BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh

DUAIS: Cùrsaichean air Astar,Cùrsaichean Fo-cheum
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Air-astar,Làn-ùine
DÈ CHO FADA: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA le Urram
CÒD: Q505
NEACH-STIÙIRIDH: Mark Wringe
CUIR FIOS: Eilidh Ghrannd ( iarrtas@smo.uhi.ac.uk )

FEARTAN SÒNRAICHTE

Bheir an ceum seo sgilean obrach dhut air a bheil fèill mhòr ann an Alba, a’ toirt dhut an cothrom as fheàrr sa mhargaidh-obrach airson eòlas fhaighinn air leasachadh poileasaidhean cànain agus leasachadh choimhearsnachdan. A’ tarraing air eisimpleirean eadar-nàiseanta, tha an cùrsa a’ deasbad mar as urrainnear a’ Ghàidhlig agus a lìonraidhean sa choimhearsnachd a bhith air an neartachadh. Air a’ bhliadhna urraim, faodaidh tu taghadh a dhèanamh a dhol gu oilthigh eile ann an Canada no Èirinn fad semeastair.

MÌNEACHADH

Tha an ceum seo ag amas air oideachadh agus trèanadh a thoirt dhut ann an leasachadh poileasaidhean Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a’ leudachadh san roinn seo, leis gum feum buidhnean oifigearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005. Air a’ chùrsa, bidh thu a’ dèanamh choimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànanan is cultaran eile ann an Èirinn, a’ Chuimrigh, tìr-mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a Tuath.

BLIADHNA 1 – SCQF Ìre 7

Airson an structair aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais, An Cùrsa Adhartais agus Gàidhlig is Conaltradh.

BLIADHNA 2 – SCQF Ìre 8

Modalan riatanach

  • Gàidhlig 2
  • Cànan, Cultar agus Cinnidheachd

Modalan roghainneil

  • Saoghal na Gàidhlig 2
  • A’ Ghàidhlig An-dè is An-diugh
  • Eachdraidh Shòisealta na Gàidhealtachd
  • Leasachadh air a’ Ghàidhealtachd agus Roinnean Iomallach

BLIADHNA 3 – SCQF Ìre 9

Modalan riatanach

  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh

Modalan roghainneil

  • Poileasaidh is Planadh Cànain 1
  • Nàiseantachd is Fèin-aithneachadh Nàiseanta
  • Leasachadh Choimhearsnachdan san 21a linn
  • Mothachadh Cànain
  • Dlùth-chruinneas agus Coimhearsnachdan Iomallach
  • Leasachadh Choimhearsnachdan Gàidhlig: Sgilean Practaigeach

BLIADHNA 4 – SCQF Ìre 10

Modalan riatanach

  • Tràchdas Ceuma

Modalan roghainneil

  • Poileasaidh Cànain san Àite-obrach
  • Poileasaidh is Plana Cànain 2
  • Imrich
  • Leasachadh Seasmhach
  • Sgilean Eadar-theangachaidh

SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH

  • Leasachadh coimhearsnachd agus leasachadh cànain
  • Rianachd phoblach
  • Foghlam
  • Ionnsachadh aig ìre for-cheum agus cothroman Rannsachaidh

Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach no na cuideachadh, an dà chuid san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich.

Bidh na sgilean a thogas tu fhad ‘s a tha thu còmhla rinn a’ toirt fìor chothrom dhut air na diofar obraichean a bhios a’ nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh anns na meadhanan, foghlam, seirbheisean poblach, cultar is dualchas, na h-ealain, eadar-theangachadh, leasachadh na Gàidhlig agus obair sa choimhearsnachd.

Mar oileanach an t-Sabhail, bidh cothrom agad greis gnìomhachais a chur seachad sa chiad bhliadhna den chùrsa a bhios a’ cur gu mòr ri na sgilean cànain agus obrach agad. Bidh sinn a’ feuchainn ri oileanaich a chur air greisean gnìomhachais a bhios freagarrach, ann an coimhearsnachdan far a bheil an cànan cudromach, eadar sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar, agus suidheachaidhean bailteil mar Ghlaschu, far a bheil buidhnean a leithid am BBC stèidhichte, agus Dùn Èideann far a bheil Pàrlamaid na h-Alba.

Gheibh thu fiosrachadh air obraichean tha gan sanasachd an-dràsta agus iomadh cothrom eile a th’ ann do dh’oileanaich Ghàidhlig air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig B, B, agus C no nas fheàrr, a’ gabhail a-steach Gàidhlig do dh’fileantaich no luchd-ionnsachaidh aig Àrd-ìre B no nas fheàrr; no
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Bidh agallamh agad airson dearbhadh dè an cùrsa a bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad.

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan.

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlaim air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.

Tha Greis Gnìomhachais na modal riatanach air a’ chùrsa seo agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dèanamh ann an sgoil no ionad cùraim-chloinne.

Picture of SMO student
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578