
ÀITE-FUIRICH
‘S e àm togarrach a tha ann a bhith a’ dol gu oilthigh no colaiste, gu sònraichte ma tha thu a’ fàgail do dhachaigh airson a’ chiad turas. ‘S e spòrs a tha ann, agus tha àite-fuirich oileanaich na dheagh chothrom airson eòlas a chur air daoine eile is dàimhean a thogail.
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àiteachan-fuirich cofhurtail, ùra do dh’oileanaich, suidhichte ann an sgìre eireachdail le seallaidhean thar Linne Shlèite. Tha 84 seòmar ann le taigh-beag anns a h-uile seòmar agus tha 3 seòmraichean ann a fhreagras air cathraichean-cuibhle. Tha cuideachd wi-fi an asgaidh anns gach rùm. Gheibh thu aodach-leapa agus searbhadairean leis an t-seòmar agus thèid na seòmraichean a ghlanadh a h-uile seachdain ma thèid iarraidh. Anns gach togalach fuirich, tha cidsin agus seòmar coitcheann, agus tha innealan nigheadaireachd ann cuideachd.
Gheibh thu do bhiadh an lùib nan cosgaisean fuirich agus tha a’ Cholaiste ro dheònach coimhead ri feumalachdan bidhe sònraichte. Tha seòmar-bidhe na Colaiste na àite far am bi gach neach ag ithe còmhla is tha e a’ toirt cothrom dhut eòlas a chur air a h-uile duine.
Tha àite-fuirich ga ghealltainn do gach oileanach a tha air àite fhaighinn air cùrsa làn-thìde aig a’ Cholaiste.
Cosgaisean 2023-24
Bidh na h-àiteachan-fuirich agus biadh a’ cosg £5,400 airson na Bliadhna Acadaimigich 2023/24.
Bidh agad ris a’ chiad suim de £600 a phàigheadh mus tig thu dhan a’ Cholaiste – feumar seo a pàigheadh airson an seòmar a ghlèidheadh agus faodaidh tu airgead a thoirt dhuinn (ma tha thu air an làraich) no a pàigheadh le seic no cairt.
Bidh agad cuideachd ri airgead-èarlais de £200 a phàigheadh mar phàirt den chùmhnant agad le Roinn nan Goireasan. Thèid an t-suim seo a thilleadh, an dèidh chìsean airson cron, easbhaidh no fhiachan, ro dheireadh an Iuchair an dèidh na bliadhna colaiste anns an do thòisich an t-oileanach a’ fuireach ann.
Faodar taghadh a dhèanamh à trì sgeamaichean pàighidh a bhios ann am-bliadhna:
- Faodar an t-suim air fad a phàigheadh chun na Colaiste sa chiad seachdain £4,800 – (às aonais an £600 a dh’fheumar pàigheadh an toiseach).
- Faodar an còrr dhen t-suim (an dèidh a’ chiad £600) a phàigheadh ann an dà phàirt – £2,400 san Dàmhair 2023 agus £2,400 sa Ghearran 2024.
- Faodar an còrr dhen t-suim (an dèidh a’ chiad £600) a phàigheadh gach mìos – £600 gach mìos bhon 11mh an Dàmhair 2023 – 11mh an Cèitean 2024.
Às bith de roghainn a thaghas tu, bidh agad ri £600 a phàigheadh an toiseach, mus tig thu. Ma tha seo dol a thogail thrioblaidean dhuibh, innis dhuinn cho luath is a ghabhas.
Ma tha thu ag iarraidh fuireach taobh a-muigh na Colaiste, bu chòir dhut buidseat a chur air dòigh le gu leòr airson cosgaisean a phàigheadh a h-uile mìos, a’ toirt a-steach màl, dealain, cìsean Comhairle, cunntas-fòn, biadh is mar sin air adhart.
Goireasan fèin-còcaireachd
Tha Sabhal Mòr Ostaig a-nis a’ tabhann goireasan fèin-còcaireachd do dh’oileanaich. Tha àiteachean ann airson 17 oileanaich agus tha an dàrna bliadhna agus air adhart a’ faighinn a’ chiad chothrom air seo. Cosgaidh e £4,050 airson a bhith ri fèin-chòcaireachd sa bhliadhna seo 2023/24.
A’ fuireach taobh a-muigh na Colaiste
Ma dh’fhaodte gum bi thu ag iarraidh àite-fuirich taobh a-muigh na Colaiste, ma tha teaghlach agad, mar eisimpleir. Tha e doirbh uaireannan taighean no seòmraichean air màl a lorg, gu sònraichte air gabhaltas fada. Bhiodh e iomchaidh planaichean a chur air dòigh cho luath ‘s a ghabhas ma tha thu a’ lorg àite dhut fhèin.
Airson àite a lorg, b’ urrainn dhut sanas a chur anns a’ phàipear ionadail, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, no sanas a chur ann am bùithtean na sgìre agus air siostam post-dealain na Colaiste.
Ma tha ceistean agad, no comhairle a dhìth, a thaobh airgid is àiteachan-fuirich, leig fios dha sgioba Seirbheisean Taic Oileanaich againn.