|
Òrain
agus Bàrdachd à Muile
'S e seo cruinneachadh dè dh'òrain
agus bàrdachd a bhuineas do Mhuile. Bha an Gaelic
Resource Database air leth fheumail dhomh nuair a bha mi sireadh òrain.
Creididh mi gu bheil an t-uamhas eile ann nach do chuir mi a-steach a
seo, ach tha fhios agam nach eil feadhainn de na fheadhainn as ainmeile
a seo, ach tha feadhainn ann a tha nam bheachd 'sa nas neo-ainmeile na
àbhaist.
Bàrdachd le Catrìona Munn, Muile:
Tha mo rùn air a' ghille -
Sèist: Tha mo rùn air a' ghille,
'S e mo dhùrachd gun tig thu;
'S mi gun siùbhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar bheann.
Oidhche shamhraidh dhomh 's mim ònar,
Air mo ghaol-sa nì mi òran -
'S truagh, a Rìgh, nach robh mi pòst'
Air òigeir a' chùil dualaich.
O gur e mo cheist an t-òigeir,
Fear chuil duinn 's an leadain bhòidhich;
'S mi gun siùbhladh leat thar m' eòlais
Ged tha 'n còta ruadh ort.
Ged tha blàth na bric' ad aodann,
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
'S mi gun siùbhladh leat an saoghal,
Nan saoilinn fhèin do bhuannachd.
Tha an Nollaig tighinn às ùr oirnn,
Ged a tha gur beag mo shùrd rithe;
M' fear nach fhàgadh mi sa chùil,
Air chùl nan garbh-thonn uaine!
'S beag a shaoil mi fhìn an-uiridh
Gun trèigeadh tusa mi cho buileach;
Mar gun tilgeadh craobh a duilleach
Dh'fhàs thu umam suarach.
Òran le Donnchadh MacDhunlèibhe, Crogan, Muile:
Sèist:
Bhon tha mi gun sunnd is dlùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil ri sùgradh tuilleadh,
Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag
'S mo rùn am Muile nam mòr-bheann.
Am Muile nan craobh tha mhaighdeann bhanail
Don tug mi mo ghaol 's mi faoin am bharail;
'S ma chaidh e fo sgaoil 's nach fhaod mi faighinn
Gun taobh mi caileagan Chòmhail.
Tha maise 's uaisle, suairceas 's ceanal
A' dìreadh a suas an gruaidh mo leannain;
Ma bheir thu dhomh fuath 's nach buan do ghealladh
Nì uaigh is anart mo chòmhdach.
Tha maise no dhà ri àireamh fhathast
Air bean a' chuil bhàin nam blàth-shul meallach;
Ma bheir thu do làmh, gum fàs mi fallain,
'S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh.
Do shlios mar an fhaoileann taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann sgaoilt' air mheangan,
Sùil ghorm as glan aoidh fo chaoin-rosg tana
'S tu 'n òigh a mhealladh gach òigear.
Do chùl mar an lìon na mhìle camag,
Nach greannach fo chìr, is sìod ga cheangal;
Do dheud mar na dìsnean, dìonach, daingeann;
Beul binn a' gabhail nan òran.
'S e sgar mi om chiall ro-mheud do cheanail,
'S on chaidh thu don t-sliabh, nach b' fhiach leat m' fharaid;
'S e d' aogas is d' fhiamh chuir pian am charaibh,
'S cha mhiann a bh' agam air stòras.
Leanabh An Àigh Le Màiri Dhòmhnallach
à Bun Easain
Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do'n fhàsach, dh'fhuiling 'n ar n-àite
Son' iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fasaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b'ionann 's an t-Uan thàinig gur fuasgladh
Iriosal, stuama ghluais e'n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh'éirich e suas le buaidh o ùir.
Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
'S na h-àinglean àrd', b'e miann an sùl;
'S e 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.
Rannan den chumha a rinn Mairearad NicIlleathain (Mairearad nighean
Lachlainn) do Chuin' Uasail Iain MacIlleathain, Duart.
'S goirt leam gaoir nam ban Muileach,
Iad a' caoineadh 's a' tuireadh,
Gun Sir Iain an Lunnainn
No san Fhraing air cheann turais;
Trom an sac thug ort fuireach,
Gun thu dh'fhalbh air an luingeas -
'S e sin adhbhar ar dunaich:
B' òg a choisinn thu 'n t-urram sna blàraibh.
Rìgh nam prionnsa dan d' rinneadh
Togail suas ann am barrachd,
Is daor a thug sinn ort ceannachd,
On là thionnsgain a' charraid!
Dh'fhògair aon Mhac Shir Ailein,
As a chòraichean fearainn,
Le fòirneart 's le aindeoin,
Is gur e turas an Earraich seo chràidh mi.
B' fhiach do chàirdean an sloinneadh:
MacDhòmhnaill 's MacCoinnich
Is MacLeòid às na Hearadh,
'S am fear cliùiteach nach maireann,
Ailean Mùideartach allail;
Fàth mo chaoidh gach fear fearainn
Bha 'n deagh rùn dhuinn 's nach mealladh,
Gun bhith 'n comas tighinn mar rinn an-dràsta.
Chan e Ailean no Eachann,
No losgadh fir Shasainn,
A tha mise an-diugh 'g acain,
Ach an t-ogha ud Shir Lachann,
Thogadh sìoda ri crannaibh,
Nam pìos òir 's nan còrn dathte;
Is mairg rìoghachd den deachaidh,
Sir Iain is Caiptean Chloinn Raghnaill.
'S ann nur caistealan grinne
A bha tàmh na cinn-chinnidh
A bha aoibheil rin sireadh;
Gur ann timcheall an tine
Gheibhte bàrdachd nam filidh
'S guth nan clàrsaichean binne;
Bhiodh ann ceàrraich ri iomairt -
Mo rùn luchd nan cùl fionna cas fàinneach.
Cò am fear dha bheil sùilean
Dha nach soilleir am mùthadh
A th' air teachd air ar dùthaich
On là chaill sinn an t-aon fhear
Fo làimh Dhè ghabh dhinn cùram?
Fhrois ar n-abhall 's ar n-ùbhlan,
Dh'fhalbh gach blàth agus ùr-ròs,
'S tha ar coill air a rùsgadh de h-àilleachd.
Gum b' e turas na truaighe
Bha gun bhuinnig gun bhuannachd
Thug thu 'n-uiridh, nuair ghluais thu,
Le do dhaoine rid ghualainn;
Dh'fhàg e sinn' ann an cruaidh-chàs
Os cionn tuigs' agus smuaintean;
Tha sinn falamh lag suarach:
Dh'fhalbh ar sonas mar bhruadar
Gun stàth bhuainn.
Is e chuir m' astar am maillead,
Is mo shùilean an doillead,
Bhith a' faicinn do chloinne
Is an luchd-foghlaim is oilein,
Bhith nan ceathairne choille;
Is iad gam fògairt gun choire,
Gun solas gun choinneil,
Is iad gun fhios cò an doire san tàmh iad,
Och is mise th' air mo sgaradh
Nach tug iad thu thairis;
Dhol air tìr air an Ealaidh,
Dhol fo dhìon anns a' charraig;
Ann an rèilig nam manach
Mar ri d' athair 's do sheanair,
Is iomadh treun laoch a bharrachd,
Far am faodamaid teannadh mud chàrnan.
Thoir mo shoraidh thar Ghunaidh
Thoir mo shoraidh thar Ghunaidh
Gu Muile nam mòr-bheann
Sèist:
Hug òrann o-rò hù-bha hò,
Mo nighean donn bhòidheach.
Hug òrann ò-ro hù-bha hò.
Far an cluinnear a' chuthag
Air gach bruthaich ro Bhealltainn.
Chì mi 'm bàta 's i tighinn
Is Iain ga seòladh.
Cùm dìreach i Iain
Cùm tioram i Dhòmhnaill.
'S i an ciste chaoil chumhaing
Air a dùnadh 's a gròbadh.
'S truagh nach robh mi san fhiabhras
Mun do chuir mi riamh d' eòlas.
Deoch-slàinte nam Muileach
Sèist:
Deoch-slàinte nam Muileach len cruinneagan bòidheach,
Olaibh i buileach, tha tuilleadh san stòp.
Am Muile nan garbh-bheann tha fiadh às a' gharbhlaich,
Tha gobhair is meanbh-chrodh is sealgair an eòin ann.
Dh'òlainn i, phàighinn i, thogainn an-àird
i,
Air clann-nighean an t-Sàilinn 's gach àite rim eòlas.
'S e bhith sealltainn nad aodann 's do ghruaidh mar an caorann
'S mi smaoineachadh daonnan air faoineis na h-òige.
Ach sguiribh a bhruidhinn, tha 'n t-àm againn suidhe
'S gun òlainn i rithist: deoch mhilis air Flòraidh.
Chì mi Muile dùthaich m' òige,
Chì mi Muile dùthaich m' òige,
Bàrr beinn mhòr fo churrac ceò,
Eilean maiseach thar an aiseig,
Nì mi fuireach ann rim bheò.
Tha mi dlùthachadh gu tìr mo dhùthchais,
Eilean uaine tìr nam beann,
Eilean bòidheach nan sgeul 's nan òran,
Tha mo dhùil gun dàil bhith ann.
Eilean uaine nan coill' 's nan cluaintean,
Bha cho beò nam smuaintean riamh,
Cha chuir mise tuilleadh cùl riut,
Ge b' e maorach tràigh mo bhiadh.
Oran le Iain Caimbeul, Torosaigh, Muile:
Sèist:
Chluinn mi na h-eòin, 's binn leam na h-eòin,
Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach, bhinne,
Chluinn mi na h-eòin, 's binn leam na h-eòin.
'S binn leam fhèin na bha mi 'g èisteachd
Madainn Chèitein 's sprèidh a' sileadh.
'S binn leam smeòrach air bhàrr geug
Is uiseagan san speur ri iomairt.
'S binn leam coileach dubh ri dùrdail
'S cearc an tùchain dlùth ga shireadh.
'S binn leam cuthag le gug gùg
Sa mhadainn chiùin air stùc a' ghlinne.
'S binn leam guth na h-eala bhuadhaich
Luinneag 's gloine fuaim air linne.
'S binn leam na iad siud gu lèir
An naidheachd èibhinn a fhuair sinne.
Òran le Iain MacPhàidein:
Chì mi bhuam, fada bhuam,
Chì mi bhuam ri muir-làn,
Chì mi Muile nam beann fuar,
Fada bhuam thar an t-sàil,
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chì mi mullach nam beann mòr
Anns an òg-mhadainn àigh;
An t-aon as àirde dhiubh nan còrr
'S badan ceò air a bàrr,
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chì mi 'm bothan, chì mi 'n tùr;
Chì mi smùdan no dhà;
Chì mi doireachan nan allt;
Sprèidh nan gleann len cuid àil,
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chì mi ghucag air an fhraoch,
Chì mi caorann fo bhlàth,
Chì mi uisge glan nam beann
Tighinn na dheann leis gach màm,
Fada bhuam thar an t-sàil.
Chì mi 'n aitreabh, chì mi chruach
Ris na chualaich mi 'n t-àl
'S gu bheil cagar maoth nam chluais
O gach bruaich, air na bhà,
Fada bhuam thar an t-sàil.
Tìr a' bharraich, tìr nan stuadh,
'S tric a luaidh ort na bàird,
'S nuair a thug mi riut mo chùl
Rinn mi dùsgadh gu dàn,
'S bidh mi luaidh ort gu bràth.
Cha dèid mi do Chille Mhoire
Hoireannn ò, ho hao ri ho ro,
Hoireann ò, ho hao ri ho ro.
Cha dèid mi do Chille moire
Hoireann ò, ho hao ri ho ro,
Hùg is hùg is hùg is hoireann
Hoireann ò, ho hao ri ho ro,
Ri Murchadh cha dèan mi coinneamh
Hoireann ò, msaa.
Ri Murchadh cha dèan mi coinneamh,
Cha n-eil ann ach òigeir foinneil;
Mhurchaidh bhig nan gormshuil greannmhor,
Shiùbhlainn leat ro na trì gleanntan,
Gleanntanan samhraidh is geamhraidh,
Ri Murchadh cha dèan mi coinneamh.
Cha n-eil ann ach òigeir foinneil,
Ruigea tu mu smàl do choinneal,
Dh'fhalbhadh tu mun goir an coileach.
Hoireann ò, ho hao ri ho ro,
Hoireann ò, ho hao ri ho ro,
Hoireann ò, ho hao ri ho ro,
Bàrdachd le Seumas MacIllesheathanaich (Bàrd
Loch nan Eala), Muile:
Bidh fonn oirre daonnan,
'S bidh aoibh oirre an-còmhnaidh;
'S e dh'fhàgadh m' inntinn aobhach,
Bhith faicinn d' aodann bhòidhich,
Le mheud 's a thug mi ghaol dhut
Is aotromas na h-òige,
Mur a dèan mi d' fhaotainn
A ghaoil, chan fhad is beò mi.
Bidh fonn oirre daonnan.
Mo dhùrachd don rìbhinn
Dh'fhàg m' inntinn-sa cràiteach,
Bean d' aogais cha lèir dhomh
Latha fèille no Sàbaid;
Do bheusan tha ceutach
Is d' eudann ro nàrach -
Ach 's truagh mi thug gaol dhut
'S nach fhaod mi bhith làmh riut.
Bidh fonn oirre daonnan.
O furtaich mo chàs-sa
A ghràidh bhean an t-saoghail
Tuig mar tha mo nàdar,
An sàs aig do ghaol-sa;
Na fàg mi mar tha mi
Dol bàs leis an fhaoineas,
'S gur tu stagh mo riaghailt,
Mo bhiadh agus m' aodach.
Bidh fonn oirre daonnan.
Is muladach mi daonnan
Do ghaol rinn mo leònadh,
Dh'fhalbh mo dhreach is m' aogas
Is chaochail mo shòlas;
Chan eil àit' an tèid mi
Nach saoil mi leis a' ghòraich,
Gu bheil mi faicinn d' aodainn,
Is aoigh air an-còmhnaidh.
Bidh fonn oirre daonnan.
Nis chual thu mar tha mi
Gur bàs dhomh às d' aonais
Tionndaidh ann am blàths rium
'S na fàg aig an aog mi.
Thig is thoir do làmh dhomh,
Do ghràdh is do choibhneas,
'S chan iarr mi tuilleadh càirdeis,
No àilleachd an t-saoghail.
Bidh fonn oirre daonnan.
Caol Muile, Oran leis an Ollamh Urr. Iain MacLeòid,
A' Mhorairne:
Ged a shiubhail mi cian, b' e Caol Muile mo mhiann,
Cha d' èirich a' ghrian air nas bòidhch';
B' e siud caol mo ghràidh don tug mise bàidh
O làithean mo leanabais is m' òig'.
O b' àlainn leam riamh an caol ud ri fèath
'S e 'g iadhadh mu bhuinn nam beann mòr;
Chiteadh beanntannan àrd', is coilltean fon sgàil
Nan àilleachd 's an sgàthan bha fodhp'.
On bhìrlinn gun tàmh chluinnteadh faram nan
ràmh,
Na h-iorraim 's na dàin aig na seòid;
'S nuair a chasadh a' ghaoth sin chiteadh na laoich
Le saod cur nan luingeas fo sheòl.
Ach tha 'n caol seo mar bha, is mar bhios a ghnàth,
A' lìonadh 's a' tràghadh gach là,
Fo dhoininn 's fo fhèath, mar mu seach bha e riamh;
Bidh àilleachd 's gach ial ro-mhòr.
Ach air dà thaobh a' chaoil càit' an-diugh
bheil na daoin',
Càite comann mo ghaoil agus m' òig'?
Tha mo chaoimh-sa nan suain fo na tulaichean uain'
Far nach cluinnear gàir' cuain nas mò.
O b' àlainn leam riamh an caol ud ri fèath,
'S e 'g iadhadh mu ìochdar nam beann;
'N siud chì mise uam mòr luingeis a' chuain
Nan cadal gu suain air na tuinn.
Nuair bhios mòrshluagh an t-saoghail air crìonadh
le aois,
Cha bhith 'n caol ach an trèine na h-òig';
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
'S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.
O slàn leat, a chaoil, don tug mise mo ghaol,
Slàn leat, fhad 's tha 'n saoghal na shaoghal;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
'S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.
Bàrdachd o bheul-aithris:
Gur e mise tha gam lathadh,
Tha mo shùil na bùrn 's na ceathach,
'S mi gun cheòl, gun òl, gun aighear,
Mun dol sìos air sìol an taighe.
I hiùraibh i hu o èile
I hiùraibh i hug oireann o
I hiùraibh i hu o èile
'S hi ri ri u o ho ro u o ho.
Lachann a dh'fhalbh mu Fhèill Sheathain,
Mo sheachd rùin chaidh dhiubh mu Shamhain,
'S ceann mo mhùirn an cunnart fhathast,
'N sithinn na fairge no' n abhainn.
Ris an deagh mhnaoi chinneadh m' athar,
Màthair nam mac mìn-gheal flathail,
Bheir sibh leum a chèile 'n aighe,
Nach d' fhuair beum air ghleus gu faidhir.
Chaill mi mo chàil, dh'fhalbh mo mhisneachd,
Na fir ùr' an tùs am pisich;
Comann nan gruag 's nan com slios-gheal,
On taigh mhòr an cluinnte 'm briodal.
'N dòbhrain fo ghairm aig bhur n-athair,
Air a' chabhlach làidir dharaich,
Sheòl an caolas o cheann grathainn,
Saoil an till thu rithist, a Lachainn.
Òran le Dùghall MacPhàil:
Sèist:
An t-Eilean Muileach, an t-eilean àghmhor,
An t-eilean grianach mun iadh an sàile,
Eilean buadhmhor nam fuar-bheann àrda,
Nan coilltean uaine 's nan cluaintean fàsail.
B' fhallain cùbhraidh 's bu rèidh an t-àilean
Le blàthan maoth-bhog bu chaoine fàileadh;
Bu ghlan na bruachan mun d' fhuair mi m' àrach
An Doire-chuilinn aig bun Beinn-bhàirneach.
Air Lusa chaisleach nan stac 's nan cuartag,
Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beò-bhrisg, siùbhlach, le sùrd ri lùth-chleas
Na cuislibh dù-ghorm gun ghrùid, gun ruadhan.
Gheibhteadh 'n ruadh-chearc sna coilltean ìosal,
'S an coileach tùchanach dlùth ga brìodal;
'S ged bha na beanntan gun fhaing gun fhrìthean
Bha daimh na cròice nan còrsaibh lìonmhor.
Bu chulaidh-shùgraidh do dh'òg-fhir uallach,
Le gathan trì-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuac-mheòir,
Bhith toirt nan làn-bhreac gu tràigh mu bruachan.
Ged tha mi 'm fhògarrach cian air m' aineol
Sa Chaisteil Nuaidh san taobh tuath de Shasainn
Bidh tìr mo dhùthchais a' tighinn fa-near dhomh,
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh.
B' e 'n sòlas inntinn leam a bhith 'g èisteachd
Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a' Chèitein,
A' seinn gu sunndach an dlùths nan geugan -
A' choille fo liath-dhealt 's a' ghrian ag èirigh!
Chlaon gach sòlas dhiubh siud mar bhruadar,
'S mar bhristeadh builgein air bhàrr nan stuadh-thonn;
Ach soraidh slàn leis gach loinn is buaidh
A bh' air eilean àghmhor nan àrd bheann fuara.
Bàrdachd le Iain MacDhòmhnaill:
Thoir mo shoraidh le dùrachd gu dùthaich mo ghaoil,
Far am biodh a tathaich na h-aighean 's na laoigh;
Gach lusan is flùran fo dhriùchd air an raon,
'S bidh cnothan is ùbhlan a' lùbadh nan craobh,
Is tha daimh a' chinn-chabraich ann fhathast gu leòr,
'S tha 'm boc anns an doire, ni tadhal san t-sròin,
Anns na coireachan riabhach mun iadhadh an ceò,
Gan ruagadh sa mhadainn 's coin sheang air an tòir.
'S thig an t-uisge glan, rìoghail, bho chìochan
nam beann,
Gu mireagach, cuairteagach, luath leis gach gleann;
Is b' e siud an deoch uasal nach bruailleanach leinn,
'S ged dh'òlamaid fuaran cha tuainealaich ar cinn!
'S e gog nan eun ruadha gan gluasad san fhraoch,
Gur binn leam an ceòl th' aig a' chòisir rim thaobh,
Is geumnaich nam bò dol gu crò beag nan laogh,
Is luinneag nan gruagach air buaile chruidh chaoin.
'S iomadh àit' bheil na daoine bu chòir a
bhith ann,
'S tha fearann nach saoil sibh fo chaoraich nan Gall;
'S nan tilleadh iad fhathast, fìor ghaisgich nan lann,
Gun rachadh fir Shasainn, chur dhachaigh nan deann,
'S chaidh am fèileadh beag, cuachach, deas, uallach air chùl,
'S gach giomanach gunna, bha siubhal nan stùc,
'S bhon chuir sibh thar sàile na Gaidheil a-null,
Cò a ghleidheas a h-àite don Bhànrigh 's da crùn?
'S iad bhios a' ruagadh cho luath ris na fèidh,
Clann Illeathain bhon Dreòlain, fir-cheannsallach threun,
'S Clann Dùghaill bhon Mhòrair; na Leòdaich iad fhèin,
'S Clann an t-Saoir bho thaobh Chruachan, a-nuas bho Ghleann Eit.
Nuair dh'èireadh na Granndaich a-nall bho Shrath Spè,
Clann Choinnich Chinn Tàile, fir làidir nach gèill,
Chuireadh cùl air an nàmhaid 's e b' àbhaist dhaibh
fhèin,
'S a dh'fhàgadh 's an àraich fuil bhlàth air an fheur
|