Pwyll Prionnsa Dhyfed
Bha Pwyll,
Prionnsa Dhyfed, 'na thighearna air seachd sgìrean Dhyfed. Agus
aon latha bha e ann an Arberth, tè de na phrìomh chuairtean
aige, agus smaoinich e gum biodh e math a dhol a shealg. Agus 's e a b'
ainm dhan chuid sin dhe rìoghachd far an robh e airson sealg Gleann
Cuch. An oidhche sin, dh' fhalbh e a Arberth, agus thàinig e gu
àite air an robh Pen Llwyn Diarwya, agus bha e an sin fad na h-oidhche.
An ath latha, dh' èirich e anns a' chamhanaich agus thàinig
e a Ghleann Cuch a leigeil a chon seilge mu sgaoil sa choille. Shèid
e a chorn agus thòisich e air an t-sealg. Lean e na coin gus nach
robh sgeul aige air a chompnaich. Ach nuair a bha e ag èisteachd
ri tabhanaich nan con aige fhèin, chual' e tabhanaich lomhain eile
a bha a' dèanamh fuaim eadar-dhealaichte o fhuaim nan con aige fhèin,
agus bha an lomhainn seo a' tighinn a dh' ionnsaigh nan con aigesan. Agus
chitheadh e rèidhlean sa choille, raon còmhnard. Nuair a
ràinig na coin aigesan oir an raoin chitheadh e fiadh air beulaibh
nan con coimheach. Agus faisg air meadhan an raoin siud na coin choimheach
a' beireachdainn air an fhiadh agus ga leigeil chun na talmhainn.
Choimhead e an uair sin air an dath a bh' air an lomhainn choimhich chon,
gun dragh a ghabhail sealltainn air an fhiadh. Agus as na bha e air fhaicinn
de choin seilge riamh, cha robh e air coin fhaicinn dhen dath a bh' orra
siud. Bha dath geal soilleir orra, agus bha an cluasan dearg. Bha an cuirp
a' deàrrsadh geal agus an cluasan a' deàrrsadh dearg. Agus
an uair sin ràinig e na coin agus chuir e air falbh an fheadhainn
choimheach a bha air an fhiadh a mharbhadh, agus thòisich e air
a choin fhèin a bhiathadh air an fheòil.