BA Gàidhlig agus Leasachadh

DUAIS: Cùrsaichean air Astar
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air-astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA:
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: Sgioba Chùrsaichean air Astar
CUIR FIOS: BA Gàidhlig agus Leasachadh ( )

MÌNEACHADH

Tha am BA (le Urram) air astar stèidhichte aig SCQF 10 agus tha e an aon rud ri Ìre 4 den cheum BA (le Urram) air taobh a-staigh na Colaiste.  Gu h-àbhaisteach, tha am BA (le Urram) air astar ga dhèanamh pàirt-ùine.

Tha an cùrsa seo ag amas air oileanaich a thrèanadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a’ leudachadh san roinn seo, leis gum feum buidhnean oifigearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005.

Bidh thu a’ dèanamh choimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànanan agus cultaran eile ann an Èirinn, a’ Chuimrigh, tìr-mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a Tuath.

 

SUSBAINT

Tha 6 modalan aig ìre 4, air an dèanamh suas le modalan spèisealta agus modal riatanch, Tràchdas Ceuma. ‘S e modal dùbailte a tha seo.

Tha cead aig oileanach cuideachd aon mhodal roghainneil a dhèanamh, .i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a’ Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad ‘s a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Is ann sa Bheurla, mar as trice, a thèid modalan a lìbhrigeadh bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama.) Faodaidh am modal seo a bhith aig Ìre SCQF 9 no SCQF 10.

Gus am BA (le Urram) a thoirt a-mach, bidh oileanaich a’ dèanamh an Tràchdas Ceuma, (creideasan luach dà mhodal), trì modalan spèisealta bhon phrògram Gàidhlig is Leasachadh agus aon mhodal roghainneil.

 

Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich air acfhainn coimpiutair a fhreagras feumalachdan nam modalan fa leth.

Am bitheantas, bidh seo a’ toirt a-steach na leanas: coimpiutair agus ceangal ris an Eadar-lìon; sealladair lìn (a leithid Firefox no Internet Explorer); agus prògram puist-dealain’“ ‘s e Microsoft Office 365 am prògram a chleachdas luchd-teagaisg gus conaltradh ri oileanaich. Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich cuideachd air fòn airson chlasaichean oide fòn. Cha bu chòir fon-làimh no Skype a chleachdadh, oir bidh iad ag adhbhrachadh trioblaidean fuaim sa chlas.

Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Brightspace (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Brightspace.

Mar as trice, bidh 2 chlas oide fòn gach seachdain mu choinneimh gach modal. A thaobh an Tràchdas Ceuma, bidh clasaichean taic ann aig amannan a thèid aontachadh le stiùiriche a’ mhodail agus stiùiriche pearsanta an tràchdais.

Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean oide, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

Ìre 4 (SCQF 10)

Riatanach

  • Tràchdas Ceuma

Modalan Gàidhlig is Leasachadh

  • Poileasaidh is Plana Cànain 2
  • Poileasaidh Cànain san Àite-obrach
  • Leasachadh Seasmhach
  • Imrich

Modal Roghainneil

  • Sgilean Eadar-theangachaidh
  • Modal air astar eile bho SCQF ìre 9 no10

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 3 (SCQF 9) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 3 gu Ìre 4:

a. Feumaidh oileanaich aig ìre 3 (BA) 50% aig a’ char as lugha fhaighinn ann an Gàidhlig 3 agus 40% aig a’ char as lugha fhaighinn anns na modalan eile a rinneadh aig SCQF ìre 9.

b. Gheibh oileanaich eile a-steach le cead bho Roinn an Fhoghlaim, ma thèid a cho-dhùnadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 4 a choileanadh agus slatan-tomhais am BA (le Urram) a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a’ Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

 

BA Gàidhlig agus Leasachadh
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578