Yr Iaith ar Waith

Suidheachadh na Cuimris ann an Eachdraidh

Suidheachadh na Cuimris san latha an-diugh

Fàs Foghlaim tro mheadhan na Cuimris

Merthyr Tudful & Cwm Rhymni

Menter Iaith Cwm Gwendraeth

Sgaoileadh nam Mentrau Iaith

Fiosrachadh

 

 

Yr Iaith ar Waith

A rèir Achd Pàrlamaid, Deddf yr Iaith Gymraeg 1993, tha inbhe cho-ionnan aig a' Chuimris anns an raon phoblach. Air thoradh an reachdachd seo, tha a' Chuimris air fàs nas faicsinniche, oir tha soighnichean dà-chànanach air nochdadh air feadh na dùthcha. Ged a bha sin na cheum chudthromach ann an gnàthachadh na Cuimris, dè'n diofar a tha an achd seo a' dèanamh ann am beatha làitheil luchd-labhairt na Cuimris? 'S dòcha gu bheil na h-atharrachaidhean as cudthromaiche a' tachairt aig ìre coimhearsnachd, far a bheil an luchd-labhairt fhèin an sàs ann an iomairtean a tha a' brosnachadh cleachdadh na Cuimris anns an sgìre aca fhèin.