Skip to content

Pàipearan-rannsachaidh An Àrd-Ollaimh Choinnich MhicFhionghain

Tha an t-Àrd-Ollamh MacFhionghain air a bhith an sàs ann an rannsachadh na Gàidhlig bho na 1970an agus tha a chuid saothrach air cur gu mòr ri oidhirpean ath-bheothachadh na Gàidhlig. Tha a chuid rannsachaidh thar nam bliadhnaichean air dealbh a tharraing de bheachdan is gluasadan a thaobh na Gàidhlig fhèin agus ciamar a bhathar is a thathar ga cleachdadh anns na coimhearsnachdan. Tha pàipearan rannsachaidh anns an tasglann air na pròiseactan a leanas:

Language, Education and Social Processes

Làmh-sgrìobhainn de thràchdas a chuireadh a-steach le Coinneach MacFhionghain do dh’Oilthigh Lunnainn airson ceuma an Dotair Feallsanachd. An Giblean 1975. Stèidhichte air rannsachadh air gluasad cànain anns na Hearadh, 1972-74.

Ethnic Communities: the Transmission of Culture and Language,1976-8, Harris, Barra and Cape Breton

Sgrùdadh ceisteachain air gleidheadh na Gàidhlig san teaghlach is cleachdadh cànan sa choimhearsnachd, anns na Hearadh, ann am Barraigh agus ann an dà choimhearsnachd Gàidhlig ann an Eilean Cheap Bhreatainn.

Language Maintenance and Viability in the Scottish Gaelic Speech Community, 1986-8, Western Isles

Chleachd an sgrùdadh seo an aon dòigh-obrach ‘s a chleachd an sgrùdadh mu dheireadh ach anns na h-Eileanan Siar gu lèir agus san Eilean Sgitheanach, deach bliadhna às a dhèidh. B’ urrainnear coimeas a dhèanamh le cuid den rannsachadh on a chaidh ceistean co-ionnan a chur. Sheall na toraidhean gun robh a’ Ghàidhlig air a glèidheadh gu ìre mhath eadar seanairean/seanmhairean agus pàrantan, ach gun robh briseadh mòr ann eadar an luchd-freagairt agus an cèilean, an luchd-freagairt agus an cuid chloinne, agus am measg na cloinne fhèin.

Euromosaic 1994/5

Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh le Coimisean nan Coimhearsnachdan Eòrpach airson cleachdadh cànain, beachdan is fallaineachd buidhnean mion-chànanan an Aonaidh Eòrpaich a rannsachadh. Chaidh Coinneach MacFhionghain fhastadh airson rannsachadh a dhèanamh air luchd-bruidhne na Gàidhlig ann an Alba.

Scottish Opinion on Gaelic,  1981

Làmh-sgrìobhainn, lethbhreac an ùghdair is an aithisg fhoillsichte. Chaidh an rannsachadh seo a chur air bhonn leis a’ Chomann Ghàidhealach agus tha e na sgrùdadh air beachdan muinntir na h-Alba air gnothaichean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig ann an Alba, gu seachd àraid air aithne oifigeil don chànan.