
AOIGHEACHD
‘S e ionad air leth a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, stèidhichte air cladach an iar-dheas den Eilean Sgitheanaich, agus le goireasan a tha ga fhàgail aig cridhe cultar na h-Alba anns an latha an-diugh. Ma tha suidheachadh na Colaiste air leth, ‘s ann mar sin a tha a cuid chomasan cuideachd.
Cuiridh sinn fàilte air iomadh seòrsa cruinneachaidh, eadar prìomh cho-labhairtean is fèisean agus bainnsean is cuirmean prìobhaideach, agus gabhaidh sinn gu ruige 250 neach. Tha mòran a’ tighinn chun na Colaiste tro mholaidhean agus tha sinn cho toilichte fàilte a chur air aoighean a tha a’ tilleadh gach bliadhna. Càit eile am b’ urrainn dhut a thighinn gu co-labhairt, fois a ghabhail ann an seòmar prìobhaideach le aoigheachd air leth, agus an uair sin falbh air chuairt agus leumadairean-mara agus cearbanan fhaicinn?
Cuir fios thugainn airson còmhradh air ciamar a chuireas sinn tachartas air leth air dòigh dhut fhèin le bhith cuir fòn thugainn air 01471 888 000 neo post-d aig