Duilleag Dachaigh
Abairtean Dhualchainnt
Ainmean-Àite
Na Bhana-Bhuidsich Muileach
Bun-Eachdraidh
Cleachdaidhean agus Creideamhan Os-nàdarrach
Òrain agus Bàrdachd
Sean Fhaclan
Sgeulachdan
Sìthein Muileach
Planntais agus Beathaichean
Tùsan

Aideachaidhean

 

Pròiseact Rannsachaidh air

Dualchas an Eilein Muileach

Caol Muile

Le Gwen C. NicGuaire

4BA le Urram, Gàidhlig, Cànan is Cultair

 

Thathar air an fhiosrachadh seo a chruinneachadh agus a chruthachadh airson a' chiad measadh airson Dualchas san 21mh linn. Tha m'athair à Muile, leis a seo thathar riamh air sgeulachdan is cleachdaidhean a chluinntinn, is tha mi air tadhal an eilean iomadh thuras bhon a bha mi òg.
'S e eilean air leth àlainn a tha innte, a tha gu math diofraichte ri eileanan eile air taobh Siar Alba. Leis na glinn làn chraobhan agus na beinn àrd uasail 's e eilean air leth àlainn agus inntinneach a th' ann.
Bha iomadh neach, teaghlach agus croit ann am Muile air am fuadach aig àm nam fuadaichean, bha na glinn nise air am fàgail bàn gun ghuth ri cluinntinn annta airson bliadhnachan. Leis a seo, cha lorgar ann am Muile a leithid de Ghàidhlig 'san latha an-diugh. A' Ghàidhlig a lorgas chan eil i na dualchainnt an àite - an aon sgeul a chluinneas air feadh na Gàidhealtachd. Ach aig a' cheart àm, lorgar gu leòr sgeulachdan, òrain, cleachdaidhean agus mar sin air adhart a tha air a bhith air an clàradh bhon chionn fhada, neo a tha fhathast ann an inntinn daoine.

Na Taighean Ainmeil Daithte ann an Tobar Mhoire

Bhon a rannsachadh tha mi air a dhèanamh, tha a' mhòr-chuid air a bhith ann am Beurla, an stuth eadar-theangachadh a gharradh chuir mi gu Gàidhlig e, ach ann an suidheachadh no dhà cha robh sin comasach. Tha an leabhar air Ann NicCoinnich - Island Voices, Traditions of North Mull air a bhith air leth inntinneach ri leughadh. Tha an leabhar làn dè sgeulachadan, cleachdaidhean agus agallamhan. Mholainn an leabhar gu neach sam bith a robh airson barrachd rannsachadh a dhèanamh air na cuspairean air a tha mi fhèin air dèiligeadh ri.

Bith fada a bharrachd gnothaichean dualchais ri lorg air Muile, ach seo na tha mi air lorg gus a seo. Cha robh e comasach dhomh tadhal air an eilean anns an ùine a bh' agam a' phròiseact seo dhèanamh. Ach co dhìu, tha mi air gnothach no dhà inntinneach a' lorg!

Tha mi an dòchas gum bian làrach bheag agam inntinneach agus fiosrachail leibh. Agus 's dòcha gun tachair sibh air dàn no cleachdaidh air nach robh sibh eòlach!

Gwen NicGuaire

A' Chèitean 2003

Sabhal Mòr Ostaig