Duilleag Dachaigh
Abairtean Dhualchainnt
Ainmean-Àite
Na Bhana-Bhuidsich Muileach
Bun-Eachdraidh
Cleachdaidhean agus Creideamhan Os-nàdarrach
Òrain agus Bàrdachd
Sean Fhaclan
Sgeulachdan
Sìthein Muileach
Planntais agus Beathaichean
Tùsan

Aideachaidhean

 

Sgeulachdan à Muile

'S e seo ach cruinneachadh dè sgeulachdan beaga à Muile.

 

Na Craobhan fo bhearradh Grìbuinn

An Spanish Armada

An Glaistig aig Erraigh

An Searc agus na Oranges

An Tamhasg t-Sàilean

 

 

Na Craobhan fo bhearradh Grìbuinn

Anns an 19mh linn air latha breàgha, eireachdail phòs dithis bhon taobh Siar Muile, faisg air Grìbuinn. Abair latha a bh'ann leis a ghrian a deàrrsadh 's gach neach làn thoileachais agus spòrs.

Aig crìoch na h-oidhche chaidh na dithis aca air ais dhan taigh a thog iad airson a chiad oidhche aca mar chupail phòsta. Ach dìreach nuair a ghlais iad na dorsan an taighe, thog suas stoirm làidir, ghrot fiadhaich, ach chaidh na leannain dha na leabannan aca. Ach thog a ghaoth barrachd agus thog i creag mhòr bho muileach a bhearradh 's thuit a chreag a bha seo air taigh beag aca. Anns a bhad bha na dithis aca air a mharbhadh leis an creag eagallach seo.

Tha e air a ràdh gur lorgar san latha an-diugh da chraobh taobh ri taobh a tha am meadhan an tobhta a tha air fhàgail. 'S tha na dhà craoibh seo fillte ri chèile, a samhlachadh gu bheil na h-anaim aca fhathast beò is làn ghaoil.

 

An Spanish Armada


Thug a bhàta an Spanish Armada "Florida" dìon bho stoirm làidir anns a bhàgh aig Thobarmhoire bha seo ann an 1588. As dèidh a bhith aig acair airson greiseag sprèidh i le fùdar-ghunna. Leis a seo tha iomadh bìdeagan rin lorg air feadh grunn na mara. Chanadh cuid gur e seo an fhìrinn, cha robh rud sam bith eile ceangailte ris. Ach ann an dualchas nan Gàidheal tha an sgeul na leanas air a bhith air a thogail thar iomadh ginealachd.

Chunnaic bhana-phrionnsa snog Spàinnteach ann an aisling saighdear Gàidhealach. Leis a seo chuir i air bhonn a' bhàta mhòr Armada aig an robh an ainm Florida. Sir iad an oirthir Albannach agus ann an stoirm làidir chruaidh lorg iad bàgh ciùin Thobarmhoire airson dìon bhon ghaoth. Nuair a mhothaich sluagh Thobarmhoire am bàta annasach agus eireachdail, shiubhail 'ad a-mach chun bàta mhòr seo. Bha cead aca uile gus dol air bhòrd am bàta gus sùil a chur air cùisean, shuidh a bhana-phrionns' gu socair is sheall i air gach neach a chaidh seachad. Dh'aithnich i aoigh a bha air bhòrd, is bha i gu bhith air chrith nuair a dh'aithnich i cò bh'ann, an duine gasda le breac air air fad, a chunnaic anns an aisling aice, b'e seo MacIlleathain à Dhùbhairt. Cha d'thug e idir fada gus an robh iad làn ghaoil airson gach a chèile, 's bha e cèilidh air a bhàta Spàinnteach gu làitheil. Ach ged gu robh na dithis aca gu math toilichte agus làn dhe ghaoil, dh'fhàs a' Bhean-Uasal NicIlleathain amharasach agus chuir air bonn plana a' bhàta spreidheadh le na dithis aca na bhroinn.
Anns na làithean bha na creideamhan aig na cinne-daoine ann an gnothaichean os-nàdarrach agus rudan buidseachail an dòigh. Cha b'e dìreach na daoine chumanta a bhaile a bha a tuigsinn ann an seòrsa rud seo, bha na daoine uasail a chuir an creideamh aca ann cuideachd. 'S tha seo fìor a rèir an sgeul gu robh a Bhean-Uasail NicGilleathain a gabhail comhairle le na bhana-bhuidsich ainmeil an eilein. B'e an tè air an do dh'abairtear roimhe 's e Doiteag Mhuileach a' chiad tè a dh'fheuch am bàta a spreidheadh, ach d'rinn i a chùis air, leis a seo chaidh a Bhean-Uasail gu Laodhrag Thiristeach agus an iair sin dh'fheuch i a' Ghlaisrig Ileach ach b'urrainn iadsan a chùis a dhèanamh air nas motha. Leis a seo chaidh a Bhean-Uasail do Ghormshùil à Loch Abair, is rinn a bhana-bhuidseach seo a chùis air dha rìreabh.

Ach 's e na thachairt dhan a bhàta anns an fhìrinn 's e gun d'fhuair a chaiptin còmhnadh bhon luchd Thobarmhoire, ach cha robh e deònach a chìs a phàigheadh. Leis a seo chuir MacGilleathain dè Dhùbhairt air le Dòmhnall Ghlais MacGilleathain de Morbheann a dol dhan a bhàta gus an airgead fhaighinn. Ach chum a chaiptin e air fo bhòrd is 's e Dòmhnaill Ghlais a losg am fùdar-ghunna is a sprèidh a bhàta ann am bàgh Thobairmhoire.

 

 

A' Ghlaistig aig Erraigh

"A rèir Chaimbeul 's e a Ghlaistig a chanas oirre a tha eadar na sìthean agus daonna. Thàinig an ainm a tha seo bho dà fhacal glas an dath agus "stig" bhon gnìomh bho bhith air falach no a crùbadh. Tha i air an dealbhachadh mar mnà aig a robh nàdar nan sìtheach. A rèir choltais chum i an iarr ri bhith faisg air daoine, 's e seo rud a bha aice bhon a bha i na daonna fhèin, rud eile a bha air fhàgail leatha 's e bhith glanadh 's a sgioblachadh fad na h-ùine. Ach mar a tha cùisean, cha robh seo idir comasach seach gu robh na daoine aig an robh an taigh ann fad na h-ùine, fad na latha. Leis a seo, bha/bith a ghlaistig gu math trang air an oidhche. Bith i sgubadh an lathair, a' gluasad an àirneis, agus iomadh rud eile. Uaireannan tha i sgioblachadh an t-uamhas, cho tric 's a 's urrainn dhith, tha an obair ris a tha i ris san taigh a thoirt dhith faireachdainn mhòr sàsachas. Aig àmanan tha i fàgail stuth air feadh an àit' 's a tha i dèanamh barrachd cron na feum. Ach chan e dìreach obair na taighe às a robh/bheil i lorg toileachas, tha e cuideachd dèigheil obair na gàrradh, far am bith e coimhead thairis air na crodh agus an àireachas. Tha cumail sùil air cùisean a-mach a seo agus a dèanamh cinnteach gu bheil gach rud mar bu chòir. 'S fàgaidh na daonna beagan bainne a-mach air an oidhche air a shon, gus a ràdh taing airson an obair aice!"

Td. 21 Thomas Hannan, The Beautiful Isle of Mull.

 

An Searc agus na Oranges

"Ai, ai. 'S e seann eachdraidh tha seo an am nam bàtaichean siùil. Bha brùid de searc a' leanailt a' bhàta seo agus, O, cha robh e còrdadh ris a chriù idir, agus bha iad a' smaointinn gur e fìor dhroch chomharradh a bh'ann agus "Feumaidh sinn stad a chuir air". Thachair gun robh luchd de dh'oranges's 'a bhàta agus fhuair iad bocsa agus thilg iad far na cliathaich e agus thàinig an searc a nuas agus shluig e siod. O, well cha robh e stad, bha e 'cumail an dèidh a' bhàta 's thuirt iad, "O, well, tha seann sofa seo. Feumaidh sinn an seann sofa seo chur dar na cliathaich." Agus mhothaich an searc e agus shluig e sin sìos 'na bhroinn. 'S bha e fhathast 'leanailt a' bhàta agus, well, bha seann chailleach air bòrd agus thuirt iad, "Tha i gu bheil deiseil co-dhiubh. Tilgidh sinn far na cliathaich i. 'Rinn iad sin agus thàinig an searc a nuas agus shluig e 'chailleach.

Ach, co-dhuibh, bha e 'leanailt a' bhàta agus "O", thuirt iad, "feuchaidh sinn rud eile." Fhuair iad....Rinn iad dubhan mòr de dh'iarann agus chuir iad ròpa làidir air agus fhuair iad pìos de mhuc bho'n chòcaire agus leig iad sin far na cliathaich agus shluig an searc e.

An sin bha e an greim aca agus chum iad greim air agus chluich e e fhèin gus an robh e sgìth agus fhuair iad 'obrachadh gu cliathaich a' bhàta agus an sin chuir iad ròpa m'a earball agus winch iad iar bòrd e.

Agus bha e sin air an deck agus mharbh iad e. Ach, an sin thuirt iad, "'S fheàrr dhuinn 'fhosgladh feuch de tha 'na bhroinn." Agus sgolt iad a' bhrùid searc sìos agus a' chiad rud a chunnaic iad 's e a' chailleah a' suidhe air a' sofa 's i 'g ithe na h-oranges"

Peadar MacGilleathain Dearbhaig 2000. Td. 171 IV.

 

An Tamhasg t-Sàilean

Faisg air Sàilean air Muile, bha duine-obrach ann is thàinig an àm ris a dhol dhachaigh air an fheasgair, dhichuimhich e a chota aige. Leis a seo thill e, ach air a rathad thachair e air an tamhasg a bha seo de bhoireannach, plùcadh i e, 's cha do dh'fhàg i an leabaidh aice fad dà latha.

Td. 163. IV.