
CÌSEAN TEAGAISG 2022/23
Tha cìsean teagaisg a’ ciallachadh na phàigheas tu airson an teagaisg a gheibh thu tron bhliadhna is bidh iad eadar-dhealaichte a-rèir dè an cùrsa a tha thu a’ dèanamh, cò às a tha thu agus far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach. Bu chòir dhut cuideachd smaoineachadh air cosgaisean a bharrachd mar eisimpleir cosgaisean fuirich, biadh agus rudan eile a leithid leabhraichean (leugh na tuairisgeulan mhodalan). Ma tha dragh idir ort mu chìsean is cosgaisean feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304 no aig is bheir iad comhairle dhut ma bhios taic no cuideachadh ann dhut.
Tha uimhir de dhòighean maoineachaidh rim faighinn airson oileanaich a chuidicheas le cìsean a’ chùrsa agus leis na cosgaisean fuirich agad, a-rèir an t-suidheachaidh.
Mar oileanach eadar-nàiseanta, faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle air maoineachadh.
Ma tha ballrachd agad ann am prògram bhuannachdan alumni UHI tha cuid de Chùrsaichean ann far an tèid ìsleachadh prìs a thabhann.
Faic am PDF gu h-ìosal airson liosta slàn de na cosgaisean airson nan cùrsaichean againn.