Skip to content
Picture of

ÀITE-FUIRICH

‘S e àm togarrach a tha ann a bhith a’ dol dhan oilthigh no cholaiste, gu sònraichte ma tha thu a’ fàgail do dhachaigh airson a’ chiad turas. ‘S e spòrs a tha ann, agus tha àite-fuirich oileanaich na dheagh chothrom airson eòlas a chur air daoine eile is dàimhean ùra a thogail.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann àitaichean-fuirich cofhurtail, ùra do dh’oileanaich, suidhichte ann an sgìre eireachdail le seallaidhean thar Linne Shlèite. Tha 84 seòmraichean againn; tha taigh-beag anns a h-uile seòmar agus tha trì seòmraichean ann a fhreagras air cathraichean-cuibhle. Tha cuideachd wi-fi an-asgaidh anns gach rùm. Gheibh thu aodach-leapa agus searbhadairean leis an t-seòmar, agus thèid na seòmraichean a ghlanadh a h-uile seachdain ma thèid iarraidh. Tha cidsin agus seòmar coitcheann anns gach togalach-fuirich, agus tha innealan nigheadaireachd ann cuideachd.

Gheibh thu do bhiadh an lùib nan cosgaisean fuirich, agus tha sinn ro dheònach coimhead ri feumalachdan bìdh sònraichte. Tha seòmar-bìdh na Colaiste na àite far am bi gach neach ag ithe còmhla, is bheir e cothrom dhut eòlas a chur air a h-uile duine.

Tha àite-fuirich ga ghealltainn do gach oileanach a tha air àite fhaighinn air cùrsa làn-thìde aig Sabhal Mòr Ostaig.

Cosgaisean 2023/24

Bidh na h-àitaichean-fuirich agus biadh a’ cosg £5,400 airson na Bliadhna Acadaimigich 2023/24.

Bidh agad ris a’ chiad suim de £600 a phàigheadh mus tig thu dhan a’ Cholaiste – feumar seo a pàigheadh airson an seòmar a ghlèidheadh, agus faodaidh tu airgead a thoirt dhuinn (ma tha thu air an làraich) no a pàigheadh le seic no cairt.

Bidh agad cuideachd ri airgead-èarlais de £200 a phàigheadh mar phàirt den chùmhnant agad le Roinn nan Goireasan. Thèid an t-suim seo a thilleadh, an dèidh chìsean airson cron, easbhaidh no fhiachan, ro dheireadh an Iuchair an dèidh na bliadhna acadaimigich anns an do thòisich an t-oileanach a’ fuireach ann.

Faodar taghadh a dhèanamh à trì sgeamaichean pàighidh a bhios ann am-bliadhna:

  1. Faodar an t-suim air fad a phàigheadh do Shabhal Mòr Ostaig sa chiad seachdain: £4,800 (às aonais an £600 a dh’fheumar pàigheadh ro làimh).
  2. Faodar an còrr dhen t-suim (an dèidh a’ chiad £600) a phàigheadh ann an dà phàirt: £2,400 air 11 Dàmhair 2023 agus £2,400 air 11 Gearran 2024.
  3. Faodar an còrr dhen t-suim (an dèidh a’ chiad £600) a phàigheadh gach mìos: £600 gach mìos bhon 11 Dàmhair 2023 gu 11 Cèitean 2024.

Às bith de roghainn a thaghas tu, bidh agad ri £600 a phàigheadh ro làimh, mus tig thu thugainn. Ma tha seo dol a thogail thrioblaidean dhut, innis dhuinn cho luath is a ghabhas.

Ma tha thu ag iarraidh fuireach taobh a-muigh na Colaiste, bu chòir dhut buidseat a chur air dòigh le gu leòr airson cosgaisean a phàigheadh a h-uile mìos, a’ toirt a-steach màl, dealain, cìsean Comhairle, cunntas-fòn, biadh is mar sin air adhart.

Goireasan fèin-còcaireachd

Tha Sabhal Mòr Ostaig a-nis a’ tabhann goireasan fèin-còcaireachd do dh’oileanaich. Tha àitichean ann airson 17 oileanaich, agus tha oileanaich na dàrna bliadhna agus air adhart a’ faighinn a’ chiad chothrom orra seo. Cosgaidh e £4,050 airson a bhith ri fèin-chòcaireachd sa Bhliadhna Acadaimigich 2023/24.

A’ fuireach taobh a-muigh na Colaiste

Math dh’fhaodte gum bi thu ag iarraidh àite-fuirich taobh a-muigh na Colaiste, ma tha teaghlach agad, mar eisimpleir. Tha e doirbh uaireannan taighean no seòmraichean air màl a lorg, gu sònraichte air gabhaltas fada. Bhiodh e iomchaidh planaichean a chur air dòigh cho luath ‘s a ghabhas ma tha thu a’ lorg àite-fuirich dhut fhèin.

Airson àite a lorg, b’ urrainn dhut sanas a chur anns a’ phàipear ionadail, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, no sanas a chur ann am bùithtean na sgìre agus tro shiostam puist-d na Colaiste.

Ma tha ceistean agad no comhairle a dhìth ort a thaobh airgid is àitichean-fuirich, leig fios dha sgioba Seirbheisean Taic Oileanaich againn.

BEATHA OILEANAICH

SEIRBHEISEAN OILEANAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578