
BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam
DUAIS: Fo-cheumDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 4 bliadhna airson BA le Urram
CÒD: XQ10
NEACH-STIÙIRIDH: Shona NicCarmaig
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
FEARTAN SÒNRAICHTE
Tha am BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus tha cuideam air foghlam bogaidh agus modhan-teagaisg dà-chànanach ann an sgoiltean. Bheir am prògram cothrom dhut barantas le Urram agus teisteanas teagaisg fhaighinn taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus tha e na shlighe dhìreach a-steach gu teagasg ann an raon far a bheil gainnead luchd-obrach.
Tha cothrom ann an dà chuid Gàidhlig agus foghlam a sgrùdadh ann an suidheachadh bogaidh agus tha an cùrsa air a dhealbh airson teagasg Àrd-sgoile (Gàidhlig) no teagasg Bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, le 30 seachdain de ghreisean-sgoile uile gu lèir eadar Bliadhna 1 agus 4. Thèid oileanaich an sàs ann an ionnsachadh ann an suidheachadh bogaidh a tha beartach a thaobh cànan agus cultar. Bheir seo bun-stèidh sònraichte dhaibh ann a bhith ag amas air dreuchd ann am Foghlam Gàidhlig.
MÌNEACHADH
Is e prògram ann am foghlam thidsearan tro mheadhan na Gàidhlig a tha sa chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a tha air a thabhann taobh a-staigh Sgeama na Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte (SGCC) aig OGE.
Bidh oileanaich a’ dèanamh Bliadhna 1 agus 2 de SGCC, le cothrom seiminearan foghlaim agus 9 seachdainean de ghreisean-sgoile a dhèanamh. Air Bliadhna 3 agus 4, gheibh oileanaich barrachd oideachaidh ann am modalan foghlaim agus modalan SGCC agus 21 seachdainean eile de ghreisean-sgoile.
Tha am Prògram air a thabhann air an làraich ach dh’fhaodadh cothrom a bhith ann Bliadhna 3 agus 4 a dhèanamh air astar le cead bho Cheannard Roinn an Fhoghlaim. Dh’fheumadh oileanaich air astar a bhith stèidhichte faisg gu leòr air ionad/sgoil a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus greisean-sgoile a dhèanamh.
SUSBAINT
Bidh oileanaich air an làraich a’ dèanamh Bliadhna 1 agus 2 de SGCC le cothrom 3 seachdainean de ghreisean-sgoile agus seiminearan foghlaim a dhèanamh air Bliadhna 1 agus 6 seachdainean de ghreisean-sgoile agus seiminearan foghlaim a dhèanamh air Bliadhna 2. Ann am Bliadhna 3 agus 4, thèid oileanaich an sàs ann am prògram oideachaidh slàn de mhodalan foghlaim agus modalan SGCC agus bidh 21 seachdainean a bharrachd de ghreisean-sgoile nan lùib.
‘S e bliadhna cànain a tha anns a’ Chiad Bhliadhna de SGCC, agus nì oileanaich An Cùrsa Comais no Gàidhlig agus Conaltradh air an làraich a rèir comas sa chànan aig toiseach a’ chùrsa. Cuide ri na modailean cànain, tha aon mhodal foghlaim agus trì seachdainean greis-sgoile mar phàirt dheth.
Ann am Bliadhna 2, nì oileanaich modalan riatanach bho SGCC ann an Gàidhlig fhèin agus ann an cuspairean eile ceangailte ris a’ Ghàidhlig, a thuilleadh air dà mhodal mu fhoghlam Gàidhlig.
Am measg nam modalan ann am Bliadhnaichean 3 agus 4, bidh Clann agus an Ionnsachadh agus An Neach-dreuchdail Breithneachail is Feòrachail. Anns na modalan ann an eòlas proifeiseanta gheibhear 21 seachdainean de ghreisean-sgoile ann am bliadhna 3 agus 4.
MODALAN RIATANACH
Module Code: UQ509824
Credits: 20
Bha Gàidhlig 2 gu ìre mhòr mu dheidhinn structaran cumanta gràmarail na Gàidhlig. Tha Gàidhlig 3 a’ feuchainn ris an eòlas sin a dhaingheachadh, ach tha am modal gu sònraichte a’ feuchainn ri snas, leud agus sùbailteachd a chur ris an eòlas sin.
Leughar is cluinnear eisimpleirean de dheagh Ghàidhlig air iomadh cuspair agus nithear sgrùdadh orra, a’ beachdachadh air cho soirbheachail, mionaideach, grinn no freagarrach ‘s a tha an cànan annta. Tha am modal cuideachd a’ coimhead air sgilean eadar-theangachaidh.
An dèidh crìoch a chur air a’ mhodal, bu chòir don oileanach a bhith comasach air;
- a bhith comasach air teagsa a cheartachadh a thaobh litreachaidh agus gràmair (‘proof reading’)
- bruidhinn ‘beò’ air cuspairean sònraichte is spèisealta, a’ cleachdadh briathrachas agus stoidhle iomchaidh
- sgrìobhadh foirmealta agadaimigeach, a fhreagras air obair oilthigh, ach a bhios soilleir agus a ghabhas tuigsinn.
- sgrìobhadh air cuspairean sònraichte is spèisealta, ann an stoidhle iomchaidh, foirmealta no neo-fhoirmealta
- Gàidhlig shiùbhlach, nàdarra a chur air earrainnean eadar-theangachaidh.
Module Code: UQ509825
Credits: 20
BLIADHNA 1 – SCQF Ìre 7
’S e bliadhna de bhunait cànain a tha ann am Bliadhna 1 de SGCC agus, a rèir do chomasan cànain faodaidh tu An Cùrsa Comais no Gàidhlig agus Conaltradh a dhèanamh. Gheibh oileanaich air An Cùrsa Adhartais a tha air a thabhann pàirt-tìde, air astar (co-ionann ri An Cùrsa Comais) slighe gu teagasg tro PGDE – cùrsa teagaisg for-cheum. Gheibh oileanaich trì seachdainean de ghreis-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann foghlam Gàidhlig agus gheibhear seiminearan foghlaim seachdaineil mar dheasachadh air na greisean-sgoile seo.
BLIADHNA 2 – SCQF Ìre 8
Ann am Bliadhna 2, bidh thu a’ leantail mhodalan riatanach bhon Sgeama, leithid Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig, le dà mhodal air foghlam Gàidhlig nam measg. Gheibh oileanaich 9 seachdainean de ghreisean-sgoile ann an sgoil a tha a’ tabhann foghlam Gàidhlig.
BLIADHNA 3 – SCQF Ìre 9
- Gàidhlig 3
- Sgilean Rannsachaidh
- Clann agus an Ionnsachadh
- Greisean sgoile 1 (9 seachdainean)
- Modal roghainneil aig SCQF 8, 9 no 10
BLIADHNA 4 – SCQF Ìre 10
- Tràchdas Ceuma
- An Neach-dreuchdail Breithneachail is Feòrachail
- Greisean sgoile 2 (12 seachdainean)
- Modal roghainneil aig SCQF 9 no 10
SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH
- Teagasg àrd-sgoile (Gàidhlig)
- Teagasg bun-sgoile ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam dà-chananach
- Cothroman oideachaidh for-cheum
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
Airson faighinn a-steach gu Bliadhna 1 agus 2 de SGCC, gu h-àbhaisteach feumaidh tu 3 Àrd Ìre aig BBC no nas fheàrr, le teisteanas ann an Gàidhlig do dh’fhileantaich no luchd-ionnsachaidh aig Àrd Ìre B no nas fheàrr.
- Soirbheachadh ann an agallamh a rèir dòigh-giùlain agus modhan-obrach teagaisg mus tòisichear air a’ chùrsa
- Feumar modhan-obrach Disclosure Scotland a choileanadh (PVG) mus tèid thu an sàs ann an greisean-sgoile air Bliadhna 1
- Àrd Ìre Beurla aig C no nas fheàrr, no teisteanas co-ionann, agus Matamataig aig Ìre Nàiseanta 5 no Sàr-ìre (An Ìre Choitcheann) no teisteanas Cùrsa Nàiseanta ìre Eadar-mheadhanach 2 aig C no nas fheàrr. Chuirear fàilte air tagraichean le teisteanasan eile aig an aon ìre. Thathar a’ moladh gum bi na teisteanasan seo aig oileanaich mus tòisich iad air a’ chùrsa no ro dheireadh Bliadhna 2 aig a’ char as fhaide.
- Nam biodh an tagradh agad soirbheachail am–bliadhna, dh’fhaodadh tu àite a ghlèidheadh air a’ chùrsa ged a bhiodh tu am beachd bliadhna a chur seachad a’ dèanamh rudeigin eile mus tòisich thu. Mar eisimpleir, siubhal no ag obair mar neach-taic ann an sgoil.
Tha stiùireadh sònraichte aig Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba (GTC Scotland) a rèir cuspair airson teagasg àrd-sgoile. Gheibhear barrachd fios an seo: Memorandum on Entry Requirements to Programmes of Initial Teacher Education in Scotland, 2019
A’ CUR A-STEACH IARRTAS
Feumar tagradh a dhèanamh tro Sheirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean (UCAS). Is e seo am prìomh sheirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh agus colaiste foghlaim àrd-ìre san RA.
COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2024/25
* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.
Fo-cheum, oileanaich làn-ùine
Cìs gach bliadhna airson cùrsa 120 creideas
Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)