Teallaichean
English version
|
|
Bha
teallach ann am meadhan an làir anns na taighean-tughaidh fad iomadh
linn. Ann am bitheantas bhiodh a' chagailte air leacan mòra nan
laighe air an làr. Mar as trice bhiodh leac mhòr, leac an
teintein, na seasamh air cùl an teine. Bheireadh sin beagan fasgadh
ris an teine, glèidheadh i teas, agus bheireadh i àite dhaibh
fàdan mòine a sheasadh còmhla. Uaireannan chuireadh
iad bonnach na sheasamh ri leac an teintein nuair a bha e leth-bruich,
gus an robh e buileach deiseil. Bhiodh slabhraidh mhòr os cionn
na cagailte, 's prais no coire an còmhnaidh a' crochadh oirre.
Bhiodh iad a' smàladh an teine a h-uile oidhche. |
|
|
Taobh a-staigh taigh-thughaidh, a' sealltainn slabhraidh agus teallach le leac mhòir, Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach, 1905 |
|
Dath dearg a' sealltainn 1 na slabhraidh agus 2 leac an teinntein (clach-ceann an teallaich) |
|
"Bha
thu a' toirt na h-èibhleagan às an teine, bha thu gan cur
as an luaithreach. Nuair a dh' èiricheadh tu as a mhadainn, bha
thu gan toirt a-mach às an luaithreach 's bha thu gan cur air an
teine. Bhiodh an teine às an uair sin. Bha thu a' cur air an teine
agus bìdeag de mhòine cuideachd." |
|
Bhiodh
dubhain air an t-slabhraidh, agus chuireadh iad a' phrais no an coire
suas 's sìos a-rèir dè cho teth sa bha an teine.
'S e rud luachmhor a bha san t-slabhraidh. Chite bhon uiread de iarainn
a bha innte dè cho beairteach sa bha an teaghlach. |
||
|
Taigh-tughaidh, Taigh-tasgaidh Arnol, Leòdhas |
|
Anns an 19mh linn, thòisich iad air balla àrd fiodha a thogail aig ceann àrd an taighe gus dealachadh a dhèanamh eadar a' chùlaist (an seòmar-cadail) agus an seòmar far am biodh iad aig an teine. Ghleidheadh iad cisteachan-mine agus ciosanan-mine agus rudan eile anns a' chùlaist. Uaireannan bhiodh làr fiodha (lobhta làir) anns a' chùlaist. |
Thòisich daoine air an teallach a ghluasad air falbh bho mheadhan an làir. An sin, bhiodh an teallach ris an tallan eadar àite-fuirich an teaghlaich agus a' bhàthach (no ri balla na cùlaist). Dhèanadh iad balla ìosal de chlachan air beulaibh an tallain mar chùl an teallaich.
|
|
Cumadh taigh-thughaidh choitcheann air an tìr-mòr, air taobh siar na Gàidhealtachd, 19mh linn. B' ann le ballaichean cloiche singilte a chaidh an taigh seo a thogail. Bha sin bitheanta air taobh siar na Gàidhealtachd. Anns an taigh seo tha dà sheòmar aig a' cheann àrd, seòmar le teallach agus a' chùlaist. Tha clais (carcail) aig ceann ìosal na bàthaich airson sìoladh a-mach na h-inneir. |
|
|
|
||
|
Teallach ann am meadhan an làir agus slabhraidh le coire, Foula, Sealtainn, mu 1902. Tha èisg a' crochadh 's a' tiormachadh os cionn na cagailte. Tha balla àrd fiodha 's doras ann, 's dòcha a' dealachadh an seòmar seo bhon chùlaist far am biodh daoine a' cadail. |
Teallach ann am meadhan an làir agus slabhraidh le coire, Walls, Shealtainn, mu 1905. Tha leac an teinntein na seasamh air cùl na cagailte. Cha mhòr nach eil leac an teinntein ri balla na cùlaist. Chan eil beàrn mhòr eadar a' chlach agus am balla. |
|
|
||
|
Slabhraidh agus teallaich, Siorrachd Dùn Breatainn, mu 1890. Mar choimeas, tha goireasan rim faicinn ann an dachaigh seo ann an Siorrachd Dùn Breatainn nach robh idir air a' Ghaidhealtachd ann an taighean na tuatha. Cha bhiodh a leithid ann ach ann an taighean nan uaislean agus nan teaghlach beairteach. Ma dh'fhaodte gur e searbhanta a tha sa boireannach seo. |
Teallaich ann am meadhan an t-seòmair le cul-cloiche, trì leacan mòra agus slabhraidh a' crochadh os cionn nan leac, Birsay, Arcaibh, 1960. Bha an seòrsa seo de theallach ri fhaicinn ann an Gallaibh agus Cataibh. Aig an àm a thòisich daoine air an teallach a ghluasad air falbh bho mheadhan an làir, an toiseach bhiodh an teallach ris an tallan no ri balla na cùlaist, seach ri balla na tobhta fhèin aig ceann an taighe. Dhèanadh iad balla ìosal de chlachan air beulaibh an tallain mar chùl an teallaich. Chan eil tallan air chùl a' bhalla-cloiche seo, ach 's e seo an seòrsa cùl an teallaich a dhèanadh iad, ann am bitheantas. |
|
Is ann nuair a ghluais daoine a' chagailt air falbh bho mheadhan an làir a thòisich iad air similear-crochaidh fiodha a dhèanamh os cionn an teallaich, gus ceò na mònach a ghiùlan a-mach tron luidhear. Agus nuair a ghluais iad a' chagailt gu balla na tobhta fhèin aig ceann an taighe, bhiodh iad fhathast a' cleachdadh similear-crochaidh. Mu dheireadh thall, rachadh stuadh mhòr àrd le luidhear na broinn a thogail aig gach ceann nan taighean ùra, ach fad iomadh bliadhna ron àm a thachair sin, bha an similear-crochaidh na ghoireas gnàthach ann an taighean na tuatha. |
|
|
Seòmar le similear-crochaidh, tìr-mòr na h-Alba, mu 1900. Tha àirneis-taighe uamhasach math ann, agus tha lìon-iasgaich a' crochadh bho mhullach na seòmar. Chan eil ach còmhdachadh aoil air ballachan na tobhta. Ghabhaidh na ceanglaichean agus na clèithean fhaicinn anns a' mhullach. Tha clèithean bheaga goirid ann, cuideachd. Anns an sgìre seo, ma dh'fhaodte nach bhiodh iad a' cleachdadh an uiread de chabair air na cleithean, a' dol bho bhallaichean na tobhta suas dhan chabar-droma, o chionn 's gun robh mòran fiodha aca ri chleachdadh mar chlèithean. Is dòcha nach biodh cabair a dhith orra idir. |
|
"Chuala mi cagailt, am facal cagailt. Is toigh leam am facal cagailt, tha blàths timcheall air an fhacal fhèin ... ga chleachdadh. Chunnaic mi sin air taigh ann an Aird Asaig, ach chan eil fhiosam dè an t-ainm a bha aca air. Cha b' ann le fiodh idir a bha e air a dhèanamh, tha mise a' smaoineachadh gur ann a bha e air a dhèanamh le canabhas dìreach, ma tha mo chuimhne ceart. Cha b' e fiodh idir a bh' ann. Bha frèam fiodha air gun teagamh, ach cha b' e fiodh a bha anns a ... ann a sheo idir, a-nis. Chanainn-sa gur e canabhas a bhiodh ann. 'S dòcha, a' chuimhne a th'agam air, 's e, mar gum biodh, rud a bhiodh iad a' cleachdadh ann an seòl eathraichean nuair a bhiodh na h-eathraichean siùil aca. Cha do dh'fhaighnich mi riamh dè bha ann. Ach, nam inntinn fhèin, tha mi a' smaoineachadh gur e pìos de sheòl eathair a bha ann. Ach tha cuimhne agam sa air sin fhaicinn ann an taigh. |
|
Similear-crochaidh fiodha le crann iarainn agus slabhraidh, le prais mhòir a' crochadh air an t-slabhraidh os cionn branndair, Ardoyne, An Innis, Siorrachd Obar Dheathain, 1961 |
"
Agus bha an teine gu h-ìosal, ìosal air an làr, agus
bha seo gu-h-àrd. Agus bha a' cheò a' dol ... bha seo a'
glacadh a' cheò. Cha robh iad eagallach math idir, bhiodh pàirt
dheth a' tighinn a-mach air an doras, ach bha e a' glacadh tòrr
dhen cheò, 's bha e a' dol suas tron t-similear. Agus bha an teine
air an làr. 'S e taigh dubh a bha ann, 's e. Bha an teine dìreach
bìdeag aig an àrd, os cionn an làir. Bha iarann mòr
flat, agus bha teine air an iarann, agus bha seo an uair sin ga thoirt
os cionn ... pìos os cionn an làir. Fiodh a thàinig,
bha tòrr de fhiodh aca a' tighinn air tìr, as an taobh seo
co dhiù, timcheall air an tighe. Agus, chan eil fhios agam dè
am fiodh a bha san rud, ach 's e mar gum biodh canabhas, chanain-sa gur
e pìos de sheòl air an robh e air a dhèanamh. Bha
e aosda coimhead, bha. Bhiodh e tòrr na b'fheàrr na an seann
taigh, far an robh teine 'm meadhan an làir. Bha a' cheò
a' dol a-mach, suas dhan mhullach, bheil fhios agad. Bha a' chuid as motha
dheth a' dol a-mach. |
|
Bha goireasan ùr-nòsach ann an cuid de dhachaighean anns na h-Eileanan Siar, fiù gu math tràth san 20mh linn. Ach is ann aig teaghlaichean àraidh a bhiodh iad, aig a' mhinistear agus aig a' maighistir-sgoile, mar eisimpleir. Mhair dòighean agus goireasan seann-nòsach ann an dachaighean na tuatha fad roinn mhòr den 20mh linn. |
|
|
||
|
Seòmar le teallach, Calanis, Leòdhas, 1910. Tha iomadh rud ann a' sealltainn gur e taigh aig teaghlach beartach a tha ann an seo. Tha an teallach aig ceann an taighe. Tha a' chagailt 's an luidhear 's an similear air a dhèanamh le cloich 's tha sin air a chòmhdachadh le aol. Tha pàipear air na ballaichean. Tha dreasair mòr ris a' bhalla agus tha cupannan, crogan, soithichean 's truinnsearan air an dresair. Tha bòrd ann le dràbhraichean agus tha truinnsearan mòra air chùl a' bhùird air an làr. Tha cathair mhòr ann air a chòmhdachadh le leathar. |
Stòbh iarainn, am "Modern Mistress" a thòisich daoine a chleachdadh mu 1920, agus daoine fhathast ga chur gu feum ann an Leòdhas ann an 1955 |
|
Doras taigh-thughaidh le cearc, Huna, Taigh a' Gheàrraidh, Uibhist a Tuath, 1970 |
Beag
air bheag chaidh goireasan a chur ris na taighean-tughaidh air taobh an
iar na Gaidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar.
|
|
|
|
|
Seòmar taigh-thughaidh, na h-Eileanan Siar, 1960. Tha mullach an t-seòmair air a còmhdaicheadh le aol. Chuireadh daoine cainb-aodach, pìosan seann sìuil agus pocannan air ìochdar a' mhullaich eadar na clèithean agus na ceangail. Chuireadh iad pàipearan-naidheachd air sin agus mu dheireadh, còmhdachadh aoil. Tha stòbh iarainn, am "Modern Mistress," air an taobh ceart le coire agus prais air. |
|
|
||
|
Ailean MacIain anns a chidsin, far am bheil leacan chòmhnard air an làr, Bun a' Mhuilinn, Eirisgeigh, 1971. Tha stòbh iarainn ann, an "Enchantress," a thòisich daoine a' cleachdadh mu 1930, le pìob a' dol tron bhalla (agus lathaichean an t-similear-crochaidh seachad gu bràth). Tha sunnag (seòrsa de chathair) ann ri taobh an t-stòbh, agus dà choire air uachdar an t-stòbh. |
Sealladh
eile air a' chidsin, Bun a' Mhuilinn, Eirisgeigh, 1971. Bha àmhainn
anns an Enchantress a chaidh bho thaobh gu taobh. |
|
. |
||
|
Croitear agus a theaghach mun cuairt an teine, Caolas Chrombaidh, 1943. Tha stòbh mòr iarainn ris a' bhalla le coire mòr iarainn air an dàrna taobh. Tha lampa air preas an t-simileir còmhla ri rudan eile mar chleoc. Nuair a thàinig goireasan ùr-nòsach do dhaoine chumanta, ràinig na h-atharrachaidhean na bu luatha air taobh an ear na h-Alba. |
Teallach le stòbh iarainn agus preas-simileir sgeadaichte, Àrd Heisgeir, Uibhist a Tuath, mu 1970. Tha an stòbh agus a h-uile rud eile mun cuairt an teallaich gu math ùr-nòsach an coimeas ri na seòmraichean le stòbhaichean Modern Mistress no Enchantress annta. Ghabhaidh e fhaicinn gu bheil lobhta le làr fiodha os cionn an t-seòmar (suas an staidhre), seach mullach an t-seòmair air a còmhdaicheadh le aol a-mhain. |
Duilleag sgrìobhte le Frances Forrest
Dealbhan bho SCRAN
2002-08-22