|
Sìthein Muileach Lorgar iomadh sgeulachd mu dheidhinn sìthein air feadh na Gàidhealtachd, agus chan eil Muile na conadal sam bith. 'S e na leanas ach cruinneachadh bheag air na tha mi air lorg.
Ann am Muile 's e a choltas a tha air na sìtheachain aca 's e nach eil ach aon cuinlean aca. "an leth choinnlein aca drùid-tè"
Ann an Tioradh agus Muile bhiodh na pocaidean aig na balaich òga air an lìonadh le mion-choirce ma robh iad a dol àite sam bith as dèidh a ghrèin a làigheadh.
Tha e aca gun robh an cnoc uaine a bha seo faisg air Peighinn a' Ghàidheil aig aon àm cnoc nan sìthe. Gus an obrach aca a bhith air a dhèanamh, an aon rud a dh'fheumadh luchd nam baile a dhèanamh 's e a bhith a fàgail na innealan a bha ceangailte ris an obrach a fàgail air mullach a chnoc agus an ath mhadainn bhiodh an obair air a dhèanamh - ge b'e obair na gàrradh, no obair na fighe bhiodh e dèanta. Aon oidhche dh'fhàg an duine a bha seo an fhiodh de buoy iasgaich, planca goirid fiodh agus an iarrtas gur dhèanainn na sìthichean seòl-chrann asa. Fad na h-oidhche chluinneadh tu an seinn a bha aig na sìtheachain - a canntainn: " Short life and ill-luck attend the man who asked us to make a long ship's big mast from the wood of a fishing-net buoy." An ath mhadainn, cha robh a seòl-chrann idir deiseil, agus às dèidh sin cha dèanainn na sìtheachain an còrr dhan luchd na baile.
Ceann a deas Muile, bha cleachdadh ann mar a robh an leanabh agad air a ghoid agus tàcharan air a chuir na àite leis na sìthichean. 'S e tàcharan ach changeling, seann sìthe no elf. Bhiodh tu toirt an tàcharan shìos dhan chladach air an fheasgair mus thuiteadh na grèine, dh'fhàgadh tu an tàcharan aig oir na mara gus madainn. Agus tron oidhche bhiodh feum aig na sìthichean air adhbhar a choireigin, an tàcharan a thogail agus leanabh daonna a chuir na àite. Leis a seo, nuair theireadh tu sìos an ath mhadainn gu oir na chladach bhiodh leanabh daonna ann. Ach mar as trice cha b'e an leanabh agad fhèin a bha ann, ach bhiodh e air an cuir ort an leanabh thogail mur a b'e an leanabh agad fhèin a bha ann.
|