Obair Gobhann

English version

"Bha aig a h-uile gobha, bha clach mhòr aige taobh a-muigh na ceàrdaich, agus toll as a' mheadhan. Bha a' chuidhle air a dèanamh le fiodh, agus bha easan an uair sin a' cur bann iarann oirre. Agus, fhios agad, bha e a' teasachadh a' chearcaill a-staigh as a' cheàrdaich. Bhiodh e teth. Bhiodh e dearg theth nuair a bheireadh e a-mach e. Bhiodh e a' leigeil leis air uachdair an fhiodh agus bha e "contractadh." Bhiodh e an uair sin a' tilgeil uisge air, fhios agad. Cha leigeadh e leis losgadh, bha e a' cur an uisge air, bheil fhios agad. Bha, agus ga fhuarachadh sìos. Chunnaic mi ga dhèanamh aon uair, chunnaic. Nuair a bha e teth, bha e air "expandadh" bheil fhios agad, 's nuair a dh'fhàsadh e fuar, cha robh tarrag no sìon ann.

Aonghas Dòmhnallach a bha na ghobha fad trì fichead bliadhna (1920-1980), Hastin, Uibhist a Tuath, 1975

Aonghas Dòmhnallach ag obair aig an innean, Hastin, Uibhist a Tuath, 1975

"Gobha ag obair aig an innean ... tha crudha aige an sin 's an t-òrd agus clobha. Tha mi creidsinn gu bheil siud a bha aig a chùl ... 's e balg-shèididh mhòr a bha aig a' ghobha airson sèideadh an teine."
An t-Eilean Sgitheanach 2002

 


Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-02