"O bydded i'r hen iaith barhau"

'S tric a chluinnear na faclan gu h-àrd anns a' Chuimrigh. Nuair a sheinnear faclan brosnachail an laoidh  nàiseanta againn, tha gach Cuimreach a' togradh gum bi an cànan aige fheìn a' maireachdainn gu brath. Tha Cuimris beò aig tòiseach an linn seo, 's 600,000 neach-labhairt ga bruidhinn. Ach dè cho fallain a tha i agus cuin a thòisich an crìonadh.

Thathar ag ràdh gun do leasaich cànan cùmanta Ceilteach a-measg nan treubhan a thuinich ann am meadhan Roinn Eòrpa, cho fada ri 3,000 bliadhna air ais. Tha e coltach gun do dh' atharraich an cànan gu ìre, fhad's a sgaoileadh e  gu oir na mòr-thire. Thathar a' smaoineachadh gun d' ràinig  dà sheòrsa de chànanan Ceilteach cladaichean iomallach Bhreatainn - Goedeleg agus Brythoneg.

Nuair a ràinig an ìompaireachd Romanach a binnein, bha na treubhan Ceilteach air an ceannsachadh beag air bheag, gus an d' raìnig an t-arm Breatainn. A reìr nan làmh-sgrìobhainn co-aoiseach, tha e soilleir gun do bhruidhneadh Brythoneg, neo cànan P Ceilteach, anns an dùthaich air fad, ach anns a' cheann a tuath a bha fo smachd nan Cruithneach.

Fhad's a bha Breatainn na phàirt de dh' Iompaireachd Romanach, 's e Laideann a chleachdadh mar chànan oifigeach, ged a bhruidhneadh Brythoneg fhathast a-measg nan daoine cùmanta. Thathar ag ràdh gun do dh' fhàs an cànan fada na bu shimplidh rè riaghaltas nan Romanach agus 's ann aig an àm sin a chailleadh an tuiseal ginideach. Air an làimh eile, bha Cuimris air leasachadh fo bhuaidh na Laidinne a thug mòran fhaclan ùra dhith.

Nuair a dh' fhalbh na Romanaich mu 410A.D., bha an dùthaich ann an stait chuagallach, gun chumhachd meadhanach. Thòisich na h-Angles is na Sagsonnaich ri ionnsaigean a thoirt air a' cheann a deas agus cha b' fhada gus an robh na Ceiltich air am putadh dhan tuath is dhan iar. Ged a chaill iad fearann, bha cultar nan Ceilteach a' sior-fhàs na bu chudthromaiche a thaobh creideamh, litreachas agus an lagh.

A rèir Brut y Tywysogion neo Eachdraidh nam Prionnsan, bha a' Chuimrigh ann an droch stait eadar toiseach an naodhamh linn is toiseach an aona linn deug, air sgàth 's gun robh na Lochlanaich a' toirt ionnsaigh oirre, bhon daingneach aca ann an Eirinn. 'S tric a loisgeadh eaglaisean is manachainnean faisg air cladaichean an iar, ann am Môn, Llyn agus Dyfed, agus 's ann air an adhbhar sin a thòisicheadh ri togalaichean cloiche a thogail. Chan eil mòran fianais ann, gun do thuinich na Lochlanaich anns a' Chuimrigh, mar a rinn iad ann an Eirinn, ged a tha e coltach gun do dh' fhuirich na bàtaichean aca ann an acarsaid Aberdaugleddau fad a' gheamhraidh.

'S e càirdeas stoirmeil a bha eadar na Cuimrich agus na Lochlanaich, agus air sgàth 's sin, cha robh buaidh mhòr aca air a' Chuimris fhèin. Ged a chleachdar faclan an-diugh a fhreumhaich bho chànan nan Lochlanach, chan eil fios againn le cinnt, ma thàinig iad thugainn tro meadhan na seann Bheurla. Mar eisimpleir, tha am facal "iarll" againn, a  tha gu math coltach ri "jarl", ach cuideachd gu "earl" anns a' Bheurla. 'S ann anns na h-ainmean àiteachan oirthireil anns a' Bheurla a chithear a' bhuaidh as motha aig na Lochlanaich.

Nuair a fhuair an dùthaich saorsa bho bhagairt nan Lochlanach anns an aona linn deug, dh'fhàs cuairtean nam prionnsan na bu chudthromaiche, gu h-àraid ann an Gwynedd, Deheubarth agus Morgannwg, airson an taic a thugadh do bhàird is seanchaidhean. Fhad 's a bha na bàird a' sgrìobhadh rannan a mhol na prionnsan, b' ann air muinntir na cuairt fhèin a bha na seanchaidhean ag amas an seanachas air oidhcheannan fada a' gheamhraidh. Thàinig na caractaran fhèin bhon t-saoghal phaganach o chionn fada - famhairean is draoidhean a chaidh am fighe às ùr ann am beairteas a' chànain a ràinig a bhinnein anns na sgeulachdan ris a chanar Y Mabinogi an-diugh.

Anns a' bhliadhna 1066, bhuannaich arm Uilleam a' Cheannsaiche aig Blàr Hastings, agus cha b' fhada an-dèidh sin gus an robh Sasainn air fad air geìlleadh ris na Normanaich agus ris an riaghaltas aca. Bha an suidheachadh  anns a' Chuimrigh caran eadar-dhealaichte, ged a dh'atharraich cùisean gu mòr an-dèidh 1282.

An toiseach, bha na Normanaich a' deiligeadh ri uaislean na Cuimrigh mar dhaoine co-ionnan agus bha iomadh pòsadh eadarra. Mar eisimpleir, phòs Llewelyn Fawr, Prionnsa Gwynedd, ri Joan, nigheann dhìolain John, an rìgh, ann an 1205. Tha e coltach nach do dh'atharraich cànan na cuairte anns a' Chuimrigh ach gun do dh' ionnsaich na Normanaich Cuimris. Ach 's ann aig an àm seo a thug iomadh facal a-steach dhan chànan, bho chànan nan Normanach, gu h-àraid faclan a chleachdadh leis na h-uaislean.

Bha buaidh nan Normanach fada na bu threasa anns na crìochan far an do chuireadh fearann ann an làmhan nam iarlan Normanach. Cha b' fhada gus an robh bailtean a' fàs suas faisg air na caistealan agus 's e eilthirich a thuinich annta - Normanaich, Sasanaich agus Flandraich. Dh'atharraich iad cànan an t-sluaigh thùsail ann  an àiteachan mar Siorrachd Penfro, ris a chanar "Sasainn Bheag" fhathast an-diugh. Dh'fhàs an suidheachadh seo na bu mhiosa an deìdh 1282, nuair a mharbhadh Llewelyn ein Llyw Olaf agus bho sin a-mach, chaidh Gwynedd a riaghladh leis a' mhac na bu shine aig an rìgh, fo thiotal "Prionnsa Cuimrigh".

An dèidh ar-a-mach  mi shoirbheachail Owain Glyndwr, aig toiseach an còigeamh linn deug, dh'fhàs reachdachd an agaidh nan Cuimreach fada na bu chruaidhe ann an cruth Achdan Penyd 1401-2. A rèir nan achdan seo, cha robh còir aig Cuimrich a bhith nan luchd-seilbh ann am bailtean nan Normanach, a bhith  a' pòsadh ris na Normanaich, neo a bhith a' giùlan bhall-airm. Ann an dòigh, bha na h-achdan seo a' cuideachadh a' chànain air sgàth 's gun do chumadh an dà shluagh air leth.

Ged a dh'fhàillig Owain Glyndwr, bha na bàird a' fàisneachadh gun tigeadh fear eile na àite a shaoradh na Cuimrich bho thraìllealachd nan Achdan Penyd. Nuair a ghlac Harri Tudor crùn nan Sasannach aig Blàr Bosworth ann an 1485, smaoinicheadh gum biodh còirichean nan Cuimreach, a thaobh chànain is chultair, a' fàs na bu threasa. Ach a rèir eachdraichean an là an-diugh, ged a fhuair na Cuimrich na h-aon còirichean ris na Sasannaich fon Achd Aonachaidh ann an 1536, chaill iad an còir a bhith nan Cuimrich anns an dùthaich aca fhèin. Thàinig Beurla a-steach mar chànan oifigeach anns na cuairtean laghal, anns an eaglais agus ann an riaghaltas

Bha an eaglais ann am Breatainn air sgoilteadh bhon Eaglais Romanach mu thràth agus air sgàth 's sin, ràinig am Bìoball Beurla na h-eaglaisean ann an 1539 agus an Leabhar Urnaigh na chois ann an 1549. Bhon àm seo, chleachdadh an dà leabhar ann an eaglaisean air feadh na dùthcha, gach Lath na Sabaid - a' chiad turas a chuala a' chuid a bu mhotha dhen choithional a' Bheurla anns a' Chuimrigh agus cha do thuig iad facal dhith.

Bha aonachd chreideimh fada na bu chudthromaiche dhan rìoghachd aig an àm seo na aonachd chànain agus dh'òrdaich a' bhan righ, Elizabeth 1, gum bu chòir do Bhìoball Cuimris a bhith anns gach eaglais, ri taobh Bìoball Beurla. Anns a' bhliadhna 1588, dh'fhoillsicheadh am Bìoball anns a' Chuimris, an dèidh do Easbaig William Morgan cur seachad iomadh bliadhna air an obair eadar-theangachaidh. 'S ann airson ceithir ceud bliadhna a chleachdadh  am Bìoball seo, 's e air leth cudthromach air sgàth 's gun do chuala daoine cumanta Facal Dhia, gu cunbhalach, ann an cànan sùbailte is beairteach, nuair nach robh an cànan ri chluinntinn ann an raoin poblach eile.

Ged a bha na Cuimrich ag èisteachd ris na ministearan a' leughadh bhon Bhìoball anns a' chànan aca fhèin, cha robh comas leughaidh aig a' mhorchuid. Anns an ochdamh linn deug, stèidhicheadh sgoiltean air feadh na dùthcha fo stiùireadh Griffith Jones à Llandowror, far an do dh'ionnsaich 304,475 duine ri leughadh anns a' Chuimris, eadar 1737-1776. Mar sin, bha mòran ag iarraidh Bìoball aig an taigh cuideachd, ged a bha gainnead Bhìoballan ann fhathast.

Dh'fhàs na Cuimrich na b' fhoghlaimte tro obair nan caibealan aig na Methodistaich, 's iad a' teagasg sgilean leughadh na Cuimris anns na sgoiltean aca air Latha na Sabaid gu ruig meadhan na linn mu dheireadh. Nochd sruth leabhraichean air a' mhargaid, mar "Gweledigaethau'r Bardd Cwsg" le Ellis Wynne ann an 1704 agus sgrìobh William Williams Pantycelyn laoidhean a sheinnear fhathast sa latha an-diugh.

Ach, bha a' Chuimrigh ag atharrachadh ann an iomadh dòigh eile, gu h-àraid anns a' cheann a deas, far an robh an gnìomachas iarainn a' leasachadh gus an robh Merthyr Tudful na phrìomh bhaile iarainn san t-saoghal ann am meadhan an naodhamh linn deug. Aig an aon àm, chunnacas àrdachadh susbainteach ann an àireamh an t-sluaigh, nuair a tharraingeadh muinntir na dùthcha chun nam bailtean mòra gu deas. 'S e leth mhillean duine a bha a' fuireach anns a' Chuimrigh aig toiseach an naodhamh linn deug, ach bha an àireamh seo air a dùblachadh anns an ath leth cheud bliadhna. Ach 's ann às a' Chuimrigh fhèin a thàinig luchd-obrach nam fùirneisean gu deas agus a' mhorchuid dhiubh (90%) a' bruidhinn Cuimris. Ach an dèidh sin, thàinig daoine bho Shasainn, Eirinn is Alba dhan Chuimrigh, a' lorg obair anns a' ghnìomhachas iarainn, neo fo thalamh anns na slocan guail. Dhùblaicheadh àireamh an t-sluaigh a-rithist, gus an robh dà mhillean a' fuireach anns an dùthaich aig toiseach na ficheadamh linn. Ged a bha tuilleadh luchd-labhairt na Cuimris ann na bh' ann riamh roimhe - 977,366 - bha an ceudad air tuiteam gu 43.5%.

Ach dè eile a bu choireach airson crìonadh a' chànain? Tha mi-chliù aig a' bhliadhna 1847 ann an leabhraichean eachdraidh na Cuimrigh, oir anns a' bhliadhna 'ud, thàinig aithris an riaghaltais a-mach air stait an fhoghlaim anns a' Chuimrigh, neo "Brad y Llyfrau Gleision", mar a chanas na Cuimrich fhathast. An dèidh sin, fhuair gach pàisde anns a' Chuimrigh foghlam tro mheadhan na Beurla a-mhàin, 's iad air am peansachadh nuair a chleachd iad Cuimris. Ann an darna leth na linn, bha iomadh casaid aig na daoine cumanta an aghaidh nan ùghdarrasan agus nam màighstirean. Bha ar-a-mach an aghaidh cìsean nan rathaidean anns an iar agus far an robh tionnsgal trom, thàinig Aonaidhean gu bith. Bha an riaghaltas na bheachd gur ann tro fhoghlam a bhiodh na Cuimrich air an ceannsachadh. Ann an 1865, chuir 150 Cuimreach an cùl ri dùthaich an sinnsearan, 's iad a' stèidheachadh tuineachadh ùr ann am Patagonia, far a bhruidhnear Cuimris fhathast sa latha an-diugh.

Ged a bha àireamh luchd-labhairt na Cuimris glè fhaisg air millean aig toiseach na ficheadamh linn, cha d'ràinigeadh an àireamh seo riamh, oir chailleadh mòran bhalach òga anns a' chiad cogadh agus anns na deicheadan a lean sin, dh'fhalbh leth mhillean Cuimreach airson obair a lorg ann an Sasainn agus thall thairis. Bha eagal air daoine gun robh buaidh laidir na Beurla a' fàs ann an coimhearsnachdan far an do bhruidhneadh Cuimris. Nuair a thòisich an riaghaltas ri sgoil bhomaichean a thogail ann am Penyberth, bha daoine a' faireachdainn gum biodh cus Beurla ri cluinntinn ann an cridhe na Cuimrigh. Chaidh an togalach a losgadh ann an 1936 agus bha an triùir a rinn sin - Saunders Lewis, D.J.Williams agus Lewis Valentine air am prìosanachadh airson naoi mìosan. Ach bha na Cuimrich air tòiseachadh ri sabaid an aghaidh crìonadh a' chànain, mar a chithear ann an litreachas a sgrìobhadh aig an àm.

Thòisich iomairt a' chànain dha-riribh ann an 1962, nuair a libhrig Saunders Lewis òraid chudthromach air an rèidio, fo thiotal, "Tynged yr Iaith", neo Dàn a' Chànain. Na bheachdsa, cha bhiodh facal Cuimris ri chluinntinn air bilean an t-sluaigh anns a' bhliadhna dà mhìle, mur an robh iad deònach a bhith a' strì airson còirichean cànain. An dèidh na h-òraide seo, stèdhicheadh buidheann ùr - "Cymdiethas yr Iaith" a tha air a bhith an sàs ann an iomairtean airson còirichean cànain ann an iomadh raon aig a bheil buaidh mhòr ann am beatha nan Cuimreach. Beag air bheag, thàinig iomadh atharrachadh nan cois ann an raointean foghlaim, craobh-sgaoilidh, chùisean laghal is riaghaltais, gus an do reachdaicheadh Achd Pàrlamaid ann an 1993 a thug inbhe cho-ionnan don chànan.

Aig toiseach an aona linn air fichead, tha inbhe oifigeach aig a' Chuimris nach fhacas fad linntean, 's cleachdar an cànan aig gach ìre riaghaltais. Ach chan eil an strì seachahd fhathast oir tha foghlam a-nis na ionnstramaid airson an cànan a thoirt thairis, an aìte an teaghlaich fhèin. Tha am "Bro Gymraeg" air crìonadh anns na sgìrean àiteachais gu tuath is iar, fhad' s a tha àireamhan an luchd-labhairt ag àrdachadh anns na bailtean mòra, 's gu h-àraid ann an Caerdydd, far a bheil mòran a' faighinn cosgnadh ann an raointean riaghaltais, craobh-sgaoilidh agus foghlaim. Ach mor thoradh inbhe oifigeil a' chànain, tha a' Chuimris a-nis ri faicinn anns gach pàirt den dùthaich agus tha iomairtean ionadail air feadh na dùthcha a' feuchainn ris a' chànan a bhrosnachadh anns na sgìrean aca fhèin. Am measg teaghlach nam mion-chànan, thathar ag ràdh gu bheil a' Chuimris sàbhailte airson dà ghinealach ach thathar an dòchas gun tèid an cànan am feabhas anns na bliadhnaichean ri teachd agus chithear àrdachadh ann an àireamh an luch-labhairt anns an ath-chunntas-sluaigh.
 

"Cenedl heb iaith, cenedl heb galon"