Skip to content

BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig

DUAIS: Ceum (le Urram),Cùrsaichean air Astar,Fo-cheum
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Air Astar,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 3 Bliadhna airson BA, 4 Bliadhna airson BA le Urram
CÒD: Q530
NEACH-STIÙIRIDH: Mark Wringe
CUIR FIOS: Eilidh Ghrannd ( )

FEARTAN SÒNRAICHTE

Air a’ chùrsa BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig, bidh thu a’ sgrùdadh Gàidhealtachd an latha an-diugh is an latha an-dè agus a’ ruighinn sàr ìre comais ann an Gàidhlig. Sa cheathramh bliadhna, bidh cothrom agad siubhal gu oilthigh ann an Canada no an Èirinn, a bheir sealladh dhut air farsaingeachd saoghal nan Gàidheal. Bidh na sgilean a thogas tu air a’ chùrsa a’ toirt fìor chothrom dhut air na cothroman obrach a bhios a’ nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh.

MÌNEACHADH

Tha an ceum BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig a’ toirt cothrom dhan oileanach eòlas ceasnachail a chur air litreachas, cainnt agus feallsanachd nan Gàidheal, le coimeasgadh den eachdraidh agus de chuspairean is de chùraman ùr-nodha a bhios a’ bualadh air saoghal nan Gàidheal. Tha cothroman ann cuideachd tarraing air cuspairean co-cheangailte anns na ceumannan eile san Sgeama. Tha na h-ealainean, litreachas sean is ùr, còraichean cànain, beul-aithris agus an dàimh ri cànanan eile (leithid Gàidhlig na h-Èireann) uile air a’ chlàr-ionnsachaidh.

SUSBAINT

Air a’ chùrsa BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig, bidh thu a’ sgrudadh Gaidhealtachd an latha an-diugh ‘s an latha an-dè agus a’ ruighinn sàr ìre comais ann an Gàidhlig. Sa cheathramh bliadhna, bidh cothrom agad siubhal gu oilthigh ann an Canada no Èirinn, a bheir sealladh dhut air farsaingeachd saoghal nan Gàidheal. Bidh na sgilean a thogas tu air a’ chùrsa a’ toirt fior chothrom dhut air na cothroman obrach a bhios a’ nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh.

BLIADHNA 1 – SCQF Ìre 7 Airson roghainnean aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais, An Cùrsa Adhartais agus Gàidhlig agus Conaltradh. BLIADHNA 2 – SCQF Ìre 8 Modalan riatanach

  • Gàidhlig 2
  • Cànan, Cultar agus Cinnidheachd

Modalan roghainneil

  • Beul-aithris
  • An Sgeulachd Ghoirid
  • Ainm-eòlas na h-Alba
  • Bàrdachd bho 1900
  • Sgoilearachd is Eilthireachd nan Gàidheal

BLIADHNA 3 – SCQF Ìre 9 Modalan riatanach

  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh

Modalan roghainneil

  • Dualchas Gàidhlig
  • Bàrdachd 1600 – 1900
  • Gàidhlig na h-Èireann
  • Rosg Gàidhlig
  • Sgrìobhadh Cruthachail
  • Eachdraidh agus Leasachadh a’ Chànain

BLIADHNA 4 – SCQF Ìre 10 Modalan riatanach

  • Tràchdas Ceuma

Modalan roghainneil

  • An t-Aos Dàna
  • Tuigse nan Ceilteach
  • Na Dualchainntean Gàidhlig
  • Sgilean eadar-theangachaidh

SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH

  • Foghlam
  • Rianachd phoblach
  • Leasachadh eaconomaigeach agus cultarach
  • Ionnsachadh aig ìre for-cheum agus cothroman rannsachaidh

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig B, B, agus C no nas fheàrr, a’ gabhail a-steach Gàidhlig do dh’fileantaich no luchd-ionnsachaidh aig Àrd-ìre B no nas fheàrr; no
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Bidh agallamh agad airson dearbhadh dè an cùrsa a bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad. Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan. Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlaim air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma. Tha Greis Gnìomhachais na modal riatanach air a’ chùrsa seo agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dèanamh ann an sgoil no ionad cùraim-chloinne.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578