Duilleag Dachaigh
Abairtean Dhualchainnt
Ainmean-Àite
Na Bhana-Bhuidsich Muileach
Bun-Eachdraidh
Cleachdaidhean agus Creideamhan Os-nàdarrach
Òrain agus Bàrdachd
Sean Fhaclan
Sgeulachdan
Sìthein Muileach
Planntais agus Beathaichean
Tùsan

Aideachaidhean

 


Sean fhaclan à Muile

'S e iad seo na leanas cruinneachadh de seann-fhaclan à Muile.

 

"Dèan ath no muilleann deth"

'S e seo seann fhacal Muileach a bha air an abairt an uair a bha droch t-sìde ri teachd.

"Mu choinneimh a cheile, mar a tha Dubhaird 's Dùn-Ollaimh"
Tha seo beachdachadh air na caisteal Clann IcGilleathain ann an Dubhaird agus caisteal Clann MacDhùghaill ann an Lorn, 'san Earra-Ghàidheal.

"Muc, madadh is maraiche."

"Muileach is Ileach is donas."

"Cha bhi an àrd no ìosal nach sanntaich sùil an Ilich;
Cha bhi an cùil no chuibh nach iarr sùil a' Mhuilich;
Na dh'fhàgas am Muileach, goididh an Collach;
Is mairg a dh'earbas chuid ris a' chealgair Bharrachd;
Ach bheir an Tirisdeach rudhadh-gruaidhe air muinntir Iutharna."

" Ged is mòr Creag-a'-Choth, is beag a math."
Freagairt fear Muileach an uair a bha e moladh air meud a bhean.

"Ceithir busacha fichead an Ìle, 's ceithir àrdacha fichead am Muile."

"Muileach is Ileach is deamhan -
An triùir as miosa air an domhain:
'S miosa am Muileach na 'n t-Ileach,
'S miosa an t-Ileach na 'n deamhan."

"Slìob am Muileach, is sgrìobaidh e thu; sgròb am Muileach, is slìobaidh e thu."

"Ged a bhiodh tu cho carach ris a' Mhuileach, gheibhear a-mach thu."

"Ma bheir thu Muile dhìom, cha toir thu muir is tìr dhìom."

"Chuala mi'm chuthag gun bhiadh nam bhroinn, is olc thèid a bhliadhna leam" 'S e seann duine à Thobarmhoire a dh' abairteadh seo. Bha e sabaid anns a chiad chogadh agus bhon uairsin bha e air leth gisreagach

"Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na laoigh,
La 'Illeathain theirear aighean riu na dhèigh."

"Tha 'fhortan fhèin air Mac-Cuaradh, biodh e cruaidh no biodh e bog"
Tha seo a bruidhinn air an Clann MacQuarrie/MacGuaire agus na seann cinn-cinnidh air Ulbha.

"Is treasa Dia na Doideag; is treasa Doideag na MacIlleathain."
B'e bana-bhuidseach a bh'ann an Doideag, tè a bha a cur eagal ann an daoine air feadh nan eilean, gu h-àraid airson an cumhachd a bh'aice airson stoirmean a thogail.

"Mac Illeathain làmh-fhadach, MacDhimidh ball-dubh 's Mac 'Ille Chalum cama-chas."

"Cho leòmach ris an aon fhaoileig a bh'air taobh Caol Muile."

"Cha bhi 'n àirde na 'n ìsle nach fhaic sùil an Ilich; cha bhith 'n cùil na cùilibh nach fhaic sùil a' Mhuilich."