Skip to content
gaelic-education-banner

Mar a nithear iarrtas – Cùrsaichean Goirid

Chan fhaodar ach aona chùrsa a dhèanamh tron t-seachdain.

Feumaidh gach duine iarrtas fa leth a dhèanamh, a’ cleachdadh seòladh puist-d fa leth. Chan fhaod barrachd air aon duine clàradh leis an aon foirm.

Airson iarrtas a dhèanamh, le neo às aonais àite-fuirich, leanaibh na ceanglaichean dhan a’ chùrsa a tha sibh ag iarraidh. Ma tha sibh clàraichte ann am foghlam làn-thìde, neo air cùrsa air astar againne, “An Cùrsa Inntrigidh / An Cùrsa Adhartais”, bidh sibh airidh air prìs oileanaich, mura h-eil, taghaibh prìs “Standard”. 

Ma bhios cuideigin eile a’ pàigheadh nan cìsean, mar eisimpleir fastaiche, neo ma gheibh sibh bursary, taghaibh prìs “Funded/Maoinichte” agus gheibh sibh fàirdeal a dh’fhaodas sibh a chur air adhart thuca. Às dèidh dhuibh am foirm a lìonadh, cuiribh ris a’ bhasgaid e, agus gheibh sibh cothrom àite-fuirich a chlàradh.

ÀITE-FUIRICH

Chan eil àite-fuirich ri fhaighinn ach do dh’oileanaich is daoine a bhios sa cheart sheòmar còmhla riutha, is bu chòir an seòmar a chlàradh aig a’ cheart àm ‘s a thèid an cùrsa a chlàradh. Taghaibh an seòmar (singilte/dithis/so-ruigsinneach – thoiribh an aire nach eil e ceadaichte seòmar airson dithis a chlàradh do dh’aon duine). Taghaibh “Oidhche Dhòmhnaich – Ardaoin” agus an tiogaid (Standard/Oileanach/Maoinichte), còmhla ris a’ cheann-latha a bhios sibh a’ ruigsinn na Colaiste, is chuiribh ris a’ bhasgaid e. Faodaidh sibh tilleadh is oidhche Haoine/Shathairne a chur ris mar a bhios iomchaidh.

Ma bhios sibh a’ siubhal còmhla ri cuideigin eile a bhios a’ fuireach san t-seòmar còmhla riut nach bi a’ dèanamh cùrsa, cuiribh am fios leis a’ chlàradh àite-fuirich agaibh fhèin is chan fheumar iarrtas fa leth a dhèanamh airson ur caraid, ach ma bhios ur caraid an dùil cùrsa a dhèanamh feumar iarrtas-cùrsa fa-leth a lìonadh air an son fhèin.

DEARBHADH

Às dèidh dhuibh foirmichean a lìonadh, briogaibh air a’ bhasgaid airson pàigheadh – feumaidh sibh seo a dhèanamh fiù ’s mura bi ach neoni ri phàigheadh. Gheibh sibh post-d le ceangal-dearbhaidh. Mura faigh sibh seo taobh a-staigh beagan mhionaidean, thoiribh sùil air a’ phasgan “Junk Mail” agaibh is cuiribh dhan liosta “safe senders” sinn. Mura tèid an clàradh a dhearbhadh leis a’ cheangal, thèid a chur dheth leis an t-siostam.

Sgaoilidh sinn “Joining Instructions” tron t-seachdain mus tòisich a’ chùrsa.

DUILGHEADASAN TEICNEÒLAIS

Airson taic, cuiribh fios gu:

Fòn: 01471 888246 (+44 1471 888246 bho thall thairis)

Post-d:

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578