A’ CHOIMHEARSNACHD
Bha Sabhal Mòr Ostaig air a stèidheachadh air beatha anns a’ choimhearsnachd. Thar nam bliadhnaichean, tha an t-lonad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a tha na chom-pàirtiche ann an OGE is na ionad rannsachaidh aig a bheil cliù eadar-nàiseanta, air àite a chosnadh ann an cridhe nan daoine, nam buidhnean agus nan coimhearsnachdan.
Tha ceanglaichean làidir aig a’ Cholaiste leis a’ bhun-sgoil ionadail Bun-sgoil Shlèite, agus leis an ionad cùram-chloinne, Fàs Mòr.
Thathar a’ neartachadh obair an t-Sabhail tro chàirdeas le coimhearsnachd na Gàidhlig, agus tha iomadh pròiseact cultarail is cruthachail stèidhichte aig an t-Sabhal Mhòr, leithid Tobar an Dualchais, Ainmean-Àite na h-Alba agus Cànan Graphics Studio.
Tha na h-ealain is cultar na Gàidhlig fior chudromach don Cholaiste agus tha e air a cleachdadh leis a’ bhuidhinn choimhearsnachd ealain SEALL, a bhios a’ cur air adhart tachartasan ciùil, ealain agus dràma san sgìre fad na bliadhna.
Tha Prògram lomlaid an t-Sabhail a’ tabhann deagh chothrom eadar nàiseanta do dh’oileanaich agus iad a’ cur seachad semeastar sa bhliadhna urraim ann an Alba Nuadh no Èirinn.

