Comann nan Oileanach
Tha oileanaich chlàraichte uile nam buill de Chomann nan Oileanach. Tha Comataidh Co-chomhairleachaidh nan Oileanach air a dhèanamh an àirde de riochdairean bho gach clas is cùrsa. A thuilleadh air a seo, tha riochdairean oileanach air mòran de chomataidhean na Colaiste. Tha Comann nan Oileanach mar bhall de NUS agus tha cothrom aig riochdairean Shabhal Mòr Ostaig a bhith air HISA, Comann Oileanach OGE. Thèid oileanaich a bhrosnachadh le taic bho luchd-obrach na Colaiste gus buidhnean spòrs is sòisealta a chur air dòigh.
Tha sinn air air dòigh gu bheil Comann làidir, èasgaidh a-nis againn airson a’ bhliadhna acadaimigeach 2026/27! Seo na buill:
- Ceann-suidhe: Anna NicCoinnich
- Leas Cheann-suidhe is Oifigear Neùro-iomadachd: Fearghas MacLugh
- Rùnaire: Calum Mac an t-Sealgair
- Ionmhasair: Seoc Culbertson
- Oifigearan Tachartasan: Ruby NicLeòid is Seumas Mac a’ Ghobhainn
- Oifigear Àrainneachd: Sophie Thomson
- Oifigear Slàinte-inntinn: Eliane Mhoireasdan
- Oifigeare Àitichean-fuirich: Chloe Curtis
- Oifigear Spòrs: Màiri Gaffney
Faodar Comann nan Oileanach a leantail air Instagram agus TikTok gus cumail suas leis na naidheachdan agus tachartasan as ùire do dh’oileanaich.

