Y Mabinogi
Thathar a' smaoineachadh gun do nochd na sgeulachdan seo anns a' chruth
a th' againn an-diugh mu 1060, ged nach eil fianais chruaidh airson sin
a daingneachadh. Tha pìosan beaga de làmh-sgrìomhainn
ann a tha a' dol air ais cho fada ri 1225A.D. (Peniarth 6) ach tha na sgeulachdan
gu lèir a nochdadh ann an cruth sgrìobhte ann an Leabhar
Geal Rhydderch agus Leabhar Dearg Hergest a tha a' dol air ais dhan treas
linn deug.
'S e
ceithir pàirtean neo geugan a tha aig Y Mabinogi :-
Pwyll Pendefig Dyfed - Pwyll Prionnsa Dyfed
Branwen Ferch Llyr - Branwen Nighean Llyr
Manawydan Fab Llyr - Manawydan Mac Llyr
Math Fab Mathonwy - Math Mac Mathonwy
Seo toiseach a' chiad gheug - Pwyll Prionnsa Dyfed