Yr Iaith ar Waith
A
rèir Achd Pàrlamaid, Deddf yr Iaith Gymraeg 1993,
tha inbhe cho-ionnan aig a' Chuimris anns an raon phoblach. Air
thoradh an reachdachd seo, tha a' Chuimris air fàs nas faicsinniche,
oir tha soighnichean dà-chànanach air nochdadh air
feadh na dùthcha. Ged a bha sin na cheum chudthromach ann
an gnàthachadh na Cuimris, dè'n diofar a tha an achd
seo a' dèanamh ann am beatha làitheil luchd-labhairt
na Cuimris? 'S dòcha gu bheil na h-atharrachaidhean as cudthromaiche
a' tachairt aig ìre coimhearsnachd, far a bheil an luchd-labhairt
fhèin an sàs ann an iomairtean a tha a' brosnachadh
cleachdadh na Cuimris anns an sgìre aca fhèin.
|