|
Ainmean-Àite
Muile
Anns
a' phìos seo tha mi air mapa a chruinneachadh le feadhainn de na
h-ainmean-àite a lorgas tu air an eilean. Rinn mo sheanair an leabhar,
The Placenames of Mull, agus tha seo air a bhith air leth feumail dhomh.
Nan robh sibh airson barrachd ainmean-àite Muileach a sgrùdadh,
b'e seo an leabhar a b'fheàrr.

'B e iad seo air a' mhapa a chruthaich mi-fhèin
na h-ainmean-àite a tha mi air sgrùdadh:
Muile, An t-Eilean Muileach, Mull, Isle of Mull.
B'e an ainm a thug Ptolemy air an eilean, Maleus. B'e an ainm a thug Adhamh
air an eilean Malwam. Ann an t-seann Norse 's e "Myalarkalfr"
- Laogh Muile. 'S an latha an-diugh theirear Muile no an t-Eilean Muileach.
A' Ghleann Ghorm, Glen Gorm
Tha an fhacal Gorm air a cleachdadh aig amanan ri dealbhachadh an dath
a chithear air taobh brùthaich no beann aig astar. Chithear dath
ghorm no ghlais às dèidh àm àileachas le deàrrsadh
na grèine, no fras. O seann, b'e sòrn a bha air a' chuid
seo den eilean.
Tobar Mhoire, Tobermory
Tobar, Mhoire bho Moire, Tobair aig Mhoire, An Naomh Moire.
Dearbhaig, Dervaig
Der bho dearbh - aig bho Seann Norse, Deagh Bhàigh
Calgarraidh, Calgary
Cala - caladh; Airigh - àiridh.
1) Àirigh nan Caladh
2)'S dòcha 's e Cala ainm pearsanta; Àirigh aig Cala
Treshnis, Treshnish
Treise - cumhachd, làidiris, tarraing dhan cumhachd a' Chuain Shiar
agus an ragadh air Cairnburg; Nish bhon t-seann Norse airson Headland,
Nes.
Rubha leth-eilean.
Leitir Mòr, Lettermore
Leitir - leathad; Mòr - great
Great Hill slope.
An Leathad Mhòr, Ledmore
Led + Leit - hillside. More bho mòr, uasal.
Leathad Mhòr, Uasal.
Teanga, Tenga
Teanga - pìos fearainn air a bheil cruth mar theanga
An t-Sàilean, Salen
Sailean - lathach-shaillte, tidal basin le feur fomhpa aig àmanan
sònraichte. Cuideachd Sàilean Dubh aig Calum Cille.
Cille Nìnein, Killninian
Kil - Cill - Air an coisrig gu Naomh Naoinean . Tha an ainm-àite
seo air a bhith thogail le ùghdarrasan gu bheil e ciallachadh,
àite-còmhnaidh nan naoi nigheanan. Chaochail Naomh Naoinean
mu 432 RC.
Lagain Ulbha, Laggan Ulva
Laggan, àite ìosal, neo àite còmhnard. B'ann
le na cinn-cinnidh Ulbha, Clann Ic Guaire a bha an fhearainn seo aig àm
nan cinnidhean.
Ulbha, Ulva.
Ulf-ey. Ulf - madadh-allaidh ann an seann Norse. A - ey - eilean; Eilean
nam Madadh-Allaidh.
'S e ainm pearsanta a tha Ulf, Eilean Ulfr.
Gomastra, Gometra.
Tha Gometra a' ciallachadh Eilean aig Godman, 's e ainm pearsanta a tha
ann an Godman. Tha crìoch an fhacal 'ey' eilean ann an seann Norse.
Grìbuinn, Gribun
Gri bho sgribhinn, leathad creagach de bheinn no chladach; no sgrìodan,
gil creagach, bhon t-seann Norse Skriose, airson tuiteadh talamh; bun,
bhonn.
Baile na h-Àrd, Balnahard.
Baile, thuathanas no baile bheag; na - de rudeigin; àrd - àirde.
Baile bheag a tha gu math àrd.
Clachan Dhubh, Clachandhu
Clachan - baile bheag no clacharan; Dhu bho Dubh.
A' Bhaile Bheag Dhubh.
Baile Meadhanach, Balmeanach
Baile, tuathanas, cruinneachadh de taighean; Meanach, meadhanach. Am Baile
Meadhanach.
Baile Mhuillinn, Balevulin
Baile, tuathanas, cruinneachadh de taighean; Mhuillinn bho Muilleann.
Baile anns a robh/bheil Muilleann.
Peighinn a' Ghàidheil, Pennygael
Penny bho Peighinn, fearainn a' Pheighinn; gael bho Gàidheal, 's
dòcha aon de na chiad Lochlannaich a thùinich air an eilean.
Bha seo cuideachd dòigh air fearainn a thomhas. Fearainn Peighinn
a' Ghàidheal.
Fionn Phort, Fionnphort
Fionn, geal, bàn; port, port.
A' Phort Bhàn.
Bun Easain, Bunessan
Bun, bonn; easan, eas bheag. Bun an Easain..
Creag, Craig
Clach, creag
Carasaig, Carsaig.
Car, àileach; aig, bàigh.
A' Bhàigh Àileach.
Locha Buidhe, Lochbuie.
Buie, bho buidhe, òir. Loch an òir.
Crògain, Crogan.
A' Lùib Bheag.
A' Bhrùthaich Dhàraich, Oak Bank.
Brùthaich nan Darach.
Gaodhail, Gaodhail.
Gao, bho gaoth; dhail bho dalr - gleann, ann an t-seann Norse.
Ghleann a' Ghaoth.
Ach tha gaoth cuideachd a' ciallachadh boglach.
A' Ghleann Bhoglach.
Creag an Iubhar, Craignure
Creag, clach, creag; Iubhar, Craobh Iubhar. Creag an Iubhar.
Cille Bheagain, Kil(l)beg
Kil(l) bho Cil, cladh; beg bho beag.
Àite-còmhnaidh no cladh bheag.
|