AN SEANADH – TAGHADH OILEANACH
Ann an 2024 chaidh Seanadh an t-Sabhail Mhòir a stèidheachadh, structar riaghlaidh ùr a tha a’ toirt cothrom do dh’oileanaich, air ar n-àrainn agus air astar, buaidh a thoirt air càileachd an eòlais ionnsachaidh aca. Tha suas ri deichnear bhall air an t-Seanadh, a’ gabhail a-steach dithis riochdaire oileanach, ceathrar luchd-obrach acadaimigeach agus ceathrar stiùirichean àrd-ìre.
Tha aon bheàrn ann an-dràsta agus tha an dithis thagraichean gu h-ìseal a’ sireadh ur bhòtaichean. Tha aon bhòt aig gach oileanach sa Cholaiste (làrach agus astar).
Bidh am bhòtadh a’ fosgladh aig 9m Diciadain 25mh am Màrt agus a’ dùnadh aig 5f Dimàirt 31 Màrt.
Thèid na toraidhean fhoillseachadh ron Chàisge.
Gheibh a h-uile oileanach a tha airidh air bhòt cuireadh tro phost-d air Diciadain.
Jack Culbertson
Gàidhlig is Foghlam
Làn-ùine, air an làraich
Mar oileanach an t-Sabhail Mhòir, tha mi airson Gàidhlig a leasachadh; bho na rudan a nì mi air làrach na Colaiste a leithid Srùbag agus an obair agam sa bhàir. Tha mi a’ feuchainn ris a’ Cholaiste a’ leasachadh agus cleachdadh na Gàidhlig eadar na h-oileanaich a bhrosnachadh. Air an t-Seanadh, thogainn beachdan nan oileanach air na tha math, agus nas urrainn a bhith nas fheàrr. Tha mi ag obair còmhla ri CnO agus an Roinn Aoigheachd nuair a bhios tachartasan mun cuairt na làraiche m.e. slighe gu teagasg.
Nuair a thèid rudan ceàrr, bidh mi fhèin a’ bruidhinn le na diofar roinnean agus oileanaich gus conaltradh a chumail bèo. A bharrachd air sin thar na bliadhna chuir mi ri àrainneachd na colaiste gu h-àraidh san Talla Mhòr gus am bi e na àite blàth, làn fàilteachas agus coimhearsnachd. An-ùiridh rinn mi an t-uabhas le CnO gus goireasan spòrs a chur an gnìomh do dh’oileanaich.
Calum Mac an t-Sealgair
Gàidhlig is Conaltradh
Làn-ùine, air an làraich
Tha mi air a’ bhith nam Rùnaire do CNO am bliadhna, agus tha mi daonnan deònach Gàidhlig a bhruidhinn agus a bhrosnachadh timcheall na Colaiste. Tha mi ag iarraidh gun riochdaich mi gach oileanach gu h-èifeachdach air an t-Seanadh agus tha mi misneachail gu bheil an comas sin agam.

