Cothrom-maoineachaidh PhD
Tha tagraidhean a-nis fosgailte airson maoineachadh-dotaireachd SGSAH ann an Sgrùdaidhean Gàidhlig agus Ceilteach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (OGE).
Cuiridh Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta do Chànan agus Cultar na Gàidhlig, fàilte ro thagraidhean bho luchd-tagraidh aig a bheil teisteanasan freagarrach, gu sònraichte anns na raointean a leanas: litreachas na Gàidhlig, bho na Meadhan Aoisean don linn nuadh-aimsireil; beul-aithris; ainmean-àite; sòiseo-chànanachas; eachdraidh agus cultar dùthchasach na Gàidhealtachd; agus ceòl traidiseanta.
Thathas ag iarraidh air luchd-tagraidh fios a chur don Cheannard Rannsachaidh, Abigail Burnyeat, air a’ chiad dol a-mach, gus conaltradh a dhèanamh mun phròiseact a tha fa-near dhaibh:
Gheibhear fios a bharrachd aig a’ cheangal gu h-ìosal.
https://www.uhi.ac.uk/en/research-enterprise/grad-school/studentships/ahrc-studentships/