Skip to content

CLASAICHEAN OIDHCHE AIR-LOIDHNE

Bidh na h-ath clasaichean oidhche air-loidhne a’ tòiseachadh anns an Fhaoilleach, agus bidh iad a’ gabhail àite tro Zoom. Bidh sinn a’ cur barrachd chùrsaichean an seo tron bhliadhna, ach ma tha cùrsaichean sam bith ann a chòrdadh leat fhaicinn, nach leig thu fios thugainn air: . Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agad, air neo ma tha thu 26 bliadhna a dh’aois no nas òige agus a-riamh ann an suidheachadh cùraim  (mar eisimpleir: cùram-daltachd, còmhnaidh leth-neo-eisimeileach no dachaigh-cùraim) agus gheibh thu 30% far a’ chùrsa agad!

CINN-LÀ IS CÙRSAICHEAN

Tha na clasaichean gu h-ìosal ann an òrdugh a rèir ceann-latha tòiseachaidh.

AM FAOILLEACH 2025

BEARTAS CAINNT LE AILIG BHALTOIS DÒMHNALLACH

Tha an cùrsa seo dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas. Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

A’ tòiseachadh 13 Faoilleach 2025
19:30 – 21:00
gach Diluain airson 8 seachdainean

GÀIDHLIG ÌRE 6

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach àrd agus a tha comasach còmhradh a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach.

A’ tòiseachadh 14 Faoilleach 2025
19:00 – 20:30 gach Dimàirt
airson 8 seachdainean

GÀIDHLIG ÌRE 8

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig a bheil eòlas làidir air a’ Ghàidhlig, le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh. Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.

A’ tòiseachadh 14 Faoilleach 2025
19:00 – 20:30 gach Dimàirt
airson 8 seachdainean

AINMEAN-ÀITE NA H-ALBA – ÌRE 2

Tha an cùrsa seo air a dhealbhadh mar leantalachd de Chùrsa Goirid an t-Samhraidh no Cùrsa Air-loidhne Ìre 1. Ged nach eil e riatanach a bhith air crìoch a chur air a’ chùrsa Ìre 1 roimhe seo, cha tèid an stuth a choimhead air a-rithist, agus mar sin bhiodh beagan eòlas ‘toponymic’ feumail airson a’ chuid as fheàrr fhaighinn às a’ chùrsa seo. Bidh an cùrsa air a theagasg tro mheadhan na Beurla; chan eil feum air eòlas sam bith air Gàidhlig no cànanachas.

A’ tòiseachadh 14 Faoilleach 2025
19:30 – 21:00
gach Dimàirt airson 8 seachdainean

GÀIDHLIG ÌRE 2

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:

  • roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
  • ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
  • agus structaran coimeasach.

A’ tòiseachadh 16 Faoilleach 2025
19:00 – 20:30 gach Diardaoin
airson 8 seachdainean

GÀIDHLIG AIR CRUTH NA TÌRE

Tha an cùrsa aon-latha seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an ainmean Gàidhlig nar tìr, mar eisimpleir ainmean bheanntan agus cruthan cumanta eile leithid bealach, allt is eilean, agus tha an cùrsa seo gu sònraichte inntinneach do luchd-iùil nam beann agus oidean air a’ bhlàr-a-muigh.

01 Gearran 2025
10:00 – 15:30

Airson taic le siostam clàraidh nan cùrsaichean, cliog an seo.
 
Gheibhear taic le siostam OGE cuideachd air +44 (0) 1463 279 150 no bho helpdesk@uhi.ac.uk.
 
Ma tha ceistean sam bith eile agad, leig fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 246 no cuir post-d gu sm00cg@uhi.ac.uk.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578