140 Bliadhna o Blàr a’ Chumhaing

An-diugh, tha sinn a’ comharrachadh 140 bliadhna bho thachair Blàr a’ Chumhaing san Eilean Sgitheanach air 19 Giblean 1882.

’S e a’ chòmhstri seo eadar croitearan na sgìre agus na poilis a lean gu fastadh Coimisean Napier, agus Achd Tacan Chroitearan (Alba) 1886 a thoirt a-steach dhan lagh a thug tèarainteachd gabhaltais do chroitearan.

Thòisich Fuadaichean nan Gàidheal ann am meadhan gu deireadh an 18mh linn is air adhart dhan 19mh linn. Thàinig uachdarain air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gu co-dhùnadh gun robh iomairt na bu bhuannachdaile ann na bhith a’ leigeil le croitearan fuireach air an fhearann aca agus mar sin, thòisich iad air na teaghlaichean fhuadachadh gus àite a dhèanamh do chaoraich a bha iad den bheachd a dhèanadh barrachd airgid dhaibh.

Clach-cuimhne Blàr a' Chumhaing
Braes, Isle of Skye

Chaidh na ‘Cogaidhean Fearainn’ aig deireadh nan 1800an a thòiseachadh leis na croitearan a bha ag iarraidh còir air an fhearann aca fhèin – còir a bh’ air a bhith aca fo shiostam nan cinnidhean airson linntean – aithnichte gu h-oifigeil san lagh. Thàinig seo uile gu ceann sa Ghiblean 1882 aig ‘Blàr a’ Chumhaing’, faisg air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Bha muinntir a’ Bhràighe seachd searbh sgìth dhen uachdaran aca, am Morair Dòmhnallach, às dèidh dha co-dhùnadh a dhèanamh am màl aca àrdachadh.

Leis gu robh an aonta màil aca cha mhòr deiseil, roghainnich iad an ìre ùr a phàigheadh. A dh’aindeoin sin, thuirt an Dòmhnallach nach robh e dol a dh’ùrachadh an aonta aca. Chuir na croitearan romhpa gun a’ mhàil a phàigheadh gus am biodh a’ chùis air a rèiteachadh, le cuid dhiubh a’ cur an cuid chaorach a-mach gu ionaltradh far an robh e toirmisgte, air an fhearann aig Beinn Lì (faic Òran Beinn Lì le Màiri Mhòr nan Òran). Dh’fheuch an Dòmhnallach na croitearan fhuadachadh, a’ tarraing a-steach an lagha, ach bha oidhirp Oifigear an t-Siorraim à Port Rìgh gus na croitearan a chlìoreadh far an cuid fhearainn mì-shoirbheachail: thug na croitearan air na pàipearan gairm a losgadh.

A’ tuigsinn gun robh an cuis seo gu bhith na bu duilghe na bha dùil, chuir an Siorram a dh’iarraidh daingneachadh à Glaschu: leth-cheud oifigear a bharrachd gu lèir. Cha robh na croitearan deònach am fearann a leigeil seachad gun shabaid, agus mar sin, nuair a ràinig na h-oifigearan à Glaschu air an 19 Giblean 1882, chaidh fàilte a chur orra le biorain is clachan air an ceitheamh orra le mu cheudnar de mhuinntir an àite. Le tòrr a bharrachd nan àireamh, chuir na croitearan tilleadh air na poilis an ceann ùine, ach cha b’ ann mus deach grunn de dh’dhaoine  a ghoirteachadh. Chaidh beagan chroitearan a chur an grèim agus càintean a thoirt dhaibh, ach fhuair iad taic anns na meadhanan bho air feadh na dùthcha.

Road sign into Braes

Cha b’ urrainn don riaghaltas a’ chùis a sheachnadh tuilleadh: bha aca ri rudeigin a dhèanamh gus aghaidh a chur air èiginn nan croitearan. Ghairm iad rannsachadh poblach, Coimisean Napier, gus sgrùdadh a dhèanamh air cor beòshlaint nan croitearan agus nan coitearan a bha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. ’S e tèarainteachd gabhaltais do chroitearan an dìleab eachdraidheil a dh’fhàg an Coimisean a bha air a stiùireadh le Francis Napier, an 10mh Morair Napier.