|
Na
Bhana-Bhuidsich Muileach
Tha
Muile air a bhith ainmeil riamh airson na bhana-bhuidsich tha air tighinn
a-mach àiste thairis na ginealachdan. Leis a seo thathar air sgeulachd
no dhà a chruinneachadh agus a chuir ann.
A' Chailleach Bheur
Caillich Ainmeil
An Spanish Armada
Doiteag Mhuileach
A' Chailleach Mhòr
------------------------------------------------------------------------------------
A' Chailleach Bheur
Air cladach Loch
Bà air an Eilean Mhuileach, chrìochnaich a' bhana-bhuidseach
- A Chailleach Bheurr, a' bheatha aice an dèidh a bhith beò
mhìltean de bhliadhnachan.
Troimh na ginealaichean
tha sin, tha e air a bhith air innse gu robh i a' dol fodha anns an loch,
ann an ceumannan de ceud bliadhna. Bhiodh i a' dèanamh seo gus
chumail beò, is gum biodh i òg is bòidheach a-rithist.
Ach nan tachradh beathach a choireigin rithe air a' mhadainn shònraichte
seo ,a nuair a bha i a dol do taobh na locha, bhiodh an deas-ghnàth
air a bhriseadh.
Leis a seo bhiodh i an uair sin mar chailleach aost' is àbhaisteach
gus a' chaochladh i.
Gu mi-fhortanach thachair seo rithe, agus chaochail i na seann bhoireannach
agus aonaranach as dèidh mìltean de bhliadhnachan de bhi
beò.
Tha sinn air mòran
sgeulachdan a chluinntinn mu dhèidhinn san àm nuair bha
i beò, a tha air an cruthachadh mu dhèidhinn na rudan a
dh'fhàg ainmeil i.
Tha e air a ràdh
gun do rinn i na h-eileanan Siar; aon latha thuit chlachan bheaga bhon
chliabh aice is leis a seo bha na h-eileanan Siar air an cruthachadh.
'S e sgeul eile mu dhèidhinn na rinn i na bheatha gun robh i aon
latha a' tilgeil pìos bhioran, sguab am pìos bioran pìos
den talamh air falamh agus bha am Loch leis an ainm Loch Odha air a bhreith
cuideachd.
Tha e cuideachd air a ràdh gu robh dìreach aon sùil
aice is b'e an sùil seo a' ghrian, a bha deàrrsadh a h-uile
latha air feadh Alba.
An nuair a bha i beò bha e cuideachd air a ràdh gu robh
i cho àrd gum b'urrainn dhi coiseachd tro Chaolas Muile is cha
bhiodh an t-uisge ach suas chun na glùinean aice. A rèir
aithris bhiodh i a' seinn an rann seo uair is uair a-rithist rithe fhèin
an nuair a bha i coiseachd tron Chaolas:
"Crulochan dubh,
dorcha, domhainn,
Aon loch is doimhne 'san domhainn;
Cha ruigeadh Caol Muile ach mo ghluinean;
Ach ruigeadh Loch Crualaich mo shleistean"

Is e an rann seo aon de na h-òrain a bha 's dòcha air a
sheinn mar òran tàlaidh bho màthair gu leanabh air
feadh na Gàidhealtachd. Bhiodh a' chailleach i fhèin a'
seinn an òrain dhan a bhò aice. A h-uile mhadainn bhiodh
i a' coiseachd bho Mhaol Chinn-Tire gu mullach Beinn Cruachain leis a'
bhò aice daonnan a' seinn an òran sin, a rèir sgeòil.
Na beachd b'e seo dìreach cuairt ghoirid dhi fhèin gach
madainn.
Chan eil A' Chailleach Bheur na h-aonar anns an Roinn Eòrpa a rèir
choltais. Tha na Lochlannaich, no Scandanàbhanaich ag innse an
dearbh sgeul gu na cloinn aca, ach 's e an t-ainm a tha oirre an sin -
"Vala". 'S dòcha gu bheil coltas dithis na cho-thuiteamais,
air neo 's dòcha gu robh an dithis bhoireannach nan pheathraichean,
gun n'e A' Chailleach Bheur a' ghrian, agus gu n'e Vala a' ghealaich!?
- Cò aig a tha fios?
Caillich Ainmeil
Le Dòmhnall Mac a' Pheutan
"The legend as I heard it was:- That the Cailleach gathered the stones
and carried them in a 'gad' on her back with an 'iris-mhuineal' to erect
a bridge over Caol Muile. The 'iris-mhuineal' broke, the stones fell,
and there they lay to this day, to prove the enterprising spirit of the
Cailleach. If the iris-mhuineal had not broken, no doubt the old Cailleach
would have carried the 'carn' to the narrowest part of the Caol and there
build so desirable an erection. Whether the Cailleach of the 'Carn' was
the Cailleach Bheur of Gleann Cainneil or not is a matter of doubt, evidently
there must have been many a celebrated 'Cailleach' in Albain. There was
the Cailleach whose neglect of covering her well originated Loch Odha;
there is Rudha-na-Cailleach in Mull: she went 'a dh'iarraidh maorach'
...and the tide cut her off from the path back, and she would have been
drowned had she not scaled the precipitous cliffs of the Rudha, praying
to God for help, but when she achieved the ascent she said 'Chaidh agam
air a dh' aindeòin Dhia is dhaoine' and Chaidh a tiunndadh na carra
cloiche dar an do sheas i... I was shewn this Carradh, but I failed to
see any semblance to a Cailleach in it. Then there is Beinn na Cailleach
near Broadford, an t-Ath-leathann, Isle of Skye. Some legend is attached
to it connected with the Fianntaichean. And the ever-memorable Cailleach
Bheur. Where is a 'Muileach' that has not heard of her and Tobar na-h-òige?
... After the Cailleach fell na cuaill chnamh aig an tobar - not ashes.
After meeting the shepherd and his dog that barked, the Cailleach Bheurr
said to the shepherd:-
"'S moch an diugh a ghoirr an cù
Madainn chiùin os cionn loch Bà"
Then the shepherd asked her -
"A Chailleach Bheur bheadarach
Gu dè d'aois?
'Nuair bha 'n fhairge ghlas na coill
S ann bha mis am mhaighdainn òg."
When the shepherd enquired where she was born she replied -
"Cnoc an fhir
leith
Airidh bhealaich
Dui-leitir nan cabar cama
'S ann a bha mi òg am leanabh."
Island Voices. Td.
145. Ann MacKenzie
An Spanish Armada
Lorg am bhàta bhon Spanish Armada "Florida" dìon
bho stoirm làidir anns a' bhàgh aig Thobarmhoire bha seo
ann an 1588. As dèidh a bhith aig acair airson greiseag sprèidh
i le fùdar-ghunna. Leis a seo tha iomadh bìdeagan rin lorg
air feadh grunn na mara. Chanadh cuid gur e seo an fhìrinn, cha
robh rud sam bith eile ceangailte ris. Ach ann an dualchas nan Gàidheal
tha an sgeul na leanas air a bhith air a thogail thar iomadh ginealachd.
Chunnaic bhana-phrionnsa snog Spàinnteach ann an
aisling saighdear Gàidhealach. Leis a seo chuir i air bhonn a'
bhàta mhòr Armada aig an robh an ainm Florida. Sir iad an
oirthir Albannach agus ann an stoirm làidir chruaidh lorg iad bàgh
ciùin Thobarmhoire airson dìon bhon ghaoth. Nuair a mhothaich
sluagh Thobarmhoire am bàta annasach agus eireachdail, shiubhail
'ad a-mach chun bàta mhòr seo. Bha cead aca uile gus dol
air bhòrd am bàta gus sùil a chur air cùisean,
shuidh a bhana-phrionns' gu socair is sheall i air gach neach a chaidh
seachad. Dh'aithnich i aoigh a bha air bhòrd, is bha i gu bhith
air chrith nuair a dh'aithnich i cò bh'ann, an duine gasda le breac
air air fad, a chunnaic anns an aisling aice, b'e seo MacIlleathain à
Dhùbhairt. Cha d'thug e idir fada gus an robh iad làn ghaoil
airson gach a chèile, 's bha e cèilidh air a bhàta
Spàinnteach gu làitheil. Ach ged gu robh na dithis aca gu
math toilichte agus làn dhe ghaoil, dh'fhàs a' Bhean-Uasal
NicIlleathain amharasach agus chuir air bonn plana a' bhàta spreidheadh
le na dithis aca na bhroinn
.
Anns na làithean bha na creideamhan aig na cinne-daoine ann an
gnothaichean os-nàdarrach agus rudan buidseachail an dòigh.
Cha b'e dìreach na daoine chumanta a bhaile a bha a tuigsinn ann
an seòrsa rud seo, bha na daoine uasail a chuir an creideamh aca
ann cuideachd. 'S tha seo fìor a rèir an sgeul gu robh a
Bhean-Uasail NicGilleathain a gabhail comhairle le na bhana-bhuidsich
ainmeil an eilein. B'e an tè air an do dh'abairtear roimhe 's e
Doiteag Mhuileach a' chiad tè a dh'fheuch am bàta a spreidheadh,
ach d'rinn i a chùis air, leis a seo chaidh a Bhean-Uasail gu Laodhrag
Thiristeach agus an iair sin dh'fheuch i a' Ghlaisrig Ileach ach b'urrainn
iadsan a chùis a dhèanamh air nas motha. Leis a seo chaidh
a Bhean-Uasail do Ghormshùil à Loch Abair, is rinn a bhana-bhuidseach
seo a chùis air dha rìreabh.
Ach 's e na thachairt dhan a bhàta anns an fhìrinn
's e gun d'fhuair a chaiptin còmhnadh bhon luchd Thobarmhoire,
ach cha robh e deònach a' chìs a phàigheadh. Leis
a seo thug MacGilleathain dè Dhùbhairt air le Dòmhnall
Ghlais MacGilleathain de Morbheann dol dhan a bhàta gus an airgead
fhaighinn. Ach chum a chaiptin e air fo bhòrd is 's e Dòmhnaill
Ghlais a losg am fùdar-ghunna is a sprèidh am bàta
ann am bàgh Thobairmhoire.
Doiteag Mhuileach
Bha Doiteag Muileach a fuireach air mullach Beinn Mhòir,
aig an deireadh den 16mh linn bha i gu math ainmeil agus sìolach.
Mar a thuirt mi roimhe dh'fheuch i a dìcheall a dhèanamh
air an Spanish Armada. 'B e an rud as miosa air a robh i ainmeil airson
's e a bhith milleadh rudan leis na stoirmean dh'fhaodadh i thogail ann
am bribeadh na sùile.

Beinn Mhòir
A' Chailleach Mhòr
'S ann aig a' cheann a tuath Mhuile a bha an tè seo
fuireach, faisg air Àrd Mhòir, sin na chanadh cuid co dhiù.
Bha i a sàmhlachadh a gheamhradh a rèir an sgeòil,
's bha i an teicheadh às an Eilean Sgitheanaich às dèidh
a' bhana-bhuidseach a bha sàmhlachadh an earraich a chùis
oirre. Leis a seo theich gu mullach an Àrd Mhòir. Tha òrain
fhathast ann mu dheidhinn, seach gu robh i aon de nan fheadhainn as uasaile
agus às cumhachdach riamh. B'e The Hag a bha oirre 'sa Bheurla,
is 's e creutair air leth grànnda a bh'innte, le biorag mòr
ghorm air aoigh a rèir a sgeòil Muileach. 'S b'e seo an
àite-còmhnaidh a bh'aice air mullach an Àrd Mhòir,
taobh tuath Muile.
|