a bu choireach airson maireannachd na Cuimris, an dèidh do na Romanaich fhàgail. Stèidhich Illtud manachainn ann an Llanilltud Fawr, far an robh sgoil ainmeil. A-measg nan sgoilearan, bha manaich às an Eirinn, oir bha ceanglaichean làidir eadar an dà dhùthaich aig an àm seo.

Anns an t-siathamh linn, bha Crìosdalachd a' fàs na bu chudthromacihe air feadh na dùthcha agus nochd am facal "Llan" ann an ainmean aìte, còmhla ri ainm naoimh, mar bu thrice. Tha sin a' dearbhadh gun robh comann Crìosdail ann, oir 's ann an seo a bha iad a' tiodhlacadh nam marbh.

Tha an t-ainm "Dewi", priòmh naomh na Cuimrigh, a' nochdadh gu math tric ann an Dyfed. Thathar a' smaoineachadh gun do rugadh e mu 530AD agus bha athair, Sant, na rìgh ann an Ceredigion. Ged nach eil mòran fianais ri faighinn a tha a' daingneachadh na rinn e, tha sgeulachdan mu dheidhinn rim faighinn ann am pailteas. Thathar ag ràdh gun robh Peulin, an tìdsear aige, dall, ach gun d'fhuair e an fradharc aige air ais, nuair a chuir Dewi òg a làmhan air. Thathar ag ràdh cuideachd gun do thog am fearann far an robh esan a' searmonachadh ann an Llandewi Brefi, mar a chanas sinn an-diugh, gus an robh a h-uile duine ga fhaicinn ceart. Thuirt esan, a rèir traidisean, "Cofio am y pethau bychan", neo "Cuimhnich air na rudan beaga", deagh chomhairle airson nan làithean an-diugh 's dòcha.