Duilleag Dachaigh
Abairtean Dhualchainnt
Ainmean-Àite
Na Bhana-Bhuidsich Muileach
Bun-Eachdraidh
Cleachdaidhean agus Creideamhan Os-nàdarrach
Òrain agus Bàrdachd
Sean Fhaclan
Sgeulachdan
Sìthein Muileach
Planntais agus Beathaichean
Tùsan

Aideachaidhean

 

Abairtean Dhualchainnt

Thathar air cruinneachadh bheag de abairtean agus faclan a lorgas tu ann an dualchainnt Muileach, nach eil idir cho bitheanta 'sa bha. Thaghadh mi gus seo a chur ris mo chuid rannsachaidh, seach gu bheilear den bheachd gu bheil seo pàirt chudthromach dè dhualchas sgìre sam bith. 'S e th'ann ach rud a tha cuir ris dualchas sam bith a tha dèanamh cinnteach gu bheil i diofraichte bho tè eile.

 

Shiubhail e, cha do chaochaill e

Cha b'e tiodhlac a bhiodh agad ach toradh.

Cha bhiodh tu sealltainn no coimhead air ruideigin ach a lèirsinn no ag amharc.

Bhiodh gach à air am fuaimneachadh mar è, thèinig seach thàinig; mhèthair seach mhàthair agus mar sin air adhart.

Cha bhiodh tu ag ràdh can no their ach abair no abradh.

Anns an ceann a deas cluinnidh tu gura math agad mar a tha aca an Ìle.

Bha cailleach, fìor dhroch fhacal, 's e bh'ann ach sean(n) a bhean.

Cha biodh bodach a bha ann ach seann duine, a-rithist bhiodh sin na dhroch rud ri ràdh.

Cluinnidh air feadh Earra Ghàidheal, no b'àbhaist thu co dhiù 's e dar airson nuair.